28.1.2019 – 15.2.2019 ann an GM5-7: Sàbhailteachd air Loidhne, FilmG… is eile!

A-rithist, tha GM5-7 air a bhith gu math trang thairis air an dà sheachdain sa chaidh san sgoil!

Tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le Bloighean ann an Àireamhachd agus Bàtaichean ann an Topaic.  A-nis gu bheil sinn cho math air dealbhan teignigeach a dhèanamh, tha sinn a’ dol a chruthachadh seòl.  Feumaidh sinn tòrr sgilean ùra ionnsachadh mus tòisich sinn, ge-tà; feumaidh sinn ionnsachadh mu dheidhinn cheàrnan agus feumaidh sinn ar sgilean a leudachadh ann a bhith a’ tomhas agus a’ dealbhadh thriantan!

Tha sinn cuideachd air tòiseachadh air sgeulachd fhada, mhac-meanmnail a sgrìobhadh!  Gu ruige seo, tha plana againn agus tha sinn air a’ chiad dhreachd a dhèanamh air an toiseach agus an deireadh.  ‘S e obair mhòr a th’ ann, a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachdan a tha pongail, rianail – agus cha bhi na sgeulachdan deiseil fad seachdain no dhà fhathast!  Fuirich ach am faic sibh iad!

 

Latha Sàbhailteachd air Loidhne

‘S e Latha Sàbhailteachd air Loidhne a bh’ ann Dimàirt 5 an Gearran.  Bha GM5-7 agus EM4-7 an sàs ann an co-labhairt bhideo còmhla ri sgoiltean eile nan Eileanan Siar, is sinn a’ coimhead air Sgoil Bhaile Mhanaich agus Sgoil Lìonacleit agus an sàr obair a tha iadsan a’ dèanamh a thaobh sàbhailteachd air loidhne sna sgoiltean aca fhèin.  Thog sinn beachd no dhà bho na thuirt iad!

 

FilmG

Bha Cuirm nan Duaisean aig FilmG air Dihaoine 8 an Gearran ann an Glaschu!  ‘S e Archie, Luke agus Seamus a chaidh ann bhon chlas againn, còmhla ri Eilidh, Isla agus Dylan bhon àrd-sgoil.  ‘S e cothrom air leth a bh’ ann a bhith an làthair, agus ‘s e deagh oidhche a bh’ ann ann an da-rìribh.

Ach… cha do chaill càch a-mach gu buileach!  Chruinnich iadsan anns an Tairbeart air an oidhche fhèin airson biadh is spòrs, agus gus coimhead air a’ Chuirm air Facebook Live!  Leis an taic sgoinneil a fhuair sinn bho ar caraidean aig an taigh, is truagh nach do bhuannaich sinn!

Às dèidh seo… uill, bhrosnaich seo sinn tòiseachadh ri ullachadh airson na h-ath bhliadhna!  Tha plana againn airson sgriobt, a thogas air sgilean ann an èist is labhairt cuideachd (aon dhe na targaidean a th’ againn airson an teirm a tha seo).  Watch this space!!

Fhad ‘s a tha sinn a’ bruidhinn air èist is labhairt, rinn Clas 5 dealbh-cluiche eile dhuinn fhad ‘s a bha Clas 6 is 7 aig Harris House.  An turas seo, ‘s e teaghlach a bh’ annta a bha a’ dol air cuairt dhan t-sù, agus bha e sgoinneil!

 

A bharrachd air sin uile, bha sinn air Prògram Ailig dà thuras – a’ chiad turas air Dihaoine 1 an Gearran, is sinn a’ bruidhinn air FilmG (https://www.bbc.co.uk/programmes/m00028ly) agus air Dihaoine 8 an Gearran, is sinn a’ toirt seachad Dùrachdan airson Latha Naomh Bhaileintin (https://www.bbc.co.uk/programmes/m0002hv5).  Ma tha sibh luath, glacaidh sibh air iPlayer sinn!

 

Bliadhna Ur nan Sineach

Bliadhna Ur nan Sineach

Seo na drumaichean a rinn sinn airson Blaidhna Ur nan Sineach. Leugh sinn sgeulachd mu dheidhinn Nian, uilebheist a  bha a cuir dragh air na daoine ann a Sine o ‘chionn fhada. Bha aig na daoine ri fuam a dheanamh, teine a lasadh agus aodach dearg a chuir orra airson an t-eagal a chuir air. Rinn sinn torr fuam, cha tig uilebheist faisg air an sgoil againne!!

Leugh sinn a’ storaidh mu na beathaichean agus a’ reis. Fhuair sinn a-mach gur e Bliadhna na Muice a tha ann a bliadhna.

 

Rinn sinn ‘Pig Lanterns’ le pìosan paipear pinc. Cha robh seo furasta idir!! Seo feadhainn a bha deiseil.

          il

Latha Naomh Bhaileintin

Airson La Naomh Bhaileintin rinn sinn cairtean ann an cumadh cridhe le casan agus gairdein fada lubte.

 

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy

Glow Blogs uses cookies to enhance your experience on our service. By using this service or closing this message you consent to our use of those cookies. Please read our Cookie Policy.