15.03.18

Resilience 

Bha sinn ag obair comhla ri Clas 1-2 agus Mrs MacLeod agus a bruidhinn mu dheidhinn Resilience.

 

Latha mor nan leabhraichean

Bha Latha mor nan leabhraichean gu math sporsail. Bha aodach eibhinn oirnn agus thainig mamaidh Katie Morag a-steach airson leabhar a leughadh dhuinn. Leugh i Na Brogan agus Caileag.

                                          

 

Dealbh chluich

 Chaidh sinn gu dealbh-chluich comhla ri Clas 5-7. Bha e mu dheidhinn burraidheach.  Bha balach a sgriobadh rudan mu dheidhinn balach eile air an eadar-linn agus ga dheanamh bronach.

                                                           

Partaidh

Bha partaidh againn airson co-la-breith Ms Macqueen. Bha i 40! Chuidich Isabella sinn a h-uile rud fhaighinn deseil agus bha sinn math air a h-uile cail a chumail samhach! Chluich sinn geamanan agus bha sinn a dannsa. Bha biadh againn cuideachd. Bha Ms MacQueen uabhasach toilichte!

 

 

 

4.3.2019 – 15.3.2019

Consairt an Earraich – 5 am Màrt 2019

Chaidh am FilmG a rinn sinn a thaisbeanadh aig Consairt an Earraich agus, mar sin, fhuair GM5-7 an cothrom a dhol ann.  Bha Fiona, Isobel, Darren, Seamus agus Fraser a’ cluich ann co-dhiù (a’ chlann a rinn Neach-ciùil Òg na Bliadhna), ach chaidh Anna ann cuideachd agus thug an sianar seachad òraid sgoinneil air an obair ionganach a rinn iad!

 

Latha nan Leabhraicheam – 7 am Màrt 2019

Nochd sinn uile aig an sgoil air Latha nan Leabhraichean, agus aodach ar caractair as fheàrr à leabhar sam bith oirnn.  Bha an latha làn spòrs – agus ‘s e am pàirt as fheàrr leinn nuair a dh’èist sinn ri speuradair, is e a’ leughadh leabhar bho Stèisean-fànais Eadar-nàiseanta!  Fhuair sinn teòclaid teth agus dh’ith sinn briosgaidean fhad ‘s a bha sinn ag èisteachd – ma dh’fhaoidte gun do chuidich sin sinn ann a bhith a’ taghadh cò am pàirt a b’ fheàrr leinn dhen latha!!

 

Bàtaichean – 11 am Màrt 2019

Thàinig Coinneach Norrie a-steach a bhruidhinn rinn mu dheidhinn bhàtaichean cuideachd.  Sheall e dhuinn tòrr dhealbhan dhe bhàtaichean eadar-dhealaichte, agus bhruidhinn sinn man deidhinn.  Cuideachd, sheall sinn air òran anns an robh tòrr fhaclan seòlaidh – agus chuir sinn iongnadh air gun robh tòrr fhaclan againn mar-thà airson pàirtean a’ bhàta!

Tha obair gu math inntinneach aige air bàtaichean, agus chòrd e rinn gu mòr faighinn a-mach beagan ma deidhinn.  Cuideachd, chòrd e rinn na dealbhan agus bhideothan fhaicinn dhen trèanadh a nì an sgioba ud!

Tha sinn a’ coimhead air adhart chun na h-ath sheachdain, nuair a thig daoine eile a tha ag obair ann am bàtaichean a-steach!  …ma tha eòlas sam bith agaibhse air bàtaichean… carson nach tig sibhse a-steach cuideachd?!

 

Bàta a’ Chlas

Rinn Miss M bàta dhuinn, agus pheant Anna agus Chloe e!  Nach math a rinn iad?  An uair sin, fhuair Anna, Erin agus Alasdair ann (chan ann còmhla!!) – fuirich ach an tèid sinn ann am bàta ceart!!

08.03.19

          Spors

Bha sinn a’ cluich le hula hoops ann a spors an t-seachdainn seo. Bha sinn gu math sgith as deidh seo!

Educationcity

Fhuair sinn passwords airson Educationcity agus chluich sinn torr geamanan airson ar cuideachadh le claran nan uiread. Faodaidh sinn cluich seo aig an taigh cuideachd. Tha e cho sporsail!! Tha sinn a cluich an aghaidh a cheile.

Muncaidh Draoidheil

Bha sinn a’ sgriobadh stoiridh mu dheidhinn muncaidh draoidheil airson La Mor nan Leabhraichean. An toiseach rinn sinn dealbh den mhuncaidh. An uairsin rinn sinn plana agus bha againn ri ar mac-meanmna a chleachdadh. Sgriobh feadhainn storaidh gu math fada!

 

18 an Gearran – 1 am Màrt 2019

Chaidh an dà sheachdain sa chaidh seachad gu math luath, agus tha sinn air tòrr ionnsachadh ann an Clas 5-7!

Ann an Leughadh, dh’ionnsaich sinn ciamar a fhreagras sinn “ceistean measaidh”;

ann an Àireamhachd, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh tuilleadh mu dheidhinn bhloighean;

ann an Slàinte is Sunnd,  tha sinn air a bhith ag obair air coibhneas, càirdeas agus a bhith ag aithneachadh ar tàlantan fhèin;

agus ann an Topaic, tha sinn air ionnsachadh ciamar a dhealbhas sinn triantanan – oir tha sinn am beachd seòl a dhèanamh!

 

FilmG… a-rithist?

Tha Clas 7 air pròiseact Eadar-ìrean a thòiseachadh le S1 Gàidhlig… agus fhad ‘s a tha iadsan trang shuas an staidhre, smaoinich Clas 5 is 6 gun tòisicheadh iadsan air pròiseact FilmG a dhèanamh a-rithist – gus am bitheamaid deiseil airson na h-ath bhliadhna!  Tha deagh bheachd againn – so watch this space!!

 

Sgoil Àraich

‘S e a bhith a cruthachadh dhàimhean Gàidhlig le tuilleadh dhaoine aon dhe na targaidean a th’ againn airson an teirm seo… agus tha e air a bhith caran doirbh.  Nar beathannan làitheil, tha sinn cleachdte ri bhith a’ bruidhinn Beurla ri ar caraidean mar as tric, agus ‘s ann glè bheag an àireamh dhe dhaoine ris a bheil dàimh Gàidhlig againn (ris am bruidhinn sinn ann an Gàidhlig a-mhàin agus ris a bheil e a’ faireachdainn neònach Beurla a bhruidhinn).

Mar sin… bha sinn airson rudeigin a dhèanamh ma dheidhinn… ach tha e cho doirbh dàimh stèidhichte atharrachadh, gu h-àraidh nuair a tha caraidean againn cuideachd aig nach eil Gàidhlig!   Feumaidh sinn cuideigin a thaghadh ris nach eil sinn cho eòlach, ma-thà.

Smaoinich sinn cuideachd gum biodh e air a bhith math role models a bhith againne a bha nas aosta na sinne, a bha a’ bruidhinn rinne ann an Gàidhlig.  Agus… leis an dòigh smaoineachaidh tha sin… cò na b’ fheàrr na clann Sgoil Àraich airson ar cuideachadh leis an targaid againn!

Chaidh ar cur ann an dithisean le clann Sgoil Àraich a tha a’ dol dhan chlas Ghàidhlig an ath bhliadhna.  Bha againn ri pàiste a thaghadh ris nach robh sinn eòlach roimhe – bidh e nas fhasa dàimh Ghàidhlig a chruthachadh mura h-eil dàimh Bheurla againn stèidhichte mar-thà.

Tha sinn air seisean no dhà a dhèanamh gu ruige seo, agus tha e a’ còrdadh rinn gu mòr!  Tha e uaireannan doirbh a bhith a’ cumail a’ dol ann an Gàidhlig nuair a tha a’ chlann a’ bruidhinn air ais rinn ann am Beurla – ach tha sinn a’ gabhail spòrs, agus tha sinn an dòchas gun tòisich iadsan ri faclan Gàidhlig a chleachdadh dhuinn a dh’aithghearr!

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy

Glow Blogs uses cookies to enhance your experience on our service. By using this service or closing this message you consent to our use of those cookies. Please read our Cookie Policy.