Category Archives: GM P5-7

Primary 1-7 English

17.6.2019 – 28.6.2019

Uill, thàinig deireadh na bliadhna mu dheireadh thall!  Tha sinn air tòrr ionnsachadh, ach tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri làithean-saora an t-samhraidh.

Cuirm nan Duaisean

Bha Cuirm nan Duaisean againn air 17 an t-Òg-mhios, agus rinn sinn uile glè mhath!  Sheinn Clas 7 òran dhuinn cuideachd, a chòrd rinn gu mòr.

Gnìomhachasan na Hearadh

Dh’ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn gnìomhachasan na Hearadh an t-seachdain sa!  Chaidh sinn a-mach an toiseach a dh’fhaicinn Essence of Harris.  Dh’innis iad dhuinn ciamar a thòisich iad gnìomhachas cho soirbheachail agus dè bha againn ri dhèanamh nan robh sinn fhìn airson gnìomhachas a thòiseachadh san àm ri teachd.

An uair sin, thàinig Isle of Harris All Natural Soap Company a-steach a bhruidhinn rinn.  Bha e uabhasach math sealladh eile fhaighinn air ciamar a thòisicheas tu gnìomhachas, agus chòrd e rinn gu mòr blas nan siabann fhaireachdainn.

Fhuair sinn freebie no dhà bho na gnìomhachasan, a bha uabhasach tarraingeach cuideachd!

Buntàta

Mu dheireadh thall, thog sinn am buntàta!  Bha e gu math soirbheachail – chruinnich sinn tòrr, bha sinn air ar gràineachadh leis an t-seann bhuntàta a thòisich cùisean (bha e sgreamhail!), agus chòrd e rinn gu mòr, mòr a bhith a’ cluiche san ùir!

An uair sin, chuir sinn am buntàta ann am bogsaichean cairt gu sàbhailte, gus an robh sinn deiseil airson am bruich!  Bhruich sinn iad ann an uisge goileach, agus chuir sinn càise ann.  Bha iad gu math blasta!  Dh’aontaich sinn an còrr ***********

An t-aiseag

Chaidh sinn dhan aiseag a dh’fhaicinn an uiread dhe luchd-turais a bhios a’ siubhal air ais ‘s air adhart eadar na h-eileanan agus tìr mòr.  Chuir e iongnadh oirnn nach robh ach aon duine a’ siubhal airson obair a-mach à sampall dhe *** dhaoine!  Dh’ionnsaich sinn gu bheil eaconamaidh nan eilean a’ crochadh gu mòr air turasachd.

Scàladal

Chaidh Clas 7 a Scàladal airson dà latha, a dhèanamh cleasan taobh a-muigh, leithid rafting building agus archery.  Ghabh iad tòrr mòr spòrs!

Tràigh

Chaidh sinn air turas sgoile dhan tràigh, còmhla ri Clas Mrs Atkinson agus Clas 4 aig Mrs MacQueen.  Bha e uabhasach spòrsail – thog sinn amaran is aibhnichean sa ghainmhich, agus leum sinn fhìn a-steach san t-sruth mhòr cuideachd!  Bha e rudeigineach fuar… ach thàinig a’ ghrian a-mach dìreach nuair a bha sinn gar deisealachadh airson falbh!

YMI

Air Diciadain, chaidh Luke, Bella, Chloe, Isobel agus Fiona a Steòrnabhagh gus bhideo sanasachd fhilmadh airson YMI.

Agus… a bharrachd air a sin, tha sinn air a bhith a’ sgioblachadh an t-seòmair agus a’ dèanamh a h-uile càil deiseil airson nan làithean saora!  Tha sinn a’ coimhead air adhart dhan ath bhliadhna, ach bidh e math fois is spòrs a ghabhail tro na làithean-saora san eadar-ama.

 

Tha sinn duilich, ach bhrist am fòn aig Miss Meaden agus, mar sin, chan eil dealbhan againn an turas seo!  Chì sibh dealbhan air rud no dhà a rinn sinn air a’ bhlog aig Clas 4-7 Beurla, ge-tà!

3.6.2019 – 14.6.2019

Uill, mar as àbhaisteach, tha sinn air a bhith air leth trang ann an GM5-7.  Seo agaibh blasad dhe na rudan a tha sinn air a bhith a’ dèanamh.

Harris House

Chaidh sinn a chluiche Armchair Athletics aig Harris House.  An turas seo, ‘s e Clas 5 is 6 a chaidh ann, agus dh’fhuirich Clas 7 aig an sgoil.  Feumaidh Clas 5 ionnsachadh dè nì iad airson na h-ath bhliadhna, ach tha iad glè mhath mar-thà!

Latha RAF

Ghabh sinn uile tòrr mòr spòrs nuair a thàinig an RAF dhan sgoil.  Chaidh Clas 6/7 a-mach a dhèanamh bùithtean-obrach fad an latha, agus dh’fhuirich Clas 5 le Miss M – às dèidh bùth-obrach drumaireachd agus taisbeanadh air an aodach a bhios air na pìleatan.

Sgèith plèana thairis oirnn aig àm dìnneir cuideachd, a bha gu math exciting!

Òran Gàidhlig

Dh’ionnsaich Clas 5 air fad port à beul  fhad ‘s a bha Clas 6/7 air falbh, agus sheinn iad gu Clas Mrs MacQueen e.

 

Ealain

Thàinig neach-ealain dhan sgoil gus obair a dhèanamh còmhla rinn air siubhal is eilthireachd.  Chòrd am bùth-obrach rinn gu mòr, agus rinn sinn dealbhan iongantach!

Taigh-staile na Hearadh

Thàinig Shona à taigh-staile na Hearadh a-steach a bhruidhinn rinn mun taigh-staile agus mun obair a nì iad anns (agus às leth) na Hearadh.  Bha e gu math inntinneach, agus bha tòrr cheistean againn dhi!

Sgoil Àraich

Chaidh sinn a Sgoil Àraich aon fheasgar agus leugh sinn còmhla ris a’ chloinn.

Travelling Gallery

Thàinig an Travelling Gallery Diluain agus chaidh sinn a dh’fhaicinn taisbeanadh air siubhal is eilthireachd.  Bha e gu math inntinneach, agus chòrd e rinn obair fhaicinn a rinn an neach-ealain a chuidich sinn beagan làithean roimhe.

 

Clò na Hearadh

Chaidh sinn airson bùth-obrach air Clò na Hearadh.  Bha e gu math inntinneach agus, a-rithist, bha tòrr cheistean againn!  Fhuair sinn an cothrom an inneal a chleachdadh cuideachd, a bha gu math spòrsail!

Marcadh nan Each

Choisinn Bella duais airson na rinn i ann an co-fharpais marcadh nan each!  ‘S math a rinn thu, Bella!

Gràmar

Dh’ionnsaich sinn ciamar a litricheas sinn “bi” anns a h-uile cruth… ach gus seo a dhèanamh, bha againn ri beagan gràmar na Gàidhlig ionnsachadh cuideachd!  Chluich sinn gèam a chòrd rinn gu mòr, agus bha sinn gu math farpaiseach!

Clas 7 Òran

Chaidh Clas 7 a dhèanamh practas airson an òrain a bhios iad a’ seinn an ath sheachdain!  Chlàr iad cuideachd e.

Spòrs

Chaidh feadhainn ann an Clas 6/7 gu latha spòrs ann an Steòrnabhagh.  Rinn iad glè mhath, agus tha mi cinnteach gum faic sibh na dealbhan air Facebook.

 

Mòd

…agus, mar a bhite an dùil, tha sinn air a bhith a’ dèanamh AN T-UABHAS a thaobh a’ Mhòid!  Dh’ionnsaich sinn sailm uile còmhla, agus tha sinn gu math toilichte a ràdh gun do bhuannaich sinn, agus gun deach sinn uile suas air an àrd-ùrlar a thaisbeanadh aig a’ chonsairt!  Taing mhòr dha Hamish Taylor, a chuidich sinn gu mòr leis a seo.  Agus is math a rinn a h-uile duine sa chlas a dh’obraich cho cruaidh fad nan seachdainean a dh’fhalbh air bàrdachd, sgeulachdan, ceòl, còmhradh, leughadh agus seinn.

20.5.2019 – 31.5.2019

Transitions

Bha Transitions againn eadar an 20mh agus an 22na latha dhen Chèitean.  Chaidh Clas 7 suas an staidhre, agus thàinig Clas 4 a-steach an seo gus GM5-7 ùr a chruthachadh!

Rinn sinn tòrr dhiofar dhùbhlain, agus an cuideam air team building:

  • Taisbeanaidhean
  • Dùbhlan Matamataig
  • Dùbhlan Matamataig an t-saoghail fharsaing (a ghabh a-steach a dhol dhan bhùth agus bèicearachd!)
  • Ealain
  • Ceòl
  • Cleasan

Tha fadachd oirnn a-nis gun tig an ath bhliadhna!

Ghabh Clas 7 spòrs shuas an staidhre cuideachd, agus chanainn gu bheil iad fhèin deiseil airson na h-àrd-sgoile a-nis cuideachd!

Latha Saidheans

Air 23 an Cèitean, thàinig buidheann a-steach gus bùithtean-obrach a dhèanamh air na speuran!  Bha e math fhèin; dh’ionnsaich sinn tòrr agus bha gnìomhan spòrsail rin dèanamh cuideachd.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn:

  • nam planaidean
  • nan reultan
  • solas
  • teileascopan
  • beatha ann am planaidean eile???!

Clas 7 Fundraising Cafe

Bha Fundraising Cafe aig Clas 7 air 24 an Cèitean.  Bha iad fad an latha anns a’ Chommunity Centre, is iad a’ frithealadh air a h-uile duine a thàinig a-steach.  Thog iad tòrr airgid a chuireas iad a dh’ionnsaigh nan tachartasan a nì iad aig deireadh na bliadhna, nuair a dh’fhàgas iad soraidh slàn aig a’ bhun-sgoil!

 

Gnìomhachasan na Hearadh

Rinn sinn rud beag bìodach a bharrachd air sgrìobhadh ìmpidheachd an t-seachdain sa, is sinn a’ sgrìobhadh litrichean gu gnìomhachasan na Hearadh.   Leis gur e Eileanan na Gàidhealtachd a th’ anns an topaic againn, tha e feumail gun ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar àitichean ri obair anns na h-eileanan, mu na seirbheisean a tha cudromach dhaibh, agus mu dè cho soirbheachail ‘s a tha na gnìomhachasan ud.

Chleachd sinn ar sgilean agus sgrìobh sinn litrichean, is sinn a’ faighneachd airson cothrom turas-sgoile a ghabhail – no gun tig cuideigin a-steach dhan chlas againn a bhruidhinn rinn.  Chaidh sinn timcheall a’ bhaile an uair sin gus na litrichean a lìbhrigeadh.

 

Turas dhan Eaglais

Leis gu bheil creideamh na phàirt mhòr dhe beatha na Gàidhealtachd agus nan eilean, chaidh sinn a thadhal air eaglais.  Chaidh sinn gu Eaglais na h-Alba san Tairbeart agus choinnich sinn ris an Urr. Ian Murdo MacDonald.  Bhruidhinn e rinn mun eaglais agus mun chreideamh Chrìostaidh thar na Gàidhealtachd.  Fhuair sinn cuideachd an cothrom a dhol timcheall na h-eaglais, is sinn a’ coimhead air a h-uile càil a bh’ ann.

Chòrd an turas rinn gu mòr, agus dh’ionnsaich sinn tòrr!  Tapadh leibh gu mòr dhan Urr. Ian Murdo MacDonald airson a bhith cho cuideachail, fiosrachail, agus airson fàilte chrìdheil a chur oirnn.

15.4.2019 – 2.5.2019

Hallo, agus fàilte oirbh uile air ais às dèidh làithean-saora na Càisge!  Nach iad tha faireachdainn fada air ais a-nis?!

So, dè tha sinn air a bhith ris?  Uill… tòrr!

Obair a’ Chlas

Tòisichidh sinn leis an stuth cumanta, àbhaisteach.  Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh anns a’ chlas.  Tha sinn a’ dèanamh ceudadan ann an Àireamhachd, sgrìobhadh ìmpidheachd ann an Sgrìobhadh, agus sgilean an fhaclair ann an leughadh.  Agus, mar a bhiodhte an dùil, tha sinn a’ cumail oirnn le litreachadh.  Rinn sinn measadh fada, fada ann an litreachadh, agus thàinig e an àirde gu bheil ar cuid litreachaidh air fàs nas fheàrr gu ìre mhòr!  Bha Miss M gu math toilichte agus moiteil asainn. 🙂

Tha Topaic ùr againn cuideachd – Eileanan na Gàidhealtachd.  Leis a sin, bidh sinn a’ coimhead air cruinn-eòlas, cultar, creideamh agus ceòl nan eilean far am bi Gàidhlig ga bruidhinn.

 

Bùth-obrach Ciùil

Thàinig buidheann ciùil a-steach dhan sgoil gus bùth-obrach ciùil a dhèanamh leinn!  Aig toiseach an latha, chaidh sinn uile gu consairt ciùil, far an do bhruidhinn an luchd-ciùil man deidhinn fhìn cuideachd.  An uair sin, fhuair sinne an cothrom ceòl a chluich!

Thug sinn uile ionnsramaidean a-steach agus chuidich an luchd-ciùil sinn ann a bhith a’ cruthachadh òran.  Is sinne fhìn a thog am fonn agus a chruthaich an t-òran!  Às dèidh greis, sgar sinn ann an dà bhuidhean, is an dàrna buidhean a’ coimhead air faclan agus am buidhean eile a’ cumail a’ dol leis an fhonn.

‘S e òran sgoinneil a bh’ ann mu na Hearadh!  Tha Miss M brònach nach do rinn i clàradh air ar n-òran… ach gheibh sinn cothrom a sheinn a-rithist!  … agus bùth-obrach eile a dhèanamh, tha sinn an dòchas! (watch this space!!)

 

Cuach na Cloinne/Bikeability

‘S e latha trang dha-rìribh a bh’ ann an Diardaoin 25 an Giblean!  Chaidh Clas 6 a-mach air Bikeability.  Chòrd sin riutha gu mòr, agus rinn iad fìor mhath.  Chaidh dealbhan a chur suas air duilleag Facebook na sgoile – gu mì-fhortanach, chan eil dealbhan dheth sin aig Miss M ri chur suas an seo.

Chaidh Clas 7, Anna, Fraser, Alasdair agus Darren gu Cuach na Cloinne, còmhla ri Rowan agus Jono à Clas 3-4.  ‘S e bh’ ann a sin ach farpais ball-coise!  Bha tòrr sgiobaidhean ann, ach chaidh ar sgaradh uile ann an leagues.  Chluich sinn gu math anns a’ bhuidhean againne, agus bha sinn san dàrna àite nuair a thàinig am farpais gu crìoch.  Cha deach ach a’ chiad àite air adhart chun a’ chuairt dheirinneach, ach thuirt iad rinn gun robh e uabhasach faisg eadar an sgioba againn agus an sgioba a bhuannaich air goal difference.  Nach math a rinn sinn?!  Tha Miss M am beachd leigeil dheth a dreuchd agus tòiseachadh às ùr mar manaidsear ball-coise… deagh bheachd?!

Bha Archie a’ smaoineachadh ciamar a dhèanamaid a’ chùis air Sgoil a’ Bhac san ath ghèam!

Fèis Badminton

Chan eil dealbhan aig Miss M bhon seo, ach is cinnteach gun nochd iad an àiteigin!  Rinn sinn math dha-rìribh ach, an rud as cudromaiche, ghabh sinn tòrr spòrs.

 

Sgoil Àraich

Uill, mar a bha fios agaibh, tha sinn air a bhith a’ dol a-steach ann an Sgoil Àraich, is sinn a’ feuchainn ri an dà chuid ar cuid Ghàidhlig fhìn a neartachadh, agus Gàidhlig na cloinne Sgoil Àraich.  Tha sinn air a bhith a’ feuchainn ri toirt orra Gàidhlig a bhruidhinn.

Seo bhideo no dhà a sheallas na h-oidhirpean againn!  Mar a chì sibh… chan eil sinn air a bhith cho soirbheachail… fhathast!!

…ach is cinnteach gun do ghabh sinn tòrr mòr spòrs!

Seo an fhreagairt as fheàrr a fhuair sinn gu ruige seo air a’ cheist, “An toil leat a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig?”

Tha Darren agus a charaidean a’ cluiche “dressing up”! Chanainns gu bheil Darren na… chailleach?!

4.3.2019 – 15.3.2019

Consairt an Earraich – 5 am Màrt 2019

Chaidh am FilmG a rinn sinn a thaisbeanadh aig Consairt an Earraich agus, mar sin, fhuair GM5-7 an cothrom a dhol ann.  Bha Fiona, Isobel, Darren, Seamus agus Fraser a’ cluich ann co-dhiù (a’ chlann a rinn Neach-ciùil Òg na Bliadhna), ach chaidh Anna ann cuideachd agus thug an sianar seachad òraid sgoinneil air an obair ionganach a rinn iad!

 

Latha nan Leabhraicheam – 7 am Màrt 2019

Nochd sinn uile aig an sgoil air Latha nan Leabhraichean, agus aodach ar caractair as fheàrr à leabhar sam bith oirnn.  Bha an latha làn spòrs – agus ‘s e am pàirt as fheàrr leinn nuair a dh’èist sinn ri speuradair, is e a’ leughadh leabhar bho Stèisean-fànais Eadar-nàiseanta!  Fhuair sinn teòclaid teth agus dh’ith sinn briosgaidean fhad ‘s a bha sinn ag èisteachd – ma dh’fhaoidte gun do chuidich sin sinn ann a bhith a’ taghadh cò am pàirt a b’ fheàrr leinn dhen latha!!

 

Bàtaichean – 11 am Màrt 2019

Thàinig Coinneach Norrie a-steach a bhruidhinn rinn mu dheidhinn bhàtaichean cuideachd.  Sheall e dhuinn tòrr dhealbhan dhe bhàtaichean eadar-dhealaichte, agus bhruidhinn sinn man deidhinn.  Cuideachd, sheall sinn air òran anns an robh tòrr fhaclan seòlaidh – agus chuir sinn iongnadh air gun robh tòrr fhaclan againn mar-thà airson pàirtean a’ bhàta!

Tha obair gu math inntinneach aige air bàtaichean, agus chòrd e rinn gu mòr faighinn a-mach beagan ma deidhinn.  Cuideachd, chòrd e rinn na dealbhan agus bhideothan fhaicinn dhen trèanadh a nì an sgioba ud!

Tha sinn a’ coimhead air adhart chun na h-ath sheachdain, nuair a thig daoine eile a tha ag obair ann am bàtaichean a-steach!  …ma tha eòlas sam bith agaibhse air bàtaichean… carson nach tig sibhse a-steach cuideachd?!

 

Bàta a’ Chlas

Rinn Miss M bàta dhuinn, agus pheant Anna agus Chloe e!  Nach math a rinn iad?  An uair sin, fhuair Anna, Erin agus Alasdair ann (chan ann còmhla!!) – fuirich ach an tèid sinn ann am bàta ceart!!

18 an Gearran – 1 am Màrt 2019

Chaidh an dà sheachdain sa chaidh seachad gu math luath, agus tha sinn air tòrr ionnsachadh ann an Clas 5-7!

Ann an Leughadh, dh’ionnsaich sinn ciamar a fhreagras sinn “ceistean measaidh”;

ann an Àireamhachd, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh tuilleadh mu dheidhinn bhloighean;

ann an Slàinte is Sunnd,  tha sinn air a bhith ag obair air coibhneas, càirdeas agus a bhith ag aithneachadh ar tàlantan fhèin;

agus ann an Topaic, tha sinn air ionnsachadh ciamar a dhealbhas sinn triantanan – oir tha sinn am beachd seòl a dhèanamh!

 

FilmG… a-rithist?

Tha Clas 7 air pròiseact Eadar-ìrean a thòiseachadh le S1 Gàidhlig… agus fhad ‘s a tha iadsan trang shuas an staidhre, smaoinich Clas 5 is 6 gun tòisicheadh iadsan air pròiseact FilmG a dhèanamh a-rithist – gus am bitheamaid deiseil airson na h-ath bhliadhna!  Tha deagh bheachd againn – so watch this space!!

 

Sgoil Àraich

‘S e a bhith a cruthachadh dhàimhean Gàidhlig le tuilleadh dhaoine aon dhe na targaidean a th’ againn airson an teirm seo… agus tha e air a bhith caran doirbh.  Nar beathannan làitheil, tha sinn cleachdte ri bhith a’ bruidhinn Beurla ri ar caraidean mar as tric, agus ‘s ann glè bheag an àireamh dhe dhaoine ris a bheil dàimh Gàidhlig againn (ris am bruidhinn sinn ann an Gàidhlig a-mhàin agus ris a bheil e a’ faireachdainn neònach Beurla a bhruidhinn).

Mar sin… bha sinn airson rudeigin a dhèanamh ma dheidhinn… ach tha e cho doirbh dàimh stèidhichte atharrachadh, gu h-àraidh nuair a tha caraidean againn cuideachd aig nach eil Gàidhlig!   Feumaidh sinn cuideigin a thaghadh ris nach eil sinn cho eòlach, ma-thà.

Smaoinich sinn cuideachd gum biodh e air a bhith math role models a bhith againne a bha nas aosta na sinne, a bha a’ bruidhinn rinne ann an Gàidhlig.  Agus… leis an dòigh smaoineachaidh tha sin… cò na b’ fheàrr na clann Sgoil Àraich airson ar cuideachadh leis an targaid againn!

Chaidh ar cur ann an dithisean le clann Sgoil Àraich a tha a’ dol dhan chlas Ghàidhlig an ath bhliadhna.  Bha againn ri pàiste a thaghadh ris nach robh sinn eòlach roimhe – bidh e nas fhasa dàimh Ghàidhlig a chruthachadh mura h-eil dàimh Bheurla againn stèidhichte mar-thà.

Tha sinn air seisean no dhà a dhèanamh gu ruige seo, agus tha e a’ còrdadh rinn gu mòr!  Tha e uaireannan doirbh a bhith a’ cumail a’ dol ann an Gàidhlig nuair a tha a’ chlann a’ bruidhinn air ais rinn ann am Beurla – ach tha sinn a’ gabhail spòrs, agus tha sinn an dòchas gun tòisich iadsan ri faclan Gàidhlig a chleachdadh dhuinn a dh’aithghearr!