All posts by Mrs Brown

Deagh Obair Clas 1/2

Seo obair mhath bhon chlas againn an t- seachdain seo.

Fhuair Amelia Cupa na Gaidhlig. Nach i a rinn math!
Fhuair Roddy teisteanas airson deagh obair ann an spors.
Rinn Lily obair sgoinneil an t-seachdain seo a’ sgriobhadh an naidheachd aice.

Clas 1-2

Se seachdain trang a tha air a bhith ann dhuinn.  Seo beagan dhan obair canan agus matamataig a tha air a bhith a’ dol againn.

A’ sgriobhadh suimean a’ cleachdadh dealbh anns an leabhar mor matamataig.
Eilidh ag obair air cuir ris a’ cleachdadh ciuban
A’ seorsachadh aireamhan
Ag obair air cruth na litrichean
A’ coimeasgadh le ciuban fonaigs agus an uairsin a’ sgriobhadh na faclan
A’ cluiche geama air an SmartBoard airson cuideachadh le coimeasgadh fuaimean.

Chaidh sinn air cuairt mar phairt dhan topaig againn a’ lorg rudan beo, rudan nach eil beo agus rudan a bha beo uaireigin!

Bha na lusan seo beo.
Bha peansail air an talamh a bha beo uaireigin!
Cha robh am balla seo beo.
Bha an duilleag seo beo uaireigin!
Ged a bha an laraidh seo a’ gluasad cha robh e beo ach bha an draibhear!
Cha robh an tur aig an steisean smalaidh beo!
Bha seo beo uaireigin agus abair faileadh!!
Bha an cat seo beo agus a’ coimhead gu math fiathaich!!

De tha dol ann an Clas 1/2?

Ann am matamataig tha sinn air a bhith ag obair air tomhais.  Seo Clas 1 a’ tomhais cho fada sa tha diofar rudan a’ cleachdadh “paper-clips” agus strabhan.  Bha clas 2 a’ cleachdadh an lamhan airson rudan nas motha a thomhais.

Roddy a’ tomhais rulair.
Lily a’ tomhais an doras.
Christie ag obair air uinneag a thomhais.
Eilidh le strabhan aig doras a’ chlas.
Na balaich a’ faicinn de ch fada ‘s a tha an SmartBoard

Tha Clas 1 air a bhith a’ coimeasgadh na fuaimean aca airson faclan a dheanamh.  Chleachd sinn mata mor fonaigs airson geama a chluich.  Fhuair sinn beagan cuideachadh  bho Clas 2!

Max a’ fuaimneachadh a-mach facal airson a h-uile duine.

Tha sinn air toiseachadh air topaig ur “Rudan a tha Beo” agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mor ris an obair a tha sinn a’ dol a dheanamh.  Seo sinn a’ peantadh na beathaichean as fhearr leinn.