Bliadhna Ur, barrachd Blogs!

Tha sinn an dùil a bhith a’ cuir suas barrachd fiosrachadh mu na tha a’ dol anns a’ chlas againn.  Airson gach “post” a chuireas sinn suas, tha buidheann bhon chlas a’ dol a bhith a’ gabhail uallach air a shon.  a’ taghadh dè a thèid ann agus ga dheasachadh.  Rinn sinn am fear gu h-ìosal còmhla.

We plan to share more information about what is happening in our class through our blog.  For each post we upload, a group from the class will act as editors,  They will decide what to include and help upload it.  We worked on the first one together.GM P1-2 Blog Post 25th Jan 2019

Teirm Ùr – trang gu leòr!

Tha sinn air a bhith air ais às dèidh na Nollaige trì seachdainean a-nis – agus cha mhòr nach do ghabh sinn anail!

Film G

Chuala sinn tràth san teirm gun robh sinn air a’ gheàrr liosta airson duais ar catagoraidh – “Fiolm as fheàrr le buidheann òigridh”.   Cha robh sinn soirbheachail san duais “Taghadh nan Daoine”, ach tha sinn gu mòr an dòchas gum buannaich sinn an aghaidh fiolmaichean nam bun-sgoiltean eile.

Tha cuirm gu bhith ann an Glaschu Dihaoine 8 an Gearran, agus tha an triùir shaighearan a’ dol sìos leis an dòchas gum buannaich sinn.  Tha sinn uile air bhioran, is fadach oirnn faighinn a-mach!

 

Pìoban Ùra

Fhuair Seamus agus Fraser pìoban ùra, agus sheall iad dhuinn ciamar a tha iad ag obair anns a’ chlas.  Seo a’ chiad phìob a fhuair Fraser a-riamh, agus bha Seamus ga chuideachadh gus an cur ri chèile.

Is math a rinn sibh!

 

Topaic

‘S e bàtaichean an topaic a th’ againn an teirm seo, agus tha sinn ag ionnsachadh plana a dhealbhadh gus bàta a thogail.  Tha sinn cuideachd a’ sireadh dhaoine aig a bheil eòlas air bàtaichean a thig a-steach a bhruidhinn rinn.  Mar sin… a bheil bàta agad?  Am bi thu ag obair ann an saoghal nam bàtaichean?  Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bhuaibh!!

 

Gàidhlig

Tha targaidean againn an teirm seo gus tuilleadh Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh a’ chlas.  Mar sin – feuch gum bruidhinn sibh rinn ann an Gàidhlig.  Tha sinn mothachail gu bheil e uaireannan doirbh dàimh Bheurla atharrachadh gu dàimh Ghàidhlig – ach rinn Darren fìor mhath, is e a’ cluich ri gille beag à Sgoil Àraich ann an Gàidhlig fad leth uair a thìde!  Tha seo sgoinneil, oir chùm Darren air ann an Gàidhlig ged a bha an gille beag a’ bruidhinn air ais ris ann am Beurla.  Is math a rinn thu, Darren!

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy

Glow Blogs uses cookies to enhance your experience on our service. By using this service or closing this message you consent to our use of those cookies. Please read our Cookie Policy.