7.5.2019 – 17.5.2019

An deireadh-sheachdain fada air ar cùlaibh, tha Clas 5-7 air ais a dh’obair!  Tha sinn duilich, ge-tà – tha sinn air a bhith cho trang ‘s nach d’ fhuair sinn an cothrom dealbhan a thogail!

Topaic

Thòisich sinn ri bhith a’ coimhead air mapaichean ann an leasanan Topaic.  Thòisich sinn san Tairbeart fhèin, is sinn a’ coimhead air samhlaidhean, agus shìn sinn a-mach nas fharsainge.  Dh’aithnich sinn eileanan eadar-dhealaichte, puingean triantanachaidh agus loidhnichean àirde.

 

Mòd

Uill, tha saison a’ Mhòid a’ tòiseachadh!  Fhuair sinn uile na tha sinn gu bhith a’ dèanamh, agus tha sinn air tòiseachadh leis a’ phractas!

 

Sgrìobhadh

Tha sinn air a bhith a’ dèanamh sgrìobhadh ìmpidheachd agus, an t-seachdain sa, chleachd sinn na sgilean a tha sinn air ionnsachadh air fad gus bhideo ìmpidheachd a dhèanamh.  Dh’iarr sinn air còmhlain-chiùil Gàidhlig tighinn dha na Hearadh gus cèilidh a dhèanamh agus tadhal air a’ chlas againne.

Bha na bhideothan a rinn sinn sgoinneil!  Gu mì-fhortanach, tha e coltach nach eil dòigh ann anns an cuir sinn suas ann an seo iad.

Co-dhiù, tha sinn an dòchas gun tig còmhlan no dhà a-steach – watch this space!!

 

Film Fraingis

Thàinig buidheann a-steach gus bùth-obrach Fraingis a dhèanamh còmhla rinn.  Bha e stèidhichte air filmaichean gun fhaclan agus, an uair sin, bha gnìomhan againn ri dhèanamh ann am Fraingis.  Am measg ghnìomhan eile, bha againn ri teacsaichean fada a leughadh ann am Fraingis nuair nach robh sinn idir eòlach air na faclan.  Ach, dh’ionnsaich sinn gum b’ urrainn dhuinn an ciall obrachadh a-mach nuair a smaoinich sinn ma dheidhinn.  Bha sin uabhasach fhèin brosnachail agus thug e tòrr misneachd dhuinn!

Tha dealbhan aig Mrs Atkinson dhe seo – mar sin, ‘s dòcha gum faic sibh air a’ bhlog aicese iad!

 

Latha Spòrs

‘S e Latha Spòrs a bh’ ann Diciadain 15mh, agus abair gun robh spòrs againn!  Ghabh sinn uile pàirt anns na farpaisean agus rinn sinn uile fìor mhath.  A-rithist, ‘s dòcha gun nochd na dealbhan air blogs nan tidsearan eile…

 

Tha seachdain thrang air thoiseach oirnn a-rithist… mar sin, tha sinn an dòchas gu bheil sibh a’ dèanamh fiughar ris an ath h-earrann mar-thà!

02.05.19

   

 Mile laitheil

Thoisich sinn a’ deanamh mile laitheil a-rithist nuair a dh’fhas a tide nas fhearr. Bha sinn gle luath agus chriochnaich sinn uile ann a 15 mionaidean! Tha sinn cinnteach gu fas sinn nas luaithe agus nas luaithe!

 

    

   

Ionad saidheans Ghlaschu

Dh’ionnsaich sinn torr mu dheidhinn ar bodhaig nuair a thainig Iond Saidheans Ghlaschu dhan sgoil. An toiseach bha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn ar stamag agus de tha tachairt nuair a tha sinn ag ithe.  Rinn iad ‘poo’ agus bha sinn a smaoineachadh gu robh seo gu math eibhinn!! Bha clas 1-2 ann cuideachd.

 

Consairt

Thainig buidheann ciuil a-steach dhan sgoil airson ceol a chluich dhuinn. Bha ionnsramaidean eadar-dhealaichte aca agus bha te a’ seinn. Bha e uabhasach math.

Cuach na cloinne

                                                         

Chaidh Jono agus Rowan gu Cuach na Cloinne comhla ri clas 5-7. Bha torr sgoibaidhean ann agus aig an deireadh bha sinn anns a darna aite. Rinn sinn uabhasach math.

A’ seinn airson ceilichean

Bha buidhinn a New Guinea as a’sgoil agus bha sinn a’ seinn orain Gaidhlig dhaibh.  Sheinn sinn Mairi Ruadh agus An Uinneag. Sheinn iadson oran dhuinne cuideachd.

Assembly

Dh’innis sinn dhan a choir dhan sgoil mu dheidhinn ar topic, Na Hearadh. Thug sinn fiosrachadh seachad mu dheidhinn diofar bailtean anns Na Hearadh agus bha powerpoint againn le dealbhan. Sgriobh sinn bardachd comhla agus rinn sinn dealbhan airson gach litir. Sheinn sinn An uinneag cuideachd.

 Image may contain: 13 people, people smiling

15.4.2019 – 2.5.2019

Hallo, agus fàilte oirbh uile air ais às dèidh làithean-saora na Càisge!  Nach iad tha faireachdainn fada air ais a-nis?!

So, dè tha sinn air a bhith ris?  Uill… tòrr!

Obair a’ Chlas

Tòisichidh sinn leis an stuth cumanta, àbhaisteach.  Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh anns a’ chlas.  Tha sinn a’ dèanamh ceudadan ann an Àireamhachd, sgrìobhadh ìmpidheachd ann an Sgrìobhadh, agus sgilean an fhaclair ann an leughadh.  Agus, mar a bhiodhte an dùil, tha sinn a’ cumail oirnn le litreachadh.  Rinn sinn measadh fada, fada ann an litreachadh, agus thàinig e an àirde gu bheil ar cuid litreachaidh air fàs nas fheàrr gu ìre mhòr!  Bha Miss M gu math toilichte agus moiteil asainn. 🙂

Tha Topaic ùr againn cuideachd – Eileanan na Gàidhealtachd.  Leis a sin, bidh sinn a’ coimhead air cruinn-eòlas, cultar, creideamh agus ceòl nan eilean far am bi Gàidhlig ga bruidhinn.

 

Bùth-obrach Ciùil

Thàinig buidheann ciùil a-steach dhan sgoil gus bùth-obrach ciùil a dhèanamh leinn!  Aig toiseach an latha, chaidh sinn uile gu consairt ciùil, far an do bhruidhinn an luchd-ciùil man deidhinn fhìn cuideachd.  An uair sin, fhuair sinne an cothrom ceòl a chluich!

Thug sinn uile ionnsramaidean a-steach agus chuidich an luchd-ciùil sinn ann a bhith a’ cruthachadh òran.  Is sinne fhìn a thog am fonn agus a chruthaich an t-òran!  Às dèidh greis, sgar sinn ann an dà bhuidhean, is an dàrna buidhean a’ coimhead air faclan agus am buidhean eile a’ cumail a’ dol leis an fhonn.

‘S e òran sgoinneil a bh’ ann mu na Hearadh!  Tha Miss M brònach nach do rinn i clàradh air ar n-òran… ach gheibh sinn cothrom a sheinn a-rithist!  … agus bùth-obrach eile a dhèanamh, tha sinn an dòchas! (watch this space!!)

 

Cuach na Cloinne/Bikeability

‘S e latha trang dha-rìribh a bh’ ann an Diardaoin 25 an Giblean!  Chaidh Clas 6 a-mach air Bikeability.  Chòrd sin riutha gu mòr, agus rinn iad fìor mhath.  Chaidh dealbhan a chur suas air duilleag Facebook na sgoile – gu mì-fhortanach, chan eil dealbhan dheth sin aig Miss M ri chur suas an seo.

Chaidh Clas 7, Anna, Fraser, Alasdair agus Darren gu Cuach na Cloinne, còmhla ri Rowan agus Jono à Clas 3-4.  ‘S e bh’ ann a sin ach farpais ball-coise!  Bha tòrr sgiobaidhean ann, ach chaidh ar sgaradh uile ann an leagues.  Chluich sinn gu math anns a’ bhuidhean againne, agus bha sinn san dàrna àite nuair a thàinig am farpais gu crìoch.  Cha deach ach a’ chiad àite air adhart chun a’ chuairt dheirinneach, ach thuirt iad rinn gun robh e uabhasach faisg eadar an sgioba againn agus an sgioba a bhuannaich air goal difference.  Nach math a rinn sinn?!  Tha Miss M am beachd leigeil dheth a dreuchd agus tòiseachadh às ùr mar manaidsear ball-coise… deagh bheachd?!

Bha Archie a’ smaoineachadh ciamar a dhèanamaid a’ chùis air Sgoil a’ Bhac san ath ghèam!

Fèis Badminton

Chan eil dealbhan aig Miss M bhon seo, ach is cinnteach gun nochd iad an àiteigin!  Rinn sinn math dha-rìribh ach, an rud as cudromaiche, ghabh sinn tòrr spòrs.

 

Sgoil Àraich

Uill, mar a bha fios agaibh, tha sinn air a bhith a’ dol a-steach ann an Sgoil Àraich, is sinn a’ feuchainn ri an dà chuid ar cuid Ghàidhlig fhìn a neartachadh, agus Gàidhlig na cloinne Sgoil Àraich.  Tha sinn air a bhith a’ feuchainn ri toirt orra Gàidhlig a bhruidhinn.

Seo bhideo no dhà a sheallas na h-oidhirpean againn!  Mar a chì sibh… chan eil sinn air a bhith cho soirbheachail… fhathast!!

…ach is cinnteach gun do ghabh sinn tòrr mòr spòrs!

Seo an fhreagairt as fheàrr a fhuair sinn gu ruige seo air a’ cheist, “An toil leat a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig?”

Tha Darren agus a charaidean a’ cluiche “dressing up”! Chanainns gu bheil Darren na… chailleach?!
Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy

Glow Blogs uses cookies to enhance your experience on our service. By using this service or closing this message you consent to our use of those cookies. Please read our Cookie Policy.