7.5.2019 – 17.5.2019

An deireadh-sheachdain fada air ar cùlaibh, tha Clas 5-7 air ais a dh’obair!  Tha sinn duilich, ge-tà – tha sinn air a bhith cho trang ‘s nach d’ fhuair sinn an cothrom dealbhan a thogail!

Topaic

Thòisich sinn ri bhith a’ coimhead air mapaichean ann an leasanan Topaic.  Thòisich sinn san Tairbeart fhèin, is sinn a’ coimhead air samhlaidhean, agus shìn sinn a-mach nas fharsainge.  Dh’aithnich sinn eileanan eadar-dhealaichte, puingean triantanachaidh agus loidhnichean àirde.

 

Mòd

Uill, tha saison a’ Mhòid a’ tòiseachadh!  Fhuair sinn uile na tha sinn gu bhith a’ dèanamh, agus tha sinn air tòiseachadh leis a’ phractas!

 

Sgrìobhadh

Tha sinn air a bhith a’ dèanamh sgrìobhadh ìmpidheachd agus, an t-seachdain sa, chleachd sinn na sgilean a tha sinn air ionnsachadh air fad gus bhideo ìmpidheachd a dhèanamh.  Dh’iarr sinn air còmhlain-chiùil Gàidhlig tighinn dha na Hearadh gus cèilidh a dhèanamh agus tadhal air a’ chlas againne.

Bha na bhideothan a rinn sinn sgoinneil!  Gu mì-fhortanach, tha e coltach nach eil dòigh ann anns an cuir sinn suas ann an seo iad.

Co-dhiù, tha sinn an dòchas gun tig còmhlan no dhà a-steach – watch this space!!

 

Film Fraingis

Thàinig buidheann a-steach gus bùth-obrach Fraingis a dhèanamh còmhla rinn.  Bha e stèidhichte air filmaichean gun fhaclan agus, an uair sin, bha gnìomhan againn ri dhèanamh ann am Fraingis.  Am measg ghnìomhan eile, bha againn ri teacsaichean fada a leughadh ann am Fraingis nuair nach robh sinn idir eòlach air na faclan.  Ach, dh’ionnsaich sinn gum b’ urrainn dhuinn an ciall obrachadh a-mach nuair a smaoinich sinn ma dheidhinn.  Bha sin uabhasach fhèin brosnachail agus thug e tòrr misneachd dhuinn!

Tha dealbhan aig Mrs Atkinson dhe seo – mar sin, ‘s dòcha gum faic sibh air a’ bhlog aicese iad!

 

Latha Spòrs

‘S e Latha Spòrs a bh’ ann Diciadain 15mh, agus abair gun robh spòrs againn!  Ghabh sinn uile pàirt anns na farpaisean agus rinn sinn uile fìor mhath.  A-rithist, ‘s dòcha gun nochd na dealbhan air blogs nan tidsearan eile…

 

Tha seachdain thrang air thoiseach oirnn a-rithist… mar sin, tha sinn an dòchas gu bheil sibh a’ dèanamh fiughar ris an ath h-earrann mar-thà!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.