3.6.2019 – 14.6.2019

Uill, mar as àbhaisteach, tha sinn air a bhith air leth trang ann an GM5-7.  Seo agaibh blasad dhe na rudan a tha sinn air a bhith a’ dèanamh.

Harris House

Chaidh sinn a chluiche Armchair Athletics aig Harris House.  An turas seo, ‘s e Clas 5 is 6 a chaidh ann, agus dh’fhuirich Clas 7 aig an sgoil.  Feumaidh Clas 5 ionnsachadh dè nì iad airson na h-ath bhliadhna, ach tha iad glè mhath mar-thà!

Latha RAF

Ghabh sinn uile tòrr mòr spòrs nuair a thàinig an RAF dhan sgoil.  Chaidh Clas 6/7 a-mach a dhèanamh bùithtean-obrach fad an latha, agus dh’fhuirich Clas 5 le Miss M – às dèidh bùth-obrach drumaireachd agus taisbeanadh air an aodach a bhios air na pìleatan.

Sgèith plèana thairis oirnn aig àm dìnneir cuideachd, a bha gu math exciting!

Òran Gàidhlig

Dh’ionnsaich Clas 5 air fad port à beul  fhad ‘s a bha Clas 6/7 air falbh, agus sheinn iad gu Clas Mrs MacQueen e.

 

Ealain

Thàinig neach-ealain dhan sgoil gus obair a dhèanamh còmhla rinn air siubhal is eilthireachd.  Chòrd am bùth-obrach rinn gu mòr, agus rinn sinn dealbhan iongantach!

Taigh-staile na Hearadh

Thàinig Shona à taigh-staile na Hearadh a-steach a bhruidhinn rinn mun taigh-staile agus mun obair a nì iad anns (agus às leth) na Hearadh.  Bha e gu math inntinneach, agus bha tòrr cheistean againn dhi!

Sgoil Àraich

Chaidh sinn a Sgoil Àraich aon fheasgar agus leugh sinn còmhla ris a’ chloinn.

Travelling Gallery

Thàinig an Travelling Gallery Diluain agus chaidh sinn a dh’fhaicinn taisbeanadh air siubhal is eilthireachd.  Bha e gu math inntinneach, agus chòrd e rinn obair fhaicinn a rinn an neach-ealain a chuidich sinn beagan làithean roimhe.

 

Clò na Hearadh

Chaidh sinn airson bùth-obrach air Clò na Hearadh.  Bha e gu math inntinneach agus, a-rithist, bha tòrr cheistean againn!  Fhuair sinn an cothrom an inneal a chleachdadh cuideachd, a bha gu math spòrsail!

Marcadh nan Each

Choisinn Bella duais airson na rinn i ann an co-fharpais marcadh nan each!  ‘S math a rinn thu, Bella!

Gràmar

Dh’ionnsaich sinn ciamar a litricheas sinn “bi” anns a h-uile cruth… ach gus seo a dhèanamh, bha againn ri beagan gràmar na Gàidhlig ionnsachadh cuideachd!  Chluich sinn gèam a chòrd rinn gu mòr, agus bha sinn gu math farpaiseach!

Clas 7 Òran

Chaidh Clas 7 a dhèanamh practas airson an òrain a bhios iad a’ seinn an ath sheachdain!  Chlàr iad cuideachd e.

Spòrs

Chaidh feadhainn ann an Clas 6/7 gu latha spòrs ann an Steòrnabhagh.  Rinn iad glè mhath, agus tha mi cinnteach gum faic sibh na dealbhan air Facebook.

 

Mòd

…agus, mar a bhite an dùil, tha sinn air a bhith a’ dèanamh AN T-UABHAS a thaobh a’ Mhòid!  Dh’ionnsaich sinn sailm uile còmhla, agus tha sinn gu math toilichte a ràdh gun do bhuannaich sinn, agus gun deach sinn uile suas air an àrd-ùrlar a thaisbeanadh aig a’ chonsairt!  Taing mhòr dha Hamish Taylor, a chuidich sinn gu mòr leis a seo.  Agus is math a rinn a h-uile duine sa chlas a dh’obraich cho cruaidh fad nan seachdainean a dh’fhalbh air bàrdachd, sgeulachdan, ceòl, còmhradh, leughadh agus seinn.

20.5.2019 – 31.5.2019

Transitions

Bha Transitions againn eadar an 20mh agus an 22na latha dhen Chèitean.  Chaidh Clas 7 suas an staidhre, agus thàinig Clas 4 a-steach an seo gus GM5-7 ùr a chruthachadh!

Rinn sinn tòrr dhiofar dhùbhlain, agus an cuideam air team building:

  • Taisbeanaidhean
  • Dùbhlan Matamataig
  • Dùbhlan Matamataig an t-saoghail fharsaing (a ghabh a-steach a dhol dhan bhùth agus bèicearachd!)
  • Ealain
  • Ceòl
  • Cleasan

Tha fadachd oirnn a-nis gun tig an ath bhliadhna!

Ghabh Clas 7 spòrs shuas an staidhre cuideachd, agus chanainn gu bheil iad fhèin deiseil airson na h-àrd-sgoile a-nis cuideachd!

Latha Saidheans

Air 23 an Cèitean, thàinig buidheann a-steach gus bùithtean-obrach a dhèanamh air na speuran!  Bha e math fhèin; dh’ionnsaich sinn tòrr agus bha gnìomhan spòrsail rin dèanamh cuideachd.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn:

  • nam planaidean
  • nan reultan
  • solas
  • teileascopan
  • beatha ann am planaidean eile???!

Clas 7 Fundraising Cafe

Bha Fundraising Cafe aig Clas 7 air 24 an Cèitean.  Bha iad fad an latha anns a’ Chommunity Centre, is iad a’ frithealadh air a h-uile duine a thàinig a-steach.  Thog iad tòrr airgid a chuireas iad a dh’ionnsaigh nan tachartasan a nì iad aig deireadh na bliadhna, nuair a dh’fhàgas iad soraidh slàn aig a’ bhun-sgoil!

 

Gnìomhachasan na Hearadh

Rinn sinn rud beag bìodach a bharrachd air sgrìobhadh ìmpidheachd an t-seachdain sa, is sinn a’ sgrìobhadh litrichean gu gnìomhachasan na Hearadh.   Leis gur e Eileanan na Gàidhealtachd a th’ anns an topaic againn, tha e feumail gun ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar àitichean ri obair anns na h-eileanan, mu na seirbheisean a tha cudromach dhaibh, agus mu dè cho soirbheachail ‘s a tha na gnìomhachasan ud.

Chleachd sinn ar sgilean agus sgrìobh sinn litrichean, is sinn a’ faighneachd airson cothrom turas-sgoile a ghabhail – no gun tig cuideigin a-steach dhan chlas againn a bhruidhinn rinn.  Chaidh sinn timcheall a’ bhaile an uair sin gus na litrichean a lìbhrigeadh.

 

Turas dhan Eaglais

Leis gu bheil creideamh na phàirt mhòr dhe beatha na Gàidhealtachd agus nan eilean, chaidh sinn a thadhal air eaglais.  Chaidh sinn gu Eaglais na h-Alba san Tairbeart agus choinnich sinn ris an Urr. Ian Murdo MacDonald.  Bhruidhinn e rinn mun eaglais agus mun chreideamh Chrìostaidh thar na Gàidhealtachd.  Fhuair sinn cuideachd an cothrom a dhol timcheall na h-eaglais, is sinn a’ coimhead air a h-uile càil a bh’ ann.

Chòrd an turas rinn gu mòr, agus dh’ionnsaich sinn tòrr!  Tapadh leibh gu mòr dhan Urr. Ian Murdo MacDonald airson a bhith cho cuideachail, fiosrachail, agus airson fàilte chrìdheil a chur oirnn.

26.05.19

Latha spors

 Image may contain: one or more people, people playing sport, sky, outdoor and natureImage may contain: one or more people and outdoor

Ruith sinn torr reisean aig latha spors agus rinn sinn uabhasach math. Bha sinn air beagan ‘practice’ a dheanamh ann a spors agus chuidich sin sinn.

   

 

Ball-coise Clas 2-3

Chaidh clas 3 gu ball-coise ann a Steornabhagh comhla ri clas 2 aig Mrs Brown agus Clas 2-3 aig Mrs MacKinnon.  Chluich iad an aghaidh sgoiltean a Leodhas.  Bha latha math aca.

Image may contain: 3 people, people smiling, people standing, child and outdoor  Image may contain: 3 people, people playing sport and outdoor

Image may contain: 2 people, people smiling, people playing sport and outdoor  Image may contain: one or more people, people playing sport and outdoor

Clas 2

Dh’fhalbh Clas 4 gu Ms Meadan airson 3 latha agus thainig Clas 2 thugainne. Bha sinn trang a deanamh topic air Spunnaidearan.  Leugh sinn leabhraichean agus rinn sinn torr obair-ealain. Dh’obraich clas 2 agus clas 3 uabhasach math comha.

  

Dealbh chluich Image may contain: one or more people and people standing Thainig buidhean a-steach dhan sgoil airson dealbh chluich a dheanamh mu dheidhinn sabhailteachd rathaidean. Bha clas 1-4 aig Mrs MacKinnon, Clas Mrs Brown agus a Sgoil Araich ann cuideachd. Bha e math agus gu math eibhinn. Bha na h-orain aca math.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy

Glow Blogs uses cookies to enhance your experience on our service. By using this service or closing this message you consent to our use of those cookies. Please read our Cookie Policy.