Category Archives: GM P5-7

Primary 1-7 English

28.1.2019 – 15.2.2019 ann an GM5-7: Sàbhailteachd air Loidhne, FilmG… is eile!

A-rithist, tha GM5-7 air a bhith gu math trang thairis air an dà sheachdain sa chaidh san sgoil!

Tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le Bloighean ann an Àireamhachd agus Bàtaichean ann an Topaic.  A-nis gu bheil sinn cho math air dealbhan teignigeach a dhèanamh, tha sinn a’ dol a chruthachadh seòl.  Feumaidh sinn tòrr sgilean ùra ionnsachadh mus tòisich sinn, ge-tà; feumaidh sinn ionnsachadh mu dheidhinn cheàrnan agus feumaidh sinn ar sgilean a leudachadh ann a bhith a’ tomhas agus a’ dealbhadh thriantan!

Tha sinn cuideachd air tòiseachadh air sgeulachd fhada, mhac-meanmnail a sgrìobhadh!  Gu ruige seo, tha plana againn agus tha sinn air a’ chiad dhreachd a dhèanamh air an toiseach agus an deireadh.  ‘S e obair mhòr a th’ ann, a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachdan a tha pongail, rianail – agus cha bhi na sgeulachdan deiseil fad seachdain no dhà fhathast!  Fuirich ach am faic sibh iad!

 

Latha Sàbhailteachd air Loidhne

‘S e Latha Sàbhailteachd air Loidhne a bh’ ann Dimàirt 5 an Gearran.  Bha GM5-7 agus EM4-7 an sàs ann an co-labhairt bhideo còmhla ri sgoiltean eile nan Eileanan Siar, is sinn a’ coimhead air Sgoil Bhaile Mhanaich agus Sgoil Lìonacleit agus an sàr obair a tha iadsan a’ dèanamh a thaobh sàbhailteachd air loidhne sna sgoiltean aca fhèin.  Thog sinn beachd no dhà bho na thuirt iad!

 

FilmG

Bha Cuirm nan Duaisean aig FilmG air Dihaoine 8 an Gearran ann an Glaschu!  ‘S e Archie, Luke agus Seamus a chaidh ann bhon chlas againn, còmhla ri Eilidh, Isla agus Dylan bhon àrd-sgoil.  ‘S e cothrom air leth a bh’ ann a bhith an làthair, agus ‘s e deagh oidhche a bh’ ann ann an da-rìribh.

Ach… cha do chaill càch a-mach gu buileach!  Chruinnich iadsan anns an Tairbeart air an oidhche fhèin airson biadh is spòrs, agus gus coimhead air a’ Chuirm air Facebook Live!  Leis an taic sgoinneil a fhuair sinn bho ar caraidean aig an taigh, is truagh nach do bhuannaich sinn!

Às dèidh seo… uill, bhrosnaich seo sinn tòiseachadh ri ullachadh airson na h-ath bhliadhna!  Tha plana againn airson sgriobt, a thogas air sgilean ann an èist is labhairt cuideachd (aon dhe na targaidean a th’ againn airson an teirm a tha seo).  Watch this space!!

Fhad ‘s a tha sinn a’ bruidhinn air èist is labhairt, rinn Clas 5 dealbh-cluiche eile dhuinn fhad ‘s a bha Clas 6 is 7 aig Harris House.  An turas seo, ‘s e teaghlach a bh’ annta a bha a’ dol air cuairt dhan t-sù, agus bha e sgoinneil!

 

A bharrachd air sin uile, bha sinn air Prògram Ailig dà thuras – a’ chiad turas air Dihaoine 1 an Gearran, is sinn a’ bruidhinn air FilmG (https://www.bbc.co.uk/programmes/m00028ly) agus air Dihaoine 8 an Gearran, is sinn a’ toirt seachad Dùrachdan airson Latha Naomh Bhaileintin (https://www.bbc.co.uk/programmes/m0002hv5).  Ma tha sibh luath, glacaidh sibh air iPlayer sinn!

 

Teirm Ùr – trang gu leòr!

Tha sinn air a bhith air ais às dèidh na Nollaige trì seachdainean a-nis – agus cha mhòr nach do ghabh sinn anail!

Film G

Chuala sinn tràth san teirm gun robh sinn air a’ gheàrr liosta airson duais ar catagoraidh – “Fiolm as fheàrr le buidheann òigridh”.   Cha robh sinn soirbheachail san duais “Taghadh nan Daoine”, ach tha sinn gu mòr an dòchas gum buannaich sinn an aghaidh fiolmaichean nam bun-sgoiltean eile.

Tha cuirm gu bhith ann an Glaschu Dihaoine 8 an Gearran, agus tha an triùir shaighearan a’ dol sìos leis an dòchas gum buannaich sinn.  Tha sinn uile air bhioran, is fadach oirnn faighinn a-mach!

 

Pìoban Ùra

Fhuair Seamus agus Fraser pìoban ùra, agus sheall iad dhuinn ciamar a tha iad ag obair anns a’ chlas.  Seo a’ chiad phìob a fhuair Fraser a-riamh, agus bha Seamus ga chuideachadh gus an cur ri chèile.

Is math a rinn sibh!

 

Topaic

‘S e bàtaichean an topaic a th’ againn an teirm seo, agus tha sinn ag ionnsachadh plana a dhealbhadh gus bàta a thogail.  Tha sinn cuideachd a’ sireadh dhaoine aig a bheil eòlas air bàtaichean a thig a-steach a bhruidhinn rinn.  Mar sin… a bheil bàta agad?  Am bi thu ag obair ann an saoghal nam bàtaichean?  Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bhuaibh!!

 

Gàidhlig

Tha targaidean againn an teirm seo gus tuilleadh Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh a’ chlas.  Mar sin – feuch gum bruidhinn sibh rinn ann an Gàidhlig.  Tha sinn mothachail gu bheil e uaireannan doirbh dàimh Bheurla atharrachadh gu dàimh Ghàidhlig – ach rinn Darren fìor mhath, is e a’ cluich ri gille beag à Sgoil Àraich ann an Gàidhlig fad leth uair a thìde!  Tha seo sgoinneil, oir chùm Darren air ann an Gàidhlig ged a bha an gille beag a’ bruidhinn air ais ris ann am Beurla.  Is math a rinn thu, Darren!

GM5-7 aig Carragh-chuimhne an Tairbeirt

On 11th September, we went along to the Tarbert War Memorial to add to our learning about World War One.  John Murdo Morrison met us there, and told us all about the memorial and the people whose names were on it.  It was very interesting to hear all the stories, and we were also glad the rain held off!

Tapadh leibh gu mòr, Iain Fhionnlaigh, and thank you, Kate, for coming with us and taking some great pictures!

GM P7 Trip to Edinburgh Day 1

Latha 1

Abair latha trang! Thainig sinn a Dhun Eideann air pleana madainn an diugh agus se a’ chiad turas air pleana a bh’ann airson dithis againn.  Bha na seallaidhean alainn a’ tighinn a-steach ged a bha e rud beag “bumpy”!!

Bha Mr MacKenzie a’ feitheamh oirnn agus chaidh sinn an uairsin gu priomh oifisean “Scottish Salmon Company”  Chuir iadsan air doigh dhuinn buffet a bha sgoinneil agus dh’innis iad dhuinn beagan mun chompanaidh.  Thainig cuideigin an uairsin a-steach le ice-lollies dhuinn, abair treat!!

As deidh dhuinn ar baganan fhagail anns an taigh-osda chaidh sinn “bowling”.  Bha e gu math sporsail agus se na nigheanan a bhuannaich!

 

Spòrs

Ann an spòrs rinn sinn lùth-chleasachd a-staigh am broinn an talla-spòrs.  Bha sinn ag obair air a bhith a’ leasachadh na PBs againn fhèin.  Chòrd e rinn gu mòr agus bha sinn gu math sgìth às a dhèidh!  Ghabh Mrs Brown dealbhan agus tha feadhainn aca gu math èibhinn!

 

Madainn Fosgailte

Thàinig na pàrantan againn a-steach dhan chlas againn agus sheall sinn dhaibh cuid de na rudan a tha sinn air a bhith ag obair air anns a’chlas. Bha sinn a’ cruthachadh cuairtean-dhealain le “Snap Circuits”, a’ dèanamh obair Coltachd ann am Matamataig. Sheinn sinn “Cur Cùlaibh ri Assainte” cuideachd, òran ceangailte ris an topaic againn air eilthireachd.  Sheall sinn bhideo dhaibh de sinne a’ cluiche Sìne Bhàn ann an cèol Gàidhlig. Bha madainn sgoinneil againn còmhla.

 

Turas Sgoile Clas 5-7

Chaidh sinn air turas gu Seallam anns an Taobh Tuath o chionn ghoirid far an do dh’ionnsaich sinn barrachd mu fuadaichean agus eilthireachd anns Na Hearadh bho na 1700an gu na 1900an. Bha seo a’ ceangal a-steach dhan topaic againn mu thimcheall an leabhar “An Turas Eiginneach”

An robh fhios agaibh gun robh duine à Carragrich a’ sabaid aig Waterloo!  Seamus

Bha e cho inntinneach faighinn a-mach gun robh e tòrr na b’fhasa a dhol a Chanada na bha e a Ghlaschu!  Ellie-Ceit