September 8, 2017
by User deactivated
0 comments
Ceann-latha: Dimàirt 12 Sultain 2017
Àm: 10m – 11m
Ag amas air: Sgoilearan S4 – 6
Àite: Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Talla Cheilbhinn, Glaschu
Bidh an tachartas ionnsachaidh seo airson daoine bho S4-S6 san àrd-sgoil a’ taisbeanadh goireas eadar-obrachail ùr bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a ghabhas a chleachdadh airson litreachas, cuspairean sòisealta agus ealain chruthachail. Anns an t-seisean, bidh stiùireadh ann air na dòighean airson deagh fheum a dhèanamh de na goireasan-d seo anns a’ chlas, airson obair dachaigh, agus airson obair neo-eisimeileach air-loidhne.
Am measg nan goireasan a thèid a chleachdadh, bidh an làrach-lìn ùr mu thubaist an Iolaire ann an 1918/19 http://digital.nls.uk/learning/iolaire/index.html a bharrachd air ceòl, leabhraichean, mapaichean eachdraidheil agus film bhon tasglann aig scotlandonscreen.org.uk
Amasan:
- Gus goireasan a tha a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig a thaisbeanadh
- Gus cuir ri misneachd nan com-pàirtichean ann a bhith a’ cleachdadh goireasan-d.
- Gus cothroman a chruthachadh do na com-pàirtichean barrachd ionnsachadh mun Iolaire.
Fios:
Airson barrachd fiosrachaidh agus gus clàradh, cuir fios gu: Ionnsachadh is Coimhearsnachd air 0141 880 2302 no post-d movingimagelearning@nls.uk
Trip for S4 – S6 pupils
Kelvin Hall , Glasgow
Tuesday 12 September
10 am – 11am
This event will introduce pupils to digital resources connected to the Iolaire Disaster of 1919.
For further information feel free to cal 01418802302 or visit movingimagelearning@nls.uk