Category Archives: Sir E Scott School

Clas 3-4 31.01.20

Matamataig

Bha sinn trang a deanamh dealbhan co-chothromach ann a matamataig.

Cuideachd, bha sinn ag obair comhla air geamanan matamataig.

Beathaichean fiadhaich

Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn beathaichean a tha ag ithe feoil, agus beathaichean a tha ag ithe lusan.  Bha sinn cuideachd a’ bruidhinn mu beathaichean a tha ag ithe feoil agus lusan. Rinn sinn rannsachadh agus an uairsin postair.

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidinn beathaichean fiadhaich a chi thu ann an Alba. Rinn sinn liosta comhla agus an uairsin thagh sinn beathach agus rinn sinn rannsachadh . Tha na postairean a rinn sinn cho alainn! Lorg sinn torr fiosrachadh.

 

Clas 3 – 4 17.01.20

Bliadhna mhath ur agus failte air ais dhan sgoil!

Bha sinn gu math trang ro na saor-laithean ag ionnsachadh faclan agus orain airson ar dealbh-chluich Nollaig.  Seo sinn  deiseil airson a dhol air a’ steids.

   

Seo sinn air a’ steids.

Tha topic ur againn, Beathaichean Fiadhaich Albannach. Mus do thoisich sinn air sin rinn sinn beagan a bharrachd obair air Dealain. Rinn sinn ‘Circuits’. Bha e sporsail!

  

Choinnich Lois Ben Fogle anns na saor-laithean. Is toil leatha na leabhraichean aige!

 

   

 

clas 3-4 29.11.19

 

CRISPIE CAKES

Rinn ar clas crispie cakes airson cafaidh La na Gaidhlig.  Chleachd sinn teoclaid, im,  siorap, Rice Crispies agus marshmallows. Dh’obraich iad uabhasach math agus bha iad gu math blasta.

La na Gaidhlig

Chaidh sinn gu rum Mgr Moireach airson bruidhinn ri daoine eadar-dhealaichte a tha cleachdadh Gaidhlig a h-uile latha anns an obair laitheil aca. Dh’ionnsaich sinn torr agus fhuair sinn ‘freebies’.

 

An uairsin chaidh sinn dhan leabharlann airson eisteachd ri Morag Anna NicNeill a leughadh stoiridh dhuinn. Bha a’ storaidh gle eibhinn agus fhuair clas 3 leabhraichean airson a thoirt dhachaigh, fhuair clas 4 iad an uraidh.

 

Mu dheireadh chaidh sinn airson seinn comhla Mgr MacIomhair airson na parantan.  Sheinn sinn da oran.

Robin Reid – RSPB

Thainig Robin Reid a-steach dhan sgoil airson bruidhinn mu dheidhinn an obair a tha iad a deanamh le iolairean oga anns na Hearadh.

  

Bha torr fiosrachadh inntinneach aige. Sheall e dhuinn cho mor ‘s a tha iolaire, nas motha na Jono!

Dannsa

Bha Abigail ann a Disneyland ann a Paris airson farpais. Rinn I math agus fhuair i torr duaisean.

Joanthan agus Rory

Bha Jonathan agus Rory trang a deanamh dealbhan air a’ bhord gheal. Nach iad a tha math air dealbhan!!

 

   

 

La Naomh Anndra

Bha aodach tartain oirnn airson La Naomh Anndra. Dh’innis Mrs MacLeod dhuinn mu dheidhinn Naomh Anndra aig cruinneachadh agus rinn sinn dealbhan.

 

 

Welcome back!

We are looking forward to welcoming all our pupils back to school on Thursday!
School uniform orders can be collected from the school office on Tuesday.
Primary Lunch Menu
Thursday
Lentil soup & sandwich or turkey burger
Friday
Cheese salad or Haddock.
Can all primary pupils please bring their PE kit on Wednesday as PE times have not been finalised due to secondary timetable.
Many thanks,

Mrs P Macleod
Primary DHT

17.6.2019 – 28.6.2019

Uill, thàinig deireadh na bliadhna mu dheireadh thall!  Tha sinn air tòrr ionnsachadh, ach tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri làithean-saora an t-samhraidh.

Cuirm nan Duaisean

Bha Cuirm nan Duaisean againn air 17 an t-Òg-mhios, agus rinn sinn uile glè mhath!  Sheinn Clas 7 òran dhuinn cuideachd, a chòrd rinn gu mòr.

Gnìomhachasan na Hearadh

Dh’ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn gnìomhachasan na Hearadh an t-seachdain sa!  Chaidh sinn a-mach an toiseach a dh’fhaicinn Essence of Harris.  Dh’innis iad dhuinn ciamar a thòisich iad gnìomhachas cho soirbheachail agus dè bha againn ri dhèanamh nan robh sinn fhìn airson gnìomhachas a thòiseachadh san àm ri teachd.

An uair sin, thàinig Isle of Harris All Natural Soap Company a-steach a bhruidhinn rinn.  Bha e uabhasach math sealladh eile fhaighinn air ciamar a thòisicheas tu gnìomhachas, agus chòrd e rinn gu mòr blas nan siabann fhaireachdainn.

Fhuair sinn freebie no dhà bho na gnìomhachasan, a bha uabhasach tarraingeach cuideachd!

Buntàta

Mu dheireadh thall, thog sinn am buntàta!  Bha e gu math soirbheachail – chruinnich sinn tòrr, bha sinn air ar gràineachadh leis an t-seann bhuntàta a thòisich cùisean (bha e sgreamhail!), agus chòrd e rinn gu mòr, mòr a bhith a’ cluiche san ùir!

An uair sin, chuir sinn am buntàta ann am bogsaichean cairt gu sàbhailte, gus an robh sinn deiseil airson am bruich!  Bhruich sinn iad ann an uisge goileach, agus chuir sinn càise ann.  Bha iad gu math blasta!  Dh’aontaich sinn an còrr ***********

An t-aiseag

Chaidh sinn dhan aiseag a dh’fhaicinn an uiread dhe luchd-turais a bhios a’ siubhal air ais ‘s air adhart eadar na h-eileanan agus tìr mòr.  Chuir e iongnadh oirnn nach robh ach aon duine a’ siubhal airson obair a-mach à sampall dhe *** dhaoine!  Dh’ionnsaich sinn gu bheil eaconamaidh nan eilean a’ crochadh gu mòr air turasachd.

Scàladal

Chaidh Clas 7 a Scàladal airson dà latha, a dhèanamh cleasan taobh a-muigh, leithid rafting building agus archery.  Ghabh iad tòrr mòr spòrs!

Tràigh

Chaidh sinn air turas sgoile dhan tràigh, còmhla ri Clas Mrs Atkinson agus Clas 4 aig Mrs MacQueen.  Bha e uabhasach spòrsail – thog sinn amaran is aibhnichean sa ghainmhich, agus leum sinn fhìn a-steach san t-sruth mhòr cuideachd!  Bha e rudeigineach fuar… ach thàinig a’ ghrian a-mach dìreach nuair a bha sinn gar deisealachadh airson falbh!

YMI

Air Diciadain, chaidh Luke, Bella, Chloe, Isobel agus Fiona a Steòrnabhagh gus bhideo sanasachd fhilmadh airson YMI.

Agus… a bharrachd air a sin, tha sinn air a bhith a’ sgioblachadh an t-seòmair agus a’ dèanamh a h-uile càil deiseil airson nan làithean saora!  Tha sinn a’ coimhead air adhart dhan ath bhliadhna, ach bidh e math fois is spòrs a ghabhail tro na làithean-saora san eadar-ama.

 

Tha sinn duilich, ach bhrist am fòn aig Miss Meaden agus, mar sin, chan eil dealbhan againn an turas seo!  Chì sibh dealbhan air rud no dhà a rinn sinn air a’ bhlog aig Clas 4-7 Beurla, ge-tà!