Seachdain Saidheans – Science Week

Seachdain Saidheans 13 -17mh Am Màrt

’B e ceanglaichean an topaig a bh’ againn airson seachdain saidheans am bliadhna. Leis a sin, rinn sinne obair air oighreachd, a’ sgrùdadh mar a gheibh sinn diofar feartan bho ar pàrantan.  Thàinig pàrantan a-staigh dhan sgoil gus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan oighreachd.  Leugh sinn an leabhar “Na Stocan agus Na Stùcan” airson ionnsachadh mu oighreachd agus rinn a’ chlann na caractaran a cleachdadh taois-chluiche. Bha tòrr spòrs againn agus tha sinn cho taingeil gun tàinig pàrantan a-staigh gus ionnsachadh còmhla rinn.

Connections was the theme for this year’s Science Week.  We chose to learn about inheritance, learning about how characteristics are inherited from our parents.  We invited parents to join us for a fun afternoon to take part in inheritance activities. We read The Smeds and The Smoos to start off our afternoon and the children enjoyed making the characters using playdough. We had a lovely afternoon and would like to thank parents for coming in to help us to learn about inheritance.

Tuathanas gu Truinnsear/Farm to Fork

Mar phàirt dhen phròiseact againn “Tuathanas gu Truinnsear”, chaidh sinn shìos dhan a’ bhùth gus faighinn a-mach cò as a tha ar biadh a’ tighinn. Choimhead sinn air lusan agus measan a bhios sinn fhèin ag ithe. Fhuair sinn a-mach gu bheil ar biadh a’ tighinn bho dhùthchannan eadar-dhealaichte air feadh an t-Saoghal. Coimheadaidh sinn a-nis air a’ mhapa a dh’fhaicinn dè an astar a tha aig gach lus mus tig iad dhan bhùth againne.

As part of our Farm to Fork topic, we went down to the shop to find out where some of our food comes from. We looked at fruits and vegetables that we enjoy and we found out that they come from different countries all over the world. We will now look at where these countries are and how many miles our food has to travel before it arrives at the shop.

Den Building in G1-3

Tha a’ chlann air a bhith ag obair cho trang an t-seachdainsa is mar sin, dh’fhalbh sinn a-mach dhan raoin-chluiche gus dens a thogail.  Dh’obraich iad ann an dà bhuidheann gus planadh a dhèanamh mus do thog iad na dens aca. Tha mi cinnteach gun aontaich sibh rium gun do rinn iad deagh oidhirp!

Tha children have been very busy this week so we took to the playground to build some dens. They worked in 2 groups to plan the resources they would need and to discuss what their dens would look like. I’m sure you’ll agree that they did a fantastic job!

 

Signs of Spring

Feasgair an-diugh, dh’fhalbh sinn air chuairt shìos am Battery gus bheothaichean agus lusan ùra a lorg. Chunnaic sinn eich, caoraich agus tòrr eòin.  Tha sinn cho fortanach gu bheil an t-àite seo cho faisg oirnn.

This afternoon, we took a walk down the Battery to find animals and signs of spring. We saw some buds and flowers as well as horses, sheep and plenty of birds. We are so lucky to have this right on our doorstep.

Tricky Words in G1

Tha Clas 1 air a bhith trang an-diugh ag iasgach airson faclan chumanta. Tha iad uabhasach math air na faclan a leughadh.

G1 have been busy this morning, fishing for tricky words on the tuff tray. They are great at reading their words.

Leugh le Linda

Rinn sinn seisean còmhla ri Leugh le Linda an-diugh air Teams. Dh’ionnsaich sinn na samhlaidhean airson diofar bheothaichean, dh’èist sinn ri sgeulachd agus sheinn sinn òran ùra. Bha sinn air bhioran nuair a chunnaic sinn na sgoiltean eile.

We joined in with Leugh le Linda today for a live session. We learnt the signs for a few different sea creatures, listened to a story and sang a new Gaelic song. It was exciting to see so many other Gaelic classes from all over Scotland on our screen.

 

Christmas Lunch in BPS

Chòrd dìnnear na Nollaige glan ri Clas 1-3 an-diugh! Fhuair iad truinnsear làn bhiadh agus reòiteag na Nollaig mar mhìlseag. Seall air na geansaidhean spaideil aca cuideachd!

G1-3 really enjoyed their Christmas lunch today at school! They had a full plate of delicious food and a Christmas ice cream for pudding. Look at all their fancy Christmas jumpers!

Clann ann an Èis.

Dh’obraich Clas 1-3 còmhla gus Pudsey mòr a dhèanamh à pàirtean-sgaoilte airson Clann ann an Èis.

G1-3 worked together to make a big Pudsey Bear using the loose parts for Children in Need.

Owl Babies in G1-3

Tha sinn a’ dèanamh sgrùdadh air an leabhar “Iseanan Cailleach-Oidhche” agus an-diugh, lorg sinn duilleagan san raoin-chluiche gus ealain a dhèanamh stèidhichte air an leabhar. Seo na Cailleachan-Oidhche aig Clas 1!

We are doing a book study on Owl Babies and today, we went outside to find some leaves and other natural materials to make our own owls. Here are G1’s amazing owls!

SHANARRI in G1-3

Tha sinn air pròiseact ùr a thòiseachadh a tha stèidhichte air SHANARRI. An-diugh dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn Sàbhailteach agus mar a tha sinn gar cumail fhèin agus daoine eile sàbhailte. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na daoine a bhios gar cumail sàbhailte sa choimhearsnachd.

We have begun a new topic based around SHANARRI. Today, we learnt about what it means to feel Safe. We discussed who keeps us safe at home, at school and in our community. The children thought of lots of examples and we recorded this in our floorbook.

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy

Glow Blogs uses cookies to enhance your experience on our service. By using this service or closing this message you consent to our use of those cookies. Please read our Cookie Policy.