Gàidhlig

Greenfaulds High School Gaelic Department

Goireasan-d airson na Gàidhlig is a cultar le fòcas air an Iolaire

| 0 comments

 

Ceann-latha:           Dimàirt 12 Sultain 2017

Àm:                           10m – 11m

 Ag amas air:                        Sgoilearan S4 – 6

 Àite: Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Talla Cheilbhinn, Glaschu

                       

 Bidh an tachartas ionnsachaidh seo airson daoine bho S4-S6 san àrd-sgoil a’ taisbeanadh goireas eadar-obrachail ùr bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a ghabhas a chleachdadh airson litreachas, cuspairean sòisealta agus ealain chruthachail.  Anns an t-seisean, bidh stiùireadh ann air na dòighean airson deagh fheum a dhèanamh de na goireasan-d seo anns a’ chlas, airson obair dachaigh, agus airson obair neo-eisimeileach air-loidhne.

Am measg nan goireasan a thèid a chleachdadh, bidh an làrach-lìn ùr mu thubaist an Iolaire ann an 1918/19  http://digital.nls.uk/learning/iolaire/index.html a bharrachd air ceòl, leabhraichean, mapaichean eachdraidheil agus film bhon tasglann aig scotlandonscreen.org.uk

Amasan:

  • Gus goireasan a tha a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig a thaisbeanadh
  • Gus cuir ri misneachd nan com-pàirtichean ann a bhith a’ cleachdadh goireasan-d.
  • Gus cothroman a chruthachadh do na com-pàirtichean barrachd ionnsachadh mun Iolaire.

Fios:

Airson barrachd fiosrachaidh agus gus clàradh, cuir fios gu: Ionnsachadh is Coimhearsnachd air 0141 880 2302 no post-d movingimagelearning@nls.uk

 

Trip for S4 – S6 pupils

Kelvin Hall , Glasgow

Tuesday 12 September

10 am – 11am

This event will introduce pupils to digital resources connected to the Iolaire Disaster of 1919.

For further information feel free to cal 01418802302  or visit movingimagelearning@nls.uk

 

Leave a Reply

Required fields are marked *.


This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy