Ceilichean
Thainig na brathairean aig Chirsty Bella a-steach a cheilidh oirnn. Bha sinn uile toilichte ga faicinn. Bha Alasdair trang a’ coimhead air a h-uile rud a th’againn anns a’ chlas.
      ![]()
Postairean
Bha sinn ag obair comhla airson postairean a dheanamh mu dheidhinn beathaichean a chi thu fon a’ mhuir. Chleachd sinn leabhraichean agus an eadar-lion. Bha faclan gu math doirbh anns na leabhraichean. Fhuair sinn a-mach torr rudan inntinneach!
  
  
Spors
Aig spors tha sinn air toiseachadh ball-bascaid a chluich. Tha sinn uile cho math air!
 
Bha Lois trang aig an taigh a’ deanamh dealbh alainn le peant. Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn doimhneachd na mara agus chaidh i dhachaigh agus rinn i dealbh a sealltainn na rudan a bha sinn a bruidhinn air! 
Rionnag na Gaidhlig
An t-sheachdainn seo bha cudeigin as a chlas againne Rionnag na Gaidhlig. Tha Rory uabhasach math air Gaidhlig a bhruidhinn anns a’ chlas! Cum ort, Rory!!

Plastaig anns a’ mhuir – Kate Langley

Thainig Kate Langley a-steach airson bruidhinn mu dheidhinn plastaig mara. Bha i ag innse dhuinn mu dheidhinn cho cunnartach ‘s a tha plastaig airson beathaichean agus eoin mara. Sheall i dealbhan gu math granda dhuinn, eoin marbh agus beathaichean steigte ann an lion.






  
  
  
  
 Thainig buidhean a-steach dhan sgoil airson dealbh chluich a dheanamh mu dheidhinn sabhailteachd rathaidean. Bha clas 1-4 aig Mrs MacKinnon, Clas Mrs Brown agus a Sgoil Araich ann cuideachd. Bha e math agus gu math eibhinn. Bha na h-orain aca math.
  
   
  












 Â





 




           Â
 













