30.08.19

Bha Ms MacQueen agus clas 3-4 gu math toilichte tilleadh dhan sgoil as deidh sia seachdainean! 

Matamataig

Bha sinn trang a’ tomhais le ruilear, maide meatair agus teip. Dh’obraich sinn comhla anns a’ chlas agus bha sinn anns a Performance Area cuideachd.

 

 

 

Rinn sinn iasg a bha mu 1 mheatair a dh’fhaid. Dh’obraich sinn comhla airson seo.    

 

 Childsmile

Thainig Alasdair bho Childsmile dhan sgoil agus bha sinn a sealltainn dha cho math ‘s a tha sinn air ar fiaclan a bhruisigeadh. Bha e a’ bruidhinn mu dheidhinn a seorsa biadh a tha math dha na fiaclan againn agus bha sinn math air na ceistean aige a fhreagairt.

 

 

Seoras Ruadh agus Barabal

Thoisich sinn a’ leughadh leabhar ur anns a’ chlas, Seoras Ruadh agus Barabal. Tha e mu dheidinn cat ruadh agus nighean bheag air a bheil Barabal. Se leabhar eibhinn a th’ann. Tha Seoras a fuireach ann an seann taigh leis fhein ach an uairsin that an teaghlach aig Barabal ga  cheannach agus chan eil Seoras air a dhoigh idir!!

 

 Thug Chirsty Bella a-steach dealbh alainn a rinn i le slighean agus gainmheach. Bha seo airson ar topic ur, ‘Fon Mhuir’.

 

 

 

 

 

 

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.