Category Archives: After School Clubs

STEM

Air Dihaoine, 9mh latha den Mhart, bha sgioba STEM na sgoile aig Eden Court ann an Inbhirnis aig taisbeanadh Young Engineers and Science Club.

Bha 7 diofar dubhlain againn ri dheanamh a chur companaidhean mora mar Breedon, RBS agus LifeScan air doigh, le 3 mionaidean againn airson gach fear a dheanamh. Mar eisimpleir, bha againn ri cuimhneachadh air ordugh na circuits agus an cuir air ais san aite cheart. Anns gach dubhlan bha sinn a’ faighinn puingean a-mach a 10 airson cho math ‘s a dh’obraich sinn  comhla, puingean a-mach a 10 airson cho math ‘s a fhuair sinn air adhart anns an dubhlan agus puingean a-mach a 10 airson cho math ‘s a mhath sinn air obrachadh a-mach an obair ri dheanamh san dubhlan.

As deidh sin, bha againn ri taisbeanadh a dheanamh mu dheidhinn a h-uile cail a bha sinn air a dheanamh aig a’ chluba againn. Bha da bhritheamh ann. Dh’eist iad rinn an uairsin dh’fhaighnich iad ceistean dhuinn mu dheidhinn an cluba againn.

Mu dheireadh, bha an ‘Don’t Waste a Drop’ challenge againn ri dheanamh, an dubhlan a bha sinn air a bhith ag obair air aig a’ chluba againn. Chruthaich sinn pump burn, channel agus tuir aig a’ chluba. Bha 3 mionaidean againn airson a’ chur comhla, 5 mionaidean againn airson na b’ urrainn de 2l burn fhaighinn bhon lar suas, am pump agus sios chun bhucaid aig bonn an channel. Bha an uairsin 2 mhionaid againn airson a ghluasad. Fhuair sinn air 1800ml a ghluasad ann an 1 mionaid agus 20 diogan.

Bhuannaich sinn an duais airson an cluba bun-sgoil as fhearr. Fhuair sinn teisteanas, cuach agus £250. Bha sinn uile air ar doigh! Chord an latha rinn gu mor. Tha sinn a-nis a’ dol a chumail a dol le dubhlan ur air a bheil ‘Knots to Watts.’