Ann an Clas 3-4 bha sinn trang ag ionnsachadh mu dheidhinn na h-Eiphitich.
Bha iad a faighinn uisge bhon abhainn Nile. Thog sinn shaduf. Dh’obraich feadhainn uabhasach math, agus bha feadhainn ann nach do dh’obraich!
Thog sinn pioramaid cuideachd! Sgriobh sinn hieroglyphics na bhroinn.
Rinn sinn mumaidh le ubhal. Chleachd sinn salann airson a thiormachadh. Anns an Eipheit bha iad a cleachdadh natron.
Rinn sinn scarab le criadh. Bha Mr MacSween ann airson ar cuideachadh.