Category Archives: GM P1-2
Primary 3-5 English
GM P1-2 Blog Post 15th February 2019
Bliadhna Ur, barrachd Blogs!
Tha sinn an dùil a bhith a’ cuir suas barrachd fiosrachadh mu na tha a’ dol anns a’ chlas againn. Airson gach “post” a chuireas sinn suas, tha buidheann bhon chlas a’ dol a bhith a’ gabhail uallach air a shon. a’ taghadh dè a thèid ann agus ga dheasachadh. Rinn sinn am fear gu h-ìosal còmhla.
We plan to share more information about what is happening in our class through our blog. For each post we upload, a group from the class will act as editors, They will decide what to include and help upload it. We worked on the first one together.GM P1-2 Blog Post 25th Jan 2019
Clas 1-2 Term 2
Abair term trang, trobhad ‘s leugh cuid de na tha air a bhith a’ dol againn.
Nuair a thainig beibidh Alasdair a cheilidh…
An teirm a chaidh rinn sinn topaic co-cheangailte ri na leabhraichean Ceitidh Morag. Bha beibidh ur aig mamaidh Ceitidh Morag agus leugh sinn gu robh i farmadach mu dheidhinn sin. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn mar a choimheadas tu as deidh beibidh agus thainig Alasdair agus a mhamaidh Jenna a cheilidh oirne sa chlas! Se brathair beag Chirsty Bella a th’ann agus bha i cho proiseil ag innse dhuinn mu dheidhinn!
Bha torr ceistean again dha Jenna! Dh’innse i dhuinn mu dheidhinn mar a chuireas i Alasdair a chadal, mar a gheibh e biadh a botal, mar a chuireas i aodach glan air agus mar a chuireas i badan glan air cuideachd! Tha brathairean agus peathraichean beag aig cuid sa chlas agus bha iad gu math fiosrachail mu dheidhinn.
Thug Jenna a-steach an aodach a bha air Alasdair nuair a thainig e dhachaigh bhon ospadal agus an aodach a tha air an-diugh. Abair gu bheil e air fas!
Sheall Jenna dhuinn cuideachd am botal beag a bha aige an toiseach agus am botal a bhios e a gabhail a-nis. Is toil leis a bhith ag ol bainne agus thuirt Chirsty Bella gum bith i a cuideachadh mamaidh ag ullachadh am botal. Abair piuthar mhor, chuideachail!
Tomhas Faide ann an Clas 1-2
Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh tomhas faide ann an matamataig an t-seachdainn-sa. Dh’obraich sinn a-mach gur e Katie Morag as airde sa chlas againn le bhith a deanamh co-meas eadar airde a h-uile duine.
Dh’obraich sinn comhla airson tomhas cho fada sa tha rudan sa chlas againn. Chleachd sinn ceuman airson tomhas!
Dh’obraich sinn cho math le cheile agus chord e ruinn uile!
Saidheans: Ar Corp
Tha Clas 1-2 air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn ar corp ann an saidheans an teirm seo. Chord an topaic gu mor ris a h-uile duine gu h-araidh na “experiments”. Seall cho trang sa bha sinn!
Dh’ionnsaich sinn mu an obair a bhios ar cridhe a deanamh. Thuirt a chlann gu robh e coltach ri pump a cuir fuil timcheall ar bodhaig. Dh’eist sinn ri fuaim ar cridhe a cleachdadh stethoscope.
Choimhead sinn cuieachd ri ar craicean a cleachdadh magnifying glass gus faicinn co ris a tha an organ as motha sa chorp again coltach. Chunnaic sinn gu robh falt air ar gairdean agus preasan orra cuideachd,
Tha patrain air ar corragan a tha eadar dhealaichte airson gach duine san t-saoghal!
Chan fhaca sinn bitheagan sam bith ged-ta!
Chleachd sinn inc airson larach ar corragan fhagail air paipear. Chunnaic sinn na patrain eadar-dhealaichte a tha aig gach duine!
Dh’ionnsaich sinn cuideachd mu dheidhinn ar stamag agus ar caolan. Tha obair sonracihte aca. Rinn sinn experiment a sealltainn mar a tha biadh a gluasad tro ar corp a cleachd poca plastaig airson stamag.
Chord ar leasanan saidheans ruin. Tha sinn airson barrachd a dheanamh an ath teirm!