Nuair a thainig beibidh Alasdair a cheilidh…

An teirm a chaidh rinn sinn topaic co-cheangailte ri na leabhraichean Ceitidh Morag. Bha beibidh ur aig mamaidh Ceitidh Morag agus leugh sinn gu robh i farmadach mu dheidhinn sin. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn mar a choimheadas tu as deidh beibidh agus thainig Alasdair agus a mhamaidh Jenna a cheilidh oirne sa chlas! Se brathair beag Chirsty Bella a th’ann agus bha i cho proiseil ag innse dhuinn mu dheidhinn!

Bha torr ceistean again dha Jenna! Dh’innse i dhuinn mu dheidhinn mar a chuireas i Alasdair a chadal, mar a gheibh e biadh a botal, mar a chuireas i aodach glan air agus mar a chuireas i badan glan air cuideachd! Tha brathairean agus peathraichean beag aig cuid sa chlas agus bha iad gu math fiosrachail mu dheidhinn.

Thug Jenna a-steach an aodach a bha air Alasdair nuair a thainig e dhachaigh bhon ospadal agus an aodach a tha air an-diugh. Abair gu bheil e air fas!

Sheall Jenna dhuinn cuideachd am botal beag a bha aige an toiseach agus am botal a bhios e a gabhail a-nis. Is toil leis a bhith ag ol bainne agus thuirt Chirsty Bella gum bith i a cuideachadh mamaidh ag ullachadh am botal. Abair piuthar mhor, chuideachail!

Seall cho beag ‘s a tha brogan Alasdair!

One thought on “Nuair a thainig beibidh Alasdair a cheilidh…”

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.