All posts by EShmacqueen1c@glow

Feasgair fosgailte

Thainig na parantan a-steach Dihaoine ‘s a chaidh airson an obair againn fhaicinn. Rinn sinn obair air Hieroglyphics anns a’ chlas agus rinn sinn dealbh-chluich dhiabh ag innse a h-uile rud a bha sinn air ionnsachadh.

.  

Aig an deireadh chluich Darren a’ saxophone.

Na h-Eiphitich

Ann an Clas 3-4 bha  sinn trang ag ionnsachadh mu dheidhinn na h-Eiphitich.

Bha iad a faighinn uisge bhon abhainn Nile. Thog sinn shaduf. Dh’obraich feadhainn uabhasach math, agus bha feadhainn ann nach do dh’obraich!

Thog sinn pioramaid cuideachd! Sgriobh sinn hieroglyphics na bhroinn.

Rinn sinn mumaidh le ubhal. Chleachd sinn salann airson a thiormachadh. Anns an Eipheit bha iad a cleachdadh natron.

Rinn sinn scarab le criadh. Bha Mr MacSween ann airson ar cuideachadh.