Fàilte do bhloga Seirbheis Ceòl nan Eilean Siar

Tha dualchas beairteach de cheòl agus pàilteas de thàlant anns na h-Eileanan Siar. Buinidh àireamh mhòr de luchd-ciùil, cho math ri seinneadairean a tha air cliù a chosnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta, dha na coimhearsnachdan againne agus tha gu leòr dhiubh sin air a dhol air adhart gu bhith a’ dèanamh ainm dhaibh p-fhèin gu nàiseanta is eadar-nàiseanta.

Tha Seirbheis Ceòl Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhainn oideachadh ciùil ann an iomadadh ionnsramaid-ciùil do sgoilearan anns gach bun-sgoil agus àrd-sgoil air feadh nan eilean, bho Lìonail aig tuath gu Bàgh a’ Chaisteil aig deas.

Gheibhear oideachadh ann an òrain Ghàidhlig agus Pìopaireachd anns gach bun-sgoil agus tha ionnsramaidean-ciùil eile air an teagasg ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean a rèir an luchd-teagaisg a tha san sgìre. A bharrachd air sin, tha oideachadh ri fhaighinn tro Iomairt Ceòl Òigridh (YMI) gus leigeil leinn amas Riaghaltas na h-Alba a choileanadh – sin gum faigh gach sgoilear co-dhiù bliadhna de dh’oideachadh ciùil mus fhàg iad a’ bhun-sgoil.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag innse dhuibh barrachd mun t-seirbheis againn agus mu chuid den obair ionmholta anns a bheil na sgoilearan againn an sàs le taic nan Tidsearan Ciùil.

A-nis ge-tà, trobhadaibh a-steach!

Welcome to the blog site for Eilean Siar Instrumental Music Service.

The Western Isles has a rich cultural heritage and a wealth of musical talent exists amongst those living in our communities as well as having produced many musicians and numerous Royal National Mod winners, some of whom have gone on to become well known household names.

The Comhairle nan Eilean Siar (Western Isles Council) Instrumental Music Service provides music tuition, in a range of instruments, for pupils in every primary and secondary school throughout our island chain, from Lionel in the north right down to Castebay in the south.

Every primary school has tuition in Gaelic Singing and Piping, and other instruments taught in primary and secondary schools are dependent on the resources available in each local area. In addition to this, tuition is delivered through the Youth Music Initiative (YMI) to enable us to meet the Scottish Government commitment that every child in school will have received one year of music tuition by the time they leave primary school.

We look forward to providing you with all the information you need to know about the service and sharing some of the fantastic work that our pupils do with our the support of our Instrumental Music Teachers.