Category Archives: Whole School

Cruinneachadh / Assembly 04.05.18

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilear bho gach clas teisteanas agus àite airson an obair aca air a’ Bhòrd Òir. Seo far a bheil sinn a’ sealltainn eisimpleirean sgoinneil de obair. Chaidh piosan obair de bàrdachd, dealbhachadh bho sgeulachdan, ag aithneachadh an diofar eadar beachd is fiosrachadh agus cuideachd, a’ dèanamh oidhirp chruaidh le làmh-sgrìobhadh. Chì sibh an obair seo taobh a-muigh na sgoile. Nach math a rinn sibh!

At assembly today, a pupil from each class was awarded a certificate and a place for their work on the ‘Gold Board’. This is where we showcase excellent examples of work. Pieces of poetry, visualising from stories, identifying the difference between fact and opinion and working hard on hand writing, were all examples of work chosen today. You can see these piece of work displayed outside the school. Well done everyone!

 

Charlie, Audrey, Mylo, Zofia, Maeve, Ruairidh, Maria is Jasmine

Nach math a rinn sibh – Hannah, Heidi is Seamus!

Tha sinn an còmhnaidh cho toilichte a’ cluinntinn mun soirbheachas aig sgoilearan taobh a-muigh na sgoile is seo agaibh triùir bho C4/3!

We are always delighted to hear about pupil success outside of school and here we have three pupils from C4/3!

Fhuair Hannah crios ùr ann an Taekwondo. Thuirt i gu bheil e a’ còrdadh rithe air sgàth gur e eacarsaich math a th’ ann. Meal do naidheachd, Hannah!

Hannah received a new belt in Taekwondo. She says she enjoys it because it’s good exercise. Congratulations, Hannah!

Fhuair Heidi agus Seamus meadailtean bhon Co-fharpais FLA. Bha Heidi a’ dèanamh am buidhinn ceòl agus an còmhlan. Bha Seamus cuideachd a’ dèanamh am buidhinn ceòl, an concertina agus a’ seinn. Thuirt Heidi gun robh i rud beag nearbhach ach bha e spòrsail. As deidh an co-fharpais bha Seamus uabhasach sgìth ach chòrd e ris.

Seamus and Heidi received medals at this weekends FLA competition. Heidi was in the music group and the band. Seamus was also in the music group and played the concertina and sang. Heidi said that she was a little nervous but that it was fun. After the competition Seamus was very tired but he enjoyed it.

Sgoinneil! Excellent!

 

Cruinneachadh / Assembly 25.04.18

 

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilear bho gach clas teisteanas airson a bhith Sgoilear Sònraichte. Fhuair iad molaidhean airson a bhith ag obair math mar buidhinn, a bhith math air iomain agus iomadh rudan eile! Mealaibh ur naidheachd!

At assembly today, a pupil from each class was awarded a ‘Special Person’ certificate. They were praised for working well in a group, being good at shinty and many other qualities! Congratulations!

(Gun dealbh: Eilish)

Cuideachd fhuair sinn cothrom a’ comharrachadh ar meas air leabhraichean. Mòran taing gu na sgoilearan a thàinig suas ag innse mu na leabhraichean as fheàrr leotha.

We also got the opportunity to celebrate our love of books. Many thanks to the pupils who shared their favourite books with the schools.

 

Cruinneachadh / Assembly 20.04.18

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilearan teisteanasan Gàidhlig Sgoinneil agus bho Luchd-obrach na Sgoile.

At assembly today, pupils were awarded ceritficates for Gàidhlig Sgoinneil and from Staff Members.

Mealaibh ur naidheachd! Congratulations!

Gàidhlig Sgoinneil  – Amelia, Rosie, Sophia, Lukas, Catriona agus Isabel.

Teisteanasan bho Luchd-obrach – Agatha, Elisabeth, Eadie, Rosa, Tilda, Leo agus Evan.

 

Co-fharpais Sumdog Glaschu / Sumdog Glasgow Competition

Mealaibh ur naidheachd gu C4/3 a thàinig san 6mh àite anns an Co-fharpais Sumdog Glaschu. Bha barrachd na 800 clasaichean a’ gabhail pàirt agus dh’ obraich iad cho cruaidh a’ freagairt tòrr ceistean.

“Tha Sumdog a’ còrdadh rium oir uair a tha thu ag ionnsachadh tòrr maths agus nuair a tha thu sa chiad àite ann an geama tha e a’ còrdadh rium agus bi mi a’ cluich tòrr.” Anthony

“Bi mi a’ cluich tòrr agus a’ faighinn puingean. Bi mi air bhioran a bhi aig an top. Nuair a chunnaic mi gun robh sinn san 6mh àite bha mi air bhioran.” Michael

“Is toil leamsa e oir bi mi a’ faighinn nas fheàrr air maths mar clàran agus ceistean a dh’ fheumas tu leughadh agus tha thu a’ cluich le caraidean augs tha e gu math spòrsail. Bha mi gu math gu math gu math toilichte nuair a fhuair sinn 6mh àite” Elizabeth

A huge well done to C4/3 who came in 6th place in the Sumdog Glasgow Competition! There was over 800 classes taking part but C4/3 worked incredibly hard at home and at school to answer as many questions as they could!

 

Cruinneachadh / Assembly 21/03/18

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilear bho gach clas teisteanas airson a bhith Sgoilear Sònraichte. Fhuair iad molaidhean airson a bhith ag èisteachd math sa chlas, a bhith èibhinn agus iomadh rudan eile! Mealaibh ur naidheachd!

At assembly today, a pupil from each class was awarded a ‘Special Person’ certificate. They were praised for listening well in class, being funny and many other qualities! Congratulations!

Cuideachd, rinn ar dannsairean taisbeanadh den dannsa aca. Abair sgilean! Bha iongnadh oirnn uile!

Also, our dancers performed their cheerleading routine. They are so skilled! We were all amazed!

Bha sinn cuideachd ag ionnsachadh mu dheidhinn Uair na Talmhainn. Bha tòrr beachdan aig sgoilearan mu dè dh’ fhaodadh iad a’ dèanamh san uair a thìde agus atharraichean beaga a dh’ fhaodadh iad a dhèanamh gus coimhead as dèidh ar saoghal.

We also learned about Earth Hour. The pupils had lots of ideas for activities to do in the hour without electricity and also small changes they could make to help look after our planet.

 

Ar Bratach Uaine! / Our Green Flag!

Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn Teisteanas Bratach Uaine bho Sgoiltean-Eco agus Keep Scotland Beautiful!

We’re delighted to say that we have been awarded our first Green Flag Award from Eco-Schools and Keep Scotland Beautiful!

Fhuair sinn moladh airson ag obair còmhla ri Glendale, na Gàrraidhean Falaichte, Sustrans, South Seeds agus Urban Roots. Bha iad cuideachd toilichte le mar a bha tachartasan ann thairis air am bliadhna leis a h-uile clas an sàs. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri a bhith a’ cumail am Bratach Uaine gach bliadhna.

We were praised for working with our campus partner Glendale, the Hidden Gardens, Sustrans, Souths Seeds and Urban Roots. They were also pleased that we arrange activities throughout the year for every class to be involved. We are looking forward to keeping and renewing our Green Flag status as we develop even further as a school.

Na rudan as fheàrr! / The best things!

Seo na rudan as fheàrr le C7/6…

Here are the highlights of the year so far from C7/6…

 

Bha an rud as fheàrr leinn san teirm seo ’s e cluba ciùil.

Oir bha e supercalifragilisticexpialidocius-ly spòrsail!

Is toil leinn a bhith a’ cluich ionnsramaidean agus a’ seinn.

Aig an cluba ciùil rinn sinn tòrr òrain agus rinn sinn performance aig an cruinneachadh Nollaig.

Le Rory, Finlay agus Felix

 

Rinn sinn tòrr an term seo ach bha an rud as fheàrr am Panto Sleeping Beauty.

Bha am Panto Sleeping Beauty cho mìorbhaileach. Bha e èibhinn agus spòrsail airson a bhith a coimhead. Tha sinn uile ag iarraidh iad a tighinn air ais an ath term.

Le Hannah, Charlie agus Peter

 

Bha sinn a dol gu Pàrlamaid na h-Alba bha e gu math inntinneach ag ionnsachadh mu dheidhinn am pàrlamaid.

Dh’ionnsaich sinn ciamar a tha e mar a bhith MSP nuair a bha sinn a bruidhinn gu Mgr. Sarwar.

Chaidh sinn gun na Chambers. Bha sinn a’ faicinn tòrr MSPs agus bha feum againn a bhith gu math samhach.

Le Seonaidh, Euan agus Angus

 

Thàinig BBC The Lab chun an sgoile againn airson sinn fiolmadh airson sreath  air dè an rud  as fheàrr leinn mu an geamhradh/Nollaig. Seo dè tha na sgoilearan BSGGD a’ smaointinn –Bha e uabhasach (x2000) spòrsail  is fiosrachail. Thàinig Dè a-nis a’ tighinn gar fiolmadh air cùlaibh na scenes faodaidh sibh am film gu lèir fhaicinn aig – http://www.bbc.co.uk/programmes/p05r3gh2

Le Benny, Chiron + Isabel

 

Anns am bliadhna seo tha cuid rudan air a bhith a’ seasamh a-mach dhuinn agus tha iad air a bhith a còrdadh rinn gu mòr!

’S e a chiad rud a tha sinn gu bhith sgrìobhadh mu dheidhinn ’s e an Film G againn.

Rinn sinn fiolm goirid airson an co-fharpais Film G, am bliadhna bha an cuspair an fhìrinn.

Sgrìobh sinn an scriopt agus bha e uabhasach spòrsail a bhith a’ fiolmadh le an camera agus am boom proifeiseanta aig Dòmhnaill Eòghainn MacFhionghain. Tapadh leibh airson a’ dèanamh an gearradh dhuinn.

Tha an ainm air an fiolm againn “Am Bake Off” tha e mockumentary air am   Great British Bake Off steadhte anns an sgoil againn.

Nuair a tha a h-uile cèic ach na feadhainn Kennag air an goid tha feum aca a faighinn a mach co bha ann le an cuideachadh aig na Gillean Gorma agus chan eil e co tha thu an dùil!

Cuideachd am bliadhna, ann an teicneòlas rinn sinn leabhraichean pop suas. Dh’ fheuch sinn air diofar pop suasan gus an robh sinn cleachte le dè bha sinn dèanamh. As dèidh seachdainean ag obair air na pop suasan thoisich sinn air leabhraichean.

Bha an fear againne mu dheidhinn Bodach na Nollaig a faighinn deiseil airson Nollaig. Tha faisg air a h-uile duilleag a pop suas agus tha iad uabhasach dathach.

Rinn an clas gu lèir leabhraichean feadhainn mu dheidhinn turtur, Nollaig, unicorns agus tòrr a bharrachd.

Tha sinn air bhioran airson dè tha a’ tighinn suas.

Rachael & Iris

 

Bha class 6/7 a’ dèanamh farpais an ann film-G. Bha a-huile duine airson a bhith dèanamh An Bake Off. Bha Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain a’ leantainn an camera is an boom/microphone. Bha an tidsear againn a fiolmadh is fhuair na daoine nach robh ann an Film-G cothrom leis am boom is camera. Anns an film bha tòrr spòrs againn is bha e èibhinn. Ro a bhith dèanamh a Film-g againn bha na britheamhan ag ràdh feumaidh e a bhith mu dheidhinn fìrinn. Is ann an bake off again bha e mu dheidhinn am presenter a bhith ag ithe na cèicean aig na daoine.

Le Orla agus Athena