Monthly Archives: October 2017

Caismeachd Oidhche Shamhna / Halloween Parade

An-diugh an àite sgoilearan ann am Bunsgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, bha measgachadh de bana-bhuidsich, uilebheistean, taibhsean is iomadh creutairean eile! Bha Caismeachd Oidhche Shamhna againn agus abair gun do rinn na sgoilearan (is pàrantan!) oidhirp sgoinneil le’n èideadh aca.

Dh’ ionnsaich sinn mu mar a thoisich Oidhche Shamhna agus rinn gach clas caismeachd mun cuairt an talla a’ taisbeanach an èideadh aca.

Bha an obair doirbh aig Miss MacDonald, Miss MacRuary, Miss Caimbeul, Mrs MacMillan agus Mrs Sloan tagh na deiseachan as fheàrr.

Nach math a rinn sibh uile!

Today instead of pupils, Bunsgoil Ghaidhlig Ghleann Dail was filled with a mixture of witches, monsters, ghosts and many other creatures! Our Halloween Parade took place and the pupils (and parents!) made an excellent effort with their costumes.

We learned about the origins of Halloween and each class took their turn to parade around the hall, showing off their costumes.

Miss MacDonald, Miss MacRuary, Miss Campbell, Mrs MacMillan and Mrs Sloan had the difficult task of picking the best outfits.

Well done everyone!

C1 – Clara agus Sandy

C2/1 – Mirrin agus Robbie

C3/2 – Isabella agus Apollo

C4/3 – Leo agus Audrey

C5/4 – Orrin agus Jasmine

C7/6 – Charlie agus Iris

Sustrans

Bha sinn gu math fortanach o chionn goirid, oir thàinig Rory bho Sustrans a-staigh gus teagasg rothaireachd agus scooting. Abair gun robh spòrs aig na sgoilearan a ghabh pàirt agus tha sinn air bhioran an cothrom fhaighinn ga dhèanamh a-rithist. Mòran taing Sustrans agus Rory!

We were very fortunate to have Rory from Sustrans in to teach cycling and scooting recently. The pupils all thoroughly enjoyed these sessions and we are excited to take part again in the near future. Many thanks to Sustrans and Rory!

Seo pìos goirid a sgrìobh Rebecca (C5/4) mu rothaireachd:

Bha Clas 5/4 a’ dèanamh rothaireachd le Rory airson 6 seachdainean. Chòrd e ri tòrr dhaoine sa chlas. Chòrd e ri Jack agus Amelia oir bha e spòrsail agus chòrd e ri Daibhidh a bhith a’ putadh nan casachan. Bha eagal air Ruthie a bhith ga dhèanamh an toiseach, ach dh’ fhàs i misneachail.

Seachdain Eco / Eco Week 2017

Tha seachdain trang air a bhith againn ann am Bunsgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, is sinne a’ cur fòcas air a h-uile càil Eco! Seo uile na rudan a rinn sinn –

  • Dh’ ionnsaich gach clas mu dheidhinn Atharrachadh na Gnàth-shìde agus na atharraichean beaga a dh’ fhaodadh gach neach a dhèanamh gus lughdachadh ar lorgan carbon.
  • Airson an leasan seo neartachadh, chaidh a’ Chomhairle Eco mun cuairt na clasaichean a’ teagasg mu a bhith sàbhaladh lùths aig an taigh. Rinn iad seo bhon trèanadh a fhuair iad bho South Seeds – tapadh leibh!
  • Fhuair sinn cothroman a’ cur lusan còmhla ri Rachel is Rhona agus tha sinn cho taingeil gu bheil lusan a-nis aig gach clas airson coimhead as dèidh. Mòran taing dhuibh airson a’ tighinn a-staigh!
  • Chaidh cuid clasaichean air turas gu na ‘Hidden Gardens’.
  • Rinn gach clas còcaireachd – cuid le Miss MacRuary agus cuid eile le Urban Roots. Tapadh leibh!
  • Rinn sinn ‘Woodland Workout’ gus sealltainn mar a dh’ fhaodadh sinn eacarsaich a dhèanamh a’ cleachdadh an àrainneachd.
  • Chaidh clasaichean a-mach a’ togail sgudal-sgapte ach nach sinn a bha toilichte a’ faicinn nach robh mòran nar raon-cluiche co-dhiù!
  • Chruthaich sinn iomadh rudan ealain le a bhith ath-cuairteachadh is a’ cleachdadh stuthan nàdarra.

We have had an incredibly busy week here at Bunsgoil Gàidhlig Ghleann Dàil as we have focused on everything Eco! Here are some of the things we have been up to –

  • The classes learned about Climate Change and the small changes we can make to reduce our Carbon Footprints.
  • To reinforce this, the Eco Committee went to all the classes to teach pupils how they can become more energy efficient at home. This was organised from training we received from South Seeds – thank you!
  • We had the opportunity to do planting with Rachel and Rhona and we are so grateful to now have plants to look after in our classes. Thank you both very much for coming in!
  • Classes went on trips to the ‘Hidden Gardens’.
  • Each class took part in cooking activities – some with Miss MacRuary and others with Urban Roots. Thank you!
  • We all took part in a ‘Woodland Workout’ to demonstrate how we can exercise using our wonderful surroundings.
  • Every class took part in a litter pick either in the local area or in the playground. We were delighted to see how clean our pupils keep our playground!
  • We created many wonderful art projects in our classes using recyclable materials and materials from our environment.

Bu toil leinn taing mhòr a’ toirt gu na pàrantan a thàinig air na tursan againn. Tapadh leibh Paola, Carolyn, Pamela agus Rachel!

We would like to especially thank the parents who accompanied us on our trips. Thank you Paola, Carolyn, Pamela and Rachel!

Mòran taing cuideachd gu na pàrantan eile a bha deònach tighinn a-staigh agus a thug tòrr stuthan ath-cuairteachadh dhuinn airson ar pròiseactan.

Thank you also to all the parents who volunteered their time to come in, the response was wonderful and we hope to have you in another time! Also, for all the donations of recyclable materials for our projects.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Seachdain Eco 2018 mu thràth! Ma tha thu an sàs ann an obair Eco sam bith agus ag iarraidh a bhith an sàs – leig fios thugainn!

We are looking forward to Eco Week 2018 already! If you work in an Eco related area and want to get involved – please get in touch!

 

 

Latha Fosgailte C1 / P1 Open Day

Latha Fosgailte C1

Air Dimàirt 10mh Dàmhair tha sinn a’ cumail latha fosgailte airson pàrantan C1 ri teachd aig 9.30m agus a-rithist aig 1.30f. Ma tha sibh eòlach air duine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig le pàiste a tha gu bhith a’ tòiseachadh anns an sgoil ann an Lùnastal 2018, thoir dhaibh am fiosrachadh seo. Tha sinn air an deit agus na h-àmannan a thoirt dha na Sgoiltean Àraich mu thràth.

P1 Open Day

We are holding an Open Day on Tuesday 10th October for prospective P1 parents at 9.30am and then again at 1.30pm. If you know anyone who may be interested in attending then please pass this information on. This information has already been shared with nurseries.