Seachdain Eco / Eco Week 2017

Tha seachdain trang air a bhith againn ann am Bunsgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, is sinne a’ cur fòcas air a h-uile càil Eco! Seo uile na rudan a rinn sinn –

  • Dh’ ionnsaich gach clas mu dheidhinn Atharrachadh na Gnàth-shìde agus na atharraichean beaga a dh’ fhaodadh gach neach a dhèanamh gus lughdachadh ar lorgan carbon.
  • Airson an leasan seo neartachadh, chaidh a’ Chomhairle Eco mun cuairt na clasaichean a’ teagasg mu a bhith sàbhaladh lùths aig an taigh. Rinn iad seo bhon trèanadh a fhuair iad bho South Seeds – tapadh leibh!
  • Fhuair sinn cothroman a’ cur lusan còmhla ri Rachel is Rhona agus tha sinn cho taingeil gu bheil lusan a-nis aig gach clas airson coimhead as dèidh. Mòran taing dhuibh airson a’ tighinn a-staigh!
  • Chaidh cuid clasaichean air turas gu na ‘Hidden Gardens’.
  • Rinn gach clas còcaireachd – cuid le Miss MacRuary agus cuid eile le Urban Roots. Tapadh leibh!
  • Rinn sinn ‘Woodland Workout’ gus sealltainn mar a dh’ fhaodadh sinn eacarsaich a dhèanamh a’ cleachdadh an àrainneachd.
  • Chaidh clasaichean a-mach a’ togail sgudal-sgapte ach nach sinn a bha toilichte a’ faicinn nach robh mòran nar raon-cluiche co-dhiù!
  • Chruthaich sinn iomadh rudan ealain le a bhith ath-cuairteachadh is a’ cleachdadh stuthan nàdarra.

We have had an incredibly busy week here at Bunsgoil Gàidhlig Ghleann Dàil as we have focused on everything Eco! Here are some of the things we have been up to –

  • The classes learned about Climate Change and the small changes we can make to reduce our Carbon Footprints.
  • To reinforce this, the Eco Committee went to all the classes to teach pupils how they can become more energy efficient at home. This was organised from training we received from South Seeds – thank you!
  • We had the opportunity to do planting with Rachel and Rhona and we are so grateful to now have plants to look after in our classes. Thank you both very much for coming in!
  • Classes went on trips to the ‘Hidden Gardens’.
  • Each class took part in cooking activities – some with Miss MacRuary and others with Urban Roots. Thank you!
  • We all took part in a ‘Woodland Workout’ to demonstrate how we can exercise using our wonderful surroundings.
  • Every class took part in a litter pick either in the local area or in the playground. We were delighted to see how clean our pupils keep our playground!
  • We created many wonderful art projects in our classes using recyclable materials and materials from our environment.

Bu toil leinn taing mhòr a’ toirt gu na pàrantan a thàinig air na tursan againn. Tapadh leibh Paola, Carolyn, Pamela agus Rachel!

We would like to especially thank the parents who accompanied us on our trips. Thank you Paola, Carolyn, Pamela and Rachel!

Mòran taing cuideachd gu na pàrantan eile a bha deònach tighinn a-staigh agus a thug tòrr stuthan ath-cuairteachadh dhuinn airson ar pròiseactan.

Thank you also to all the parents who volunteered their time to come in, the response was wonderful and we hope to have you in another time! Also, for all the donations of recyclable materials for our projects.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Seachdain Eco 2018 mu thràth! Ma tha thu an sàs ann an obair Eco sam bith agus ag iarraidh a bhith an sàs – leig fios thugainn!

We are looking forward to Eco Week 2018 already! If you work in an Eco related area and want to get involved – please get in touch!

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *