Glasgow Times Bank On Us 2023

Taing mhòr dhuibh uile airson na pocannan a chur sibh a-steach airson an ‘Glasgow Times Bank on Us 2023’. Tha mi cinnteach gum bi na rudan gu math cuideachail dha teaghlaichean a tha feumach air cuideachadh. Leugh an artaigil an seo >> https://www.glasgowtimes.co.uk/news/scottish-news/23982031.glasgow-school-donates-100-bags-city-food-bank/

 

Thank you to all of you who donated bags for the Glasgow Times Bank on Us 2023. I’m sure that these will be greatly appreciated by families in need. Read the article here >> https://www.glasgowtimes.co.uk/news/scottish-news/23982031.glasgow-school-donates-100-bags-city-food-bank/

Cruinneachadh / Assembly 04.05.18

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilear bho gach clas teisteanas agus àite airson an obair aca air a’ Bhòrd Òir. Seo far a bheil sinn a’ sealltainn eisimpleirean sgoinneil de obair. Chaidh piosan obair de bàrdachd, dealbhachadh bho sgeulachdan, ag aithneachadh an diofar eadar beachd is fiosrachadh agus cuideachd, a’ dèanamh oidhirp chruaidh le làmh-sgrìobhadh. Chì sibh an obair seo taobh a-muigh na sgoile. Nach math a rinn sibh!

At assembly today, a pupil from each class was awarded a certificate and a place for their work on the ‘Gold Board’. This is where we showcase excellent examples of work. Pieces of poetry, visualising from stories, identifying the difference between fact and opinion and working hard on hand writing, were all examples of work chosen today. You can see these piece of work displayed outside the school. Well done everyone!

 

Charlie, Audrey, Mylo, Zofia, Maeve, Ruairidh, Maria is Jasmine

Nach math a rinn sibh – Hannah, Heidi is Seamus!

Tha sinn an còmhnaidh cho toilichte a’ cluinntinn mun soirbheachas aig sgoilearan taobh a-muigh na sgoile is seo agaibh triùir bho C4/3!

We are always delighted to hear about pupil success outside of school and here we have three pupils from C4/3!

Fhuair Hannah crios ùr ann an Taekwondo. Thuirt i gu bheil e a’ còrdadh rithe air sgàth gur e eacarsaich math a th’ ann. Meal do naidheachd, Hannah!

Hannah received a new belt in Taekwondo. She says she enjoys it because it’s good exercise. Congratulations, Hannah!

Fhuair Heidi agus Seamus meadailtean bhon Co-fharpais FLA. Bha Heidi a’ dèanamh am buidhinn ceòl agus an còmhlan. Bha Seamus cuideachd a’ dèanamh am buidhinn ceòl, an concertina agus a’ seinn. Thuirt Heidi gun robh i rud beag nearbhach ach bha e spòrsail. As deidh an co-fharpais bha Seamus uabhasach sgìth ach chòrd e ris.

Seamus and Heidi received medals at this weekends FLA competition. Heidi was in the music group and the band. Seamus was also in the music group and played the concertina and sang. Heidi said that she was a little nervous but that it was fun. After the competition Seamus was very tired but he enjoyed it.

Sgoinneil! Excellent!

 

Cruinneachadh / Assembly 25.04.18

 

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilear bho gach clas teisteanas airson a bhith Sgoilear Sònraichte. Fhuair iad molaidhean airson a bhith ag obair math mar buidhinn, a bhith math air iomain agus iomadh rudan eile! Mealaibh ur naidheachd!

At assembly today, a pupil from each class was awarded a ‘Special Person’ certificate. They were praised for working well in a group, being good at shinty and many other qualities! Congratulations!

(Gun dealbh: Eilish)

Cuideachd fhuair sinn cothrom a’ comharrachadh ar meas air leabhraichean. Mòran taing gu na sgoilearan a thàinig suas ag innse mu na leabhraichean as fheàrr leotha.

We also got the opportunity to celebrate our love of books. Many thanks to the pupils who shared their favourite books with the schools.

 

Cruinneachadh / Assembly 20.04.18

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilearan teisteanasan Gàidhlig Sgoinneil agus bho Luchd-obrach na Sgoile.

At assembly today, pupils were awarded ceritficates for Gàidhlig Sgoinneil and from Staff Members.

Mealaibh ur naidheachd! Congratulations!

Gàidhlig Sgoinneil  – Amelia, Rosie, Sophia, Lukas, Catriona agus Isabel.

Teisteanasan bho Luchd-obrach – Agatha, Elisabeth, Eadie, Rosa, Tilda, Leo agus Evan.

 

Co-fharpais Sumdog Glaschu / Sumdog Glasgow Competition

Mealaibh ur naidheachd gu C4/3 a thàinig san 6mh àite anns an Co-fharpais Sumdog Glaschu. Bha barrachd na 800 clasaichean a’ gabhail pàirt agus dh’ obraich iad cho cruaidh a’ freagairt tòrr ceistean.

“Tha Sumdog a’ còrdadh rium oir uair a tha thu ag ionnsachadh tòrr maths agus nuair a tha thu sa chiad àite ann an geama tha e a’ còrdadh rium agus bi mi a’ cluich tòrr.” Anthony

“Bi mi a’ cluich tòrr agus a’ faighinn puingean. Bi mi air bhioran a bhi aig an top. Nuair a chunnaic mi gun robh sinn san 6mh àite bha mi air bhioran.” Michael

“Is toil leamsa e oir bi mi a’ faighinn nas fheàrr air maths mar clàran agus ceistean a dh’ fheumas tu leughadh agus tha thu a’ cluich le caraidean augs tha e gu math spòrsail. Bha mi gu math gu math gu math toilichte nuair a fhuair sinn 6mh àite” Elizabeth

A huge well done to C4/3 who came in 6th place in the Sumdog Glasgow Competition! There was over 800 classes taking part but C4/3 worked incredibly hard at home and at school to answer as many questions as they could!

 

Cruinneachadh / Assembly 21/03/18

Aig cruinneachadh an-diugh, fhuair sgoilear bho gach clas teisteanas airson a bhith Sgoilear Sònraichte. Fhuair iad molaidhean airson a bhith ag èisteachd math sa chlas, a bhith èibhinn agus iomadh rudan eile! Mealaibh ur naidheachd!

At assembly today, a pupil from each class was awarded a ‘Special Person’ certificate. They were praised for listening well in class, being funny and many other qualities! Congratulations!

Cuideachd, rinn ar dannsairean taisbeanadh den dannsa aca. Abair sgilean! Bha iongnadh oirnn uile!

Also, our dancers performed their cheerleading routine. They are so skilled! We were all amazed!

Bha sinn cuideachd ag ionnsachadh mu dheidhinn Uair na Talmhainn. Bha tòrr beachdan aig sgoilearan mu dè dh’ fhaodadh iad a’ dèanamh san uair a thìde agus atharraichean beaga a dh’ fhaodadh iad a dhèanamh gus coimhead as dèidh ar saoghal.

We also learned about Earth Hour. The pupils had lots of ideas for activities to do in the hour without electricity and also small changes they could make to help look after our planet.