Ar Bratach Uaine! / Our Green Flag!

Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn Teisteanas Bratach Uaine bho Sgoiltean-Eco agus Keep Scotland Beautiful!

We’re delighted to say that we have been awarded our first Green Flag Award from Eco-Schools and Keep Scotland Beautiful!

Fhuair sinn moladh airson ag obair còmhla ri Glendale, na Gàrraidhean Falaichte, Sustrans, South Seeds agus Urban Roots. Bha iad cuideachd toilichte le mar a bha tachartasan ann thairis air am bliadhna leis a h-uile clas an sàs. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri a bhith a’ cumail am Bratach Uaine gach bliadhna.

We were praised for working with our campus partner Glendale, the Hidden Gardens, Sustrans, Souths Seeds and Urban Roots. They were also pleased that we arrange activities throughout the year for every class to be involved. We are looking forward to keeping and renewing our Green Flag status as we develop even further as a school.

Na rudan as fheàrr! / The best things!

Seo na rudan as fheàrr le C7/6…

Here are the highlights of the year so far from C7/6…

 

Bha an rud as fheàrr leinn san teirm seo ’s e cluba ciùil.

Oir bha e supercalifragilisticexpialidocius-ly spòrsail!

Is toil leinn a bhith a’ cluich ionnsramaidean agus a’ seinn.

Aig an cluba ciùil rinn sinn tòrr òrain agus rinn sinn performance aig an cruinneachadh Nollaig.

Le Rory, Finlay agus Felix

 

Rinn sinn tòrr an term seo ach bha an rud as fheàrr am Panto Sleeping Beauty.

Bha am Panto Sleeping Beauty cho mìorbhaileach. Bha e èibhinn agus spòrsail airson a bhith a coimhead. Tha sinn uile ag iarraidh iad a tighinn air ais an ath term.

Le Hannah, Charlie agus Peter

 

Bha sinn a dol gu Pàrlamaid na h-Alba bha e gu math inntinneach ag ionnsachadh mu dheidhinn am pàrlamaid.

Dh’ionnsaich sinn ciamar a tha e mar a bhith MSP nuair a bha sinn a bruidhinn gu Mgr. Sarwar.

Chaidh sinn gun na Chambers. Bha sinn a’ faicinn tòrr MSPs agus bha feum againn a bhith gu math samhach.

Le Seonaidh, Euan agus Angus

 

Thàinig BBC The Lab chun an sgoile againn airson sinn fiolmadh airson sreath  air dè an rud  as fheàrr leinn mu an geamhradh/Nollaig. Seo dè tha na sgoilearan BSGGD a’ smaointinn –Bha e uabhasach (x2000) spòrsail  is fiosrachail. Thàinig Dè a-nis a’ tighinn gar fiolmadh air cùlaibh na scenes faodaidh sibh am film gu lèir fhaicinn aig – http://www.bbc.co.uk/programmes/p05r3gh2

Le Benny, Chiron + Isabel

 

Anns am bliadhna seo tha cuid rudan air a bhith a’ seasamh a-mach dhuinn agus tha iad air a bhith a còrdadh rinn gu mòr!

’S e a chiad rud a tha sinn gu bhith sgrìobhadh mu dheidhinn ’s e an Film G againn.

Rinn sinn fiolm goirid airson an co-fharpais Film G, am bliadhna bha an cuspair an fhìrinn.

Sgrìobh sinn an scriopt agus bha e uabhasach spòrsail a bhith a’ fiolmadh le an camera agus am boom proifeiseanta aig Dòmhnaill Eòghainn MacFhionghain. Tapadh leibh airson a’ dèanamh an gearradh dhuinn.

Tha an ainm air an fiolm againn “Am Bake Off” tha e mockumentary air am   Great British Bake Off steadhte anns an sgoil againn.

Nuair a tha a h-uile cèic ach na feadhainn Kennag air an goid tha feum aca a faighinn a mach co bha ann le an cuideachadh aig na Gillean Gorma agus chan eil e co tha thu an dùil!

Cuideachd am bliadhna, ann an teicneòlas rinn sinn leabhraichean pop suas. Dh’ fheuch sinn air diofar pop suasan gus an robh sinn cleachte le dè bha sinn dèanamh. As dèidh seachdainean ag obair air na pop suasan thoisich sinn air leabhraichean.

Bha an fear againne mu dheidhinn Bodach na Nollaig a faighinn deiseil airson Nollaig. Tha faisg air a h-uile duilleag a pop suas agus tha iad uabhasach dathach.

Rinn an clas gu lèir leabhraichean feadhainn mu dheidhinn turtur, Nollaig, unicorns agus tòrr a bharrachd.

Tha sinn air bhioran airson dè tha a’ tighinn suas.

Rachael & Iris

 

Bha class 6/7 a’ dèanamh farpais an ann film-G. Bha a-huile duine airson a bhith dèanamh An Bake Off. Bha Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain a’ leantainn an camera is an boom/microphone. Bha an tidsear againn a fiolmadh is fhuair na daoine nach robh ann an Film-G cothrom leis am boom is camera. Anns an film bha tòrr spòrs againn is bha e èibhinn. Ro a bhith dèanamh a Film-g againn bha na britheamhan ag ràdh feumaidh e a bhith mu dheidhinn fìrinn. Is ann an bake off again bha e mu dheidhinn am presenter a bhith ag ithe na cèicean aig na daoine.

Le Orla agus Athena

Puncture Repair Session with Sustrans

An-dè thàinig Rory bho Sustrans a-staigh gus leasan sònraichte a’ toirt gu C7/6 air a bhith càradh tuill ann an cuibhle baic. Chòrd e ri na sgoilearan uile agus tha sinn air bhioran barrachd rudan a dhèanamh le Sustrans san àm ri teachd.

Yesterday Rory from Sustrans came in to lead a special session with C7/6 on how to repair a puncture in a bike tyre. The pupils all thoroughly enjoyed the session and are looking forward to future sessions with Sustrans.

Seo pìos a sgrìobh sgoilearan C7/6 mun leasan –

Here is a piece that pupils from C7/6 wrote about the lesson –

A’ càradh tuill ann an cuibhle le Sustrans

An-diugh thàinig Rory bho Sustrans a-steach airson a bhith ag obair còmhla rinn a càradh tuill ann an cuibhle baic.

Chaidh sinn ann an dithisean is dh’ innse Rory dhuinn mar a tha sinn ga dhèanamh agus chleachd sinn acfhainn càradh puncture agus pump.

Tapadh leibh Rory, bha e uabhasach inntinneach agus feumail!

Le Iris, Isabel agus Charlie. (C7/6)

Eco Update 01/12/17

Fhuair a’ Chomhairle Eco cothrom eile ag innse dhan sgoil mun obair as ùra aca. O chionn goirid tha bha iad a’ deanamh ath-sgrùdadh sgudal sgapte san raon-cluiche agus chuir iad am fiosrachadh ri chèile airson innse dhan sgoil mun adhartas.

The Eco Committee fed back to the school about their most recent work. Recently they have been conducting a litter review of the playground and they collated the information in order to inform the school of our progress.

Dh’ innse am fiosrachadh dhuinn gun fheum sinn a bhith a’ lùghdachadh an àireamh de pacaidean a tha air an leigeil san roan-cluiche.

Bi sinn:

  • A’ gluasad na bionaichean gu àitichean nas fhasa.
  • A’ cumail sùil air an clàr togail sgudal-sgapte.
  • Comhairle Eco a’ cumail a’ dol a’ togail is a’ brosnachadh daoine togail sgudal sgapte.
  • A’ toirt duais Eco dhan clas as fheàrr air togail sgudal-sgapte aig deireadh na bliadhna.

The information told us that we have to reduce the number of packets being dropped in the playground.

We will:

  • Move the bins to easier positions.
  • Make sure classes are aware when their week is on the litter-picking rota.
  • Have the Eco committee regularly picking up litter and encouraging others to do the same.
  • Have an Eco award at the end of the year for the best class at picking up litter.

 

Aibidil a’ Gheamraidh / Winter Alphabet

Bha C7/6 a’ fiolmadh còmhla ris a’ BhBC airson a’ cur Aibidil a’ Gheamhraidh ri chèile.

C7/6 were filming with the BBC to make a Winter Alphabet feature.

Bha aca ris an scriopt a sgriobhadh, dealbhan airson cùl a’ chamera a dhèanamh, fiolmadh agus smachd a chumail air am fuaim.

They had to write their script, make the backrgounds, film and record the sound.

 

Every day a new video is released. The short clips can be viewed here.

 

Seachdain Trang / Busy Week

Tha seachdain trang againn ri thighinn an seo aig Bunsgoil Ghàidhlig Ghleann Dail.

We have a busy week ahead of us here at Glendale Gaelic Primary School.

 

Diardaoin 23mh An t-Samhain – Oidhche nam Pàrant

Thursday 23rd November – Parents’ Evening

 

Dihaoine 24mh An t-Samhain – Cruinneachadh Buidheachais 9.30m

Friday 24th November – Thanksgiving Assembly 9.30am

There will be a collection for Trussells Trust who oversee the foodbanks. Donations for the foodbank may be brought into school on the day or beforehand.

Disathairne 25mh An t-Samhain – Fèill na Nollaige 1-4f

Saturday 25th November – Christmas Fayre 1-4pm

 

 

Poileasaidh Sgudal-sgapte / Litter Policy

Tha a’ Chomhairle Eco air a bhith trang o chionn goirid a’ sgriobhadh poileasaidh sgudal-sgapte airson na sgoile.

The Eco Committee have been busy recently writing a litter policy for the school.

As deidh aontachadh bho Mrs Bowman, dh’ innse sinn dhan sgoil mu dheidhinn.

After approval from Mrs Bowman, we informed the school about it.

Anns an am ri teachd bidh sinn a’ coimhead air sgudal san raon-chluiche againn.

In the near future we will be looking at litter in our playground.

Chi sibh ar poileasaidh an seo / You can view our policy here – Poileasaidh Sgudal-sgapte / Litter Policy

Isabel agus Finlay a’ bruidinn aig cruinneachadh.

 

P1 Enrolment

P1 Enrolment

This year, Glasgow City Council have changed the enrolment process and it can now be done online which removes the requirement to come into school to complete the enrolment paperwork.  In order to undertake online enrolment, families require to register on ‘myaccount’.  ‘myaccount’ is a free and secure sign-in service for accessing public services online in Scotland, which has been introduced by the Scottish Government.   If families do not have one the system will take them through the process of creating an account. However if parents/carers do not have an email address they will require to use the paper application process. 

Applications should be submitted no later than Friday 10 November 2017.  

Below is the link to the enrolment process:

https://www.glasgow.gov.uk/index.aspx?articleid=18426

Caismeachd Oidhche Shamhna / Halloween Parade

An-diugh an àite sgoilearan ann am Bunsgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, bha measgachadh de bana-bhuidsich, uilebheistean, taibhsean is iomadh creutairean eile! Bha Caismeachd Oidhche Shamhna againn agus abair gun do rinn na sgoilearan (is pàrantan!) oidhirp sgoinneil le’n èideadh aca.

Dh’ ionnsaich sinn mu mar a thoisich Oidhche Shamhna agus rinn gach clas caismeachd mun cuairt an talla a’ taisbeanach an èideadh aca.

Bha an obair doirbh aig Miss MacDonald, Miss MacRuary, Miss Caimbeul, Mrs MacMillan agus Mrs Sloan tagh na deiseachan as fheàrr.

Nach math a rinn sibh uile!

Today instead of pupils, Bunsgoil Ghaidhlig Ghleann Dail was filled with a mixture of witches, monsters, ghosts and many other creatures! Our Halloween Parade took place and the pupils (and parents!) made an excellent effort with their costumes.

We learned about the origins of Halloween and each class took their turn to parade around the hall, showing off their costumes.

Miss MacDonald, Miss MacRuary, Miss Campbell, Mrs MacMillan and Mrs Sloan had the difficult task of picking the best outfits.

Well done everyone!

C1 – Clara agus Sandy

C2/1 – Mirrin agus Robbie

C3/2 – Isabella agus Apollo

C4/3 – Leo agus Audrey

C5/4 – Orrin agus Jasmine

C7/6 – Charlie agus Iris

Sustrans

Bha sinn gu math fortanach o chionn goirid, oir thàinig Rory bho Sustrans a-staigh gus teagasg rothaireachd agus scooting. Abair gun robh spòrs aig na sgoilearan a ghabh pàirt agus tha sinn air bhioran an cothrom fhaighinn ga dhèanamh a-rithist. Mòran taing Sustrans agus Rory!

We were very fortunate to have Rory from Sustrans in to teach cycling and scooting recently. The pupils all thoroughly enjoyed these sessions and we are excited to take part again in the near future. Many thanks to Sustrans and Rory!

Seo pìos goirid a sgrìobh Rebecca (C5/4) mu rothaireachd:

Bha Clas 5/4 a’ dèanamh rothaireachd le Rory airson 6 seachdainean. Chòrd e ri tòrr dhaoine sa chlas. Chòrd e ri Jack agus Amelia oir bha e spòrsail agus chòrd e ri Daibhidh a bhith a’ putadh nan casachan. Bha eagal air Ruthie a bhith ga dhèanamh an toiseach, ach dh’ fhàs i misneachail.