Clas 1-2

Se seachdain trang a tha air a bhith ann dhuinn.  Seo beagan dhan obair canan agus matamataig a tha air a bhith a’ dol againn.

A’ sgriobhadh suimean a’ cleachdadh dealbh anns an leabhar mor matamataig.
Eilidh ag obair air cuir ris a’ cleachdadh ciuban
A’ seorsachadh aireamhan
Ag obair air cruth na litrichean
A’ coimeasgadh le ciuban fonaigs agus an uairsin a’ sgriobhadh na faclan
A’ cluiche geama air an SmartBoard airson cuideachadh le coimeasgadh fuaimean.

Chaidh sinn air cuairt mar phairt dhan topaig againn a’ lorg rudan beo, rudan nach eil beo agus rudan a bha beo uaireigin!

Bha na lusan seo beo.
Bha peansail air an talamh a bha beo uaireigin!
Cha robh am balla seo beo.
Bha an duilleag seo beo uaireigin!
Ged a bha an laraidh seo a’ gluasad cha robh e beo ach bha an draibhear!
Cha robh an tur aig an steisean smalaidh beo!
Bha seo beo uaireigin agus abair faileadh!!
Bha an cat seo beo agus a’ coimhead gu math fiathaich!!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.