CRISPIE CAKES
Rinn ar clas crispie cakes airson cafaidh La na Gaidhlig. Chleachd sinn teoclaid, im, siorap, Rice Crispies agus marshmallows. Dh’obraich iad uabhasach math agus bha iad gu math blasta.
La na Gaidhlig
Chaidh sinn gu rum Mgr Moireach airson bruidhinn ri daoine eadar-dhealaichte a tha cleachdadh Gaidhlig a h-uile latha anns an obair laitheil aca. Dh’ionnsaich sinn torr agus fhuair sinn ‘freebies’.
An uairsin chaidh sinn dhan leabharlann airson eisteachd ri Morag Anna NicNeill a leughadh stoiridh dhuinn. Bha a’ storaidh gle eibhinn agus fhuair clas 3 leabhraichean airson a thoirt dhachaigh, fhuair clas 4 iad an uraidh.
Mu dheireadh chaidh sinn airson seinn comhla Mgr MacIomhair airson na parantan. Sheinn sinn da oran.
Robin Reid – RSPB
Thainig Robin Reid a-steach dhan sgoil airson bruidhinn mu dheidhinn an obair a tha iad a deanamh le iolairean oga anns na Hearadh.
Bha torr fiosrachadh inntinneach aige. Sheall e dhuinn cho mor ‘s a tha iolaire, nas motha na Jono!
Dannsa
Bha Abigail ann a Disneyland ann a Paris airson farpais. Rinn I math agus fhuair i torr duaisean.
Joanthan agus Rory
Bha Jonathan agus Rory trang a deanamh dealbhan air a’ bhord gheal. Nach iad a tha math air dealbhan!!
La Naomh Anndra
Bha aodach tartain oirnn airson La Naomh Anndra. Dh’innis Mrs MacLeod dhuinn mu dheidhinn Naomh Anndra aig cruinneachadh agus rinn sinn dealbhan.
Very cute I loved the drawings that Jono and Rory did💖💖💖