06.09.19

Ceilichean

Thainig na brathairean aig Chirsty Bella a-steach a cheilidh oirnn. Bha sinn uile toilichte ga faicinn. Bha Alasdair trang a’ coimhead air a h-uile rud a th’againn anns a’ chlas.

          

 

 

Postairean

Bha sinn ag obair comhla airson postairean a dheanamh mu dheidhinn beathaichean a chi thu fon a’ mhuir. Chleachd sinn leabhraichean agus an eadar-lion. Bha faclan gu math doirbh anns na leabhraichean. Fhuair sinn a-mach torr rudan inntinneach!

   

  

Spors

Aig spors tha sinn air toiseachadh ball-bascaid a chluich. Tha sinn uile cho math air!

 

Bha Lois trang aig an taigh a’ deanamh dealbh alainn le peant. Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn doimhneachd na mara agus chaidh i dhachaigh agus rinn i dealbh a sealltainn na rudan a bha sinn a bruidhinn air! 

Rionnag na Gaidhlig

An t-sheachdainn seo bha cudeigin as a chlas againne Rionnag na Gaidhlig. Tha Rory uabhasach math air Gaidhlig a bhruidhinn anns a’ chlas! Cum ort, Rory!!

 

Plastaig anns a’ mhuir – Kate Langley

Thainig Kate Langley a-steach airson bruidhinn mu dheidhinn plastaig mara. Bha i ag innse dhuinn mu dheidhinn cho cunnartach ‘s a tha plastaig airson beathaichean agus eoin mara. Sheall i dealbhan gu math granda dhuinn, eoin marbh agus beathaichean steigte ann an lion.

6 thoughts on “06.09.19”

Leave a Reply to Jonathan James Cancel reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.