17.6.2019 – 28.6.2019

Uill, thàinig deireadh na bliadhna mu dheireadh thall!  Tha sinn air tòrr ionnsachadh, ach tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri làithean-saora an t-samhraidh.

Cuirm nan Duaisean

Bha Cuirm nan Duaisean againn air 17 an t-Òg-mhios, agus rinn sinn uile glè mhath!  Sheinn Clas 7 òran dhuinn cuideachd, a chòrd rinn gu mòr.

Gnìomhachasan na Hearadh

Dh’ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn gnìomhachasan na Hearadh an t-seachdain sa!  Chaidh sinn a-mach an toiseach a dh’fhaicinn Essence of Harris.  Dh’innis iad dhuinn ciamar a thòisich iad gnìomhachas cho soirbheachail agus dè bha againn ri dhèanamh nan robh sinn fhìn airson gnìomhachas a thòiseachadh san àm ri teachd.

An uair sin, thàinig Isle of Harris All Natural Soap Company a-steach a bhruidhinn rinn.  Bha e uabhasach math sealladh eile fhaighinn air ciamar a thòisicheas tu gnìomhachas, agus chòrd e rinn gu mòr blas nan siabann fhaireachdainn.

Fhuair sinn freebie no dhà bho na gnìomhachasan, a bha uabhasach tarraingeach cuideachd!

Buntàta

Mu dheireadh thall, thog sinn am buntàta!  Bha e gu math soirbheachail – chruinnich sinn tòrr, bha sinn air ar gràineachadh leis an t-seann bhuntàta a thòisich cùisean (bha e sgreamhail!), agus chòrd e rinn gu mòr, mòr a bhith a’ cluiche san ùir!

An uair sin, chuir sinn am buntàta ann am bogsaichean cairt gu sàbhailte, gus an robh sinn deiseil airson am bruich!  Bhruich sinn iad ann an uisge goileach, agus chuir sinn càise ann.  Bha iad gu math blasta!  Dh’aontaich sinn an còrr ***********

An t-aiseag

Chaidh sinn dhan aiseag a dh’fhaicinn an uiread dhe luchd-turais a bhios a’ siubhal air ais ‘s air adhart eadar na h-eileanan agus tìr mòr.  Chuir e iongnadh oirnn nach robh ach aon duine a’ siubhal airson obair a-mach à sampall dhe *** dhaoine!  Dh’ionnsaich sinn gu bheil eaconamaidh nan eilean a’ crochadh gu mòr air turasachd.

Scàladal

Chaidh Clas 7 a Scàladal airson dà latha, a dhèanamh cleasan taobh a-muigh, leithid rafting building agus archery.  Ghabh iad tòrr mòr spòrs!

Tràigh

Chaidh sinn air turas sgoile dhan tràigh, còmhla ri Clas Mrs Atkinson agus Clas 4 aig Mrs MacQueen.  Bha e uabhasach spòrsail – thog sinn amaran is aibhnichean sa ghainmhich, agus leum sinn fhìn a-steach san t-sruth mhòr cuideachd!  Bha e rudeigineach fuar… ach thàinig a’ ghrian a-mach dìreach nuair a bha sinn gar deisealachadh airson falbh!

YMI

Air Diciadain, chaidh Luke, Bella, Chloe, Isobel agus Fiona a Steòrnabhagh gus bhideo sanasachd fhilmadh airson YMI.

Agus… a bharrachd air a sin, tha sinn air a bhith a’ sgioblachadh an t-seòmair agus a’ dèanamh a h-uile càil deiseil airson nan làithean saora!  Tha sinn a’ coimhead air adhart dhan ath bhliadhna, ach bidh e math fois is spòrs a ghabhail tro na làithean-saora san eadar-ama.

 

Tha sinn duilich, ach bhrist am fòn aig Miss Meaden agus, mar sin, chan eil dealbhan againn an turas seo!  Chì sibh dealbhan air rud no dhà a rinn sinn air a’ bhlog aig Clas 4-7 Beurla, ge-tà!

One thought on “17.6.2019 – 28.6.2019”

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.