3.6.2019 – 14.6.2019

Uill, mar as àbhaisteach, tha sinn air a bhith air leth trang ann an GM5-7.  Seo agaibh blasad dhe na rudan a tha sinn air a bhith a’ dèanamh.

Harris House

Chaidh sinn a chluiche Armchair Athletics aig Harris House.  An turas seo, ‘s e Clas 5 is 6 a chaidh ann, agus dh’fhuirich Clas 7 aig an sgoil.  Feumaidh Clas 5 ionnsachadh dè nì iad airson na h-ath bhliadhna, ach tha iad glè mhath mar-thà!

Latha RAF

Ghabh sinn uile tòrr mòr spòrs nuair a thàinig an RAF dhan sgoil.  Chaidh Clas 6/7 a-mach a dhèanamh bùithtean-obrach fad an latha, agus dh’fhuirich Clas 5 le Miss M – às dèidh bùth-obrach drumaireachd agus taisbeanadh air an aodach a bhios air na pìleatan.

Sgèith plèana thairis oirnn aig àm dìnneir cuideachd, a bha gu math exciting!

Òran Gàidhlig

Dh’ionnsaich Clas 5 air fad port à beul  fhad ‘s a bha Clas 6/7 air falbh, agus sheinn iad gu Clas Mrs MacQueen e.

 

Ealain

Thàinig neach-ealain dhan sgoil gus obair a dhèanamh còmhla rinn air siubhal is eilthireachd.  Chòrd am bùth-obrach rinn gu mòr, agus rinn sinn dealbhan iongantach!

Taigh-staile na Hearadh

Thàinig Shona à taigh-staile na Hearadh a-steach a bhruidhinn rinn mun taigh-staile agus mun obair a nì iad anns (agus às leth) na Hearadh.  Bha e gu math inntinneach, agus bha tòrr cheistean againn dhi!

Sgoil Àraich

Chaidh sinn a Sgoil Àraich aon fheasgar agus leugh sinn còmhla ris a’ chloinn.

Travelling Gallery

Thàinig an Travelling Gallery Diluain agus chaidh sinn a dh’fhaicinn taisbeanadh air siubhal is eilthireachd.  Bha e gu math inntinneach, agus chòrd e rinn obair fhaicinn a rinn an neach-ealain a chuidich sinn beagan làithean roimhe.

 

Clò na Hearadh

Chaidh sinn airson bùth-obrach air Clò na Hearadh.  Bha e gu math inntinneach agus, a-rithist, bha tòrr cheistean againn!  Fhuair sinn an cothrom an inneal a chleachdadh cuideachd, a bha gu math spòrsail!

Marcadh nan Each

Choisinn Bella duais airson na rinn i ann an co-fharpais marcadh nan each!  ‘S math a rinn thu, Bella!

Gràmar

Dh’ionnsaich sinn ciamar a litricheas sinn “bi” anns a h-uile cruth… ach gus seo a dhèanamh, bha againn ri beagan gràmar na Gàidhlig ionnsachadh cuideachd!  Chluich sinn gèam a chòrd rinn gu mòr, agus bha sinn gu math farpaiseach!

Clas 7 Òran

Chaidh Clas 7 a dhèanamh practas airson an òrain a bhios iad a’ seinn an ath sheachdain!  Chlàr iad cuideachd e.

Spòrs

Chaidh feadhainn ann an Clas 6/7 gu latha spòrs ann an Steòrnabhagh.  Rinn iad glè mhath, agus tha mi cinnteach gum faic sibh na dealbhan air Facebook.

 

Mòd

…agus, mar a bhite an dùil, tha sinn air a bhith a’ dèanamh AN T-UABHAS a thaobh a’ Mhòid!  Dh’ionnsaich sinn sailm uile còmhla, agus tha sinn gu math toilichte a ràdh gun do bhuannaich sinn, agus gun deach sinn uile suas air an àrd-ùrlar a thaisbeanadh aig a’ chonsairt!  Taing mhòr dha Hamish Taylor, a chuidich sinn gu mòr leis a seo.  Agus is math a rinn a h-uile duine sa chlas a dh’obraich cho cruaidh fad nan seachdainean a dh’fhalbh air bàrdachd, sgeulachdan, ceòl, còmhradh, leughadh agus seinn.

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.