Transitions
Bha Transitions againn eadar an 20mh agus an 22na latha dhen Chèitean. Chaidh Clas 7 suas an staidhre, agus thàinig Clas 4 a-steach an seo gus GM5-7 ùr a chruthachadh!
Rinn sinn tòrr dhiofar dhùbhlain, agus an cuideam air team building:
- Taisbeanaidhean
- Dùbhlan Matamataig
- Dùbhlan Matamataig an t-saoghail fharsaing (a ghabh a-steach a dhol dhan bhùth agus bèicearachd!)
- Ealain
- Ceòl
- Cleasan
Tha fadachd oirnn a-nis gun tig an ath bhliadhna!
Ghabh Clas 7 spòrs shuas an staidhre cuideachd, agus chanainn gu bheil iad fhèin deiseil airson na h-àrd-sgoile a-nis cuideachd!
Latha Saidheans
Air 23 an Cèitean, thàinig buidheann a-steach gus bùithtean-obrach a dhèanamh air na speuran! Bha e math fhèin; dh’ionnsaich sinn tòrr agus bha gnìomhan spòrsail rin dèanamh cuideachd.
Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn:
- nam planaidean
- nan reultan
- solas
- teileascopan
- beatha ann am planaidean eile???!
Clas 7 Fundraising Cafe
Bha Fundraising Cafe aig Clas 7 air 24 an Cèitean. Bha iad fad an latha anns a’ Chommunity Centre, is iad a’ frithealadh air a h-uile duine a thàinig a-steach. Thog iad tòrr airgid a chuireas iad a dh’ionnsaigh nan tachartasan a nì iad aig deireadh na bliadhna, nuair a dh’fhàgas iad soraidh slàn aig a’ bhun-sgoil!
Gnìomhachasan na Hearadh
Rinn sinn rud beag bìodach a bharrachd air sgrìobhadh ìmpidheachd an t-seachdain sa, is sinn a’ sgrìobhadh litrichean gu gnìomhachasan na Hearadh. Leis gur e Eileanan na Gàidhealtachd a th’ anns an topaic againn, tha e feumail gun ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar àitichean ri obair anns na h-eileanan, mu na seirbheisean a tha cudromach dhaibh, agus mu dè cho soirbheachail ‘s a tha na gnìomhachasan ud.
Chleachd sinn ar sgilean agus sgrìobh sinn litrichean, is sinn a’ faighneachd airson cothrom turas-sgoile a ghabhail – no gun tig cuideigin a-steach dhan chlas againn a bhruidhinn rinn. Chaidh sinn timcheall a’ bhaile an uair sin gus na litrichean a lìbhrigeadh.
Turas dhan Eaglais
Leis gu bheil creideamh na phàirt mhòr dhe beatha na Gàidhealtachd agus nan eilean, chaidh sinn a thadhal air eaglais. Chaidh sinn gu Eaglais na h-Alba san Tairbeart agus choinnich sinn ris an Urr. Ian Murdo MacDonald. Bhruidhinn e rinn mun eaglais agus mun chreideamh Chrìostaidh thar na Gàidhealtachd. Fhuair sinn cuideachd an cothrom a dhol timcheall na h-eaglais, is sinn a’ coimhead air a h-uile càil a bh’ ann.
Chòrd an turas rinn gu mòr, agus dh’ionnsaich sinn tòrr! Tapadh leibh gu mòr dhan Urr. Ian Murdo MacDonald airson a bhith cho cuideachail, fiosrachail, agus airson fàilte chrìdheil a chur oirnn.