Consairt an Earraich – 5 am Màrt 2019
Chaidh am FilmG a rinn sinn a thaisbeanadh aig Consairt an Earraich agus, mar sin, fhuair GM5-7 an cothrom a dhol ann. Bha Fiona, Isobel, Darren, Seamus agus Fraser a’ cluich ann co-dhiù (a’ chlann a rinn Neach-ciùil Òg na Bliadhna), ach chaidh Anna ann cuideachd agus thug an sianar seachad òraid sgoinneil air an obair ionganach a rinn iad!
Latha nan Leabhraicheam – 7 am Màrt 2019
Nochd sinn uile aig an sgoil air Latha nan Leabhraichean, agus aodach ar caractair as fheàrr à leabhar sam bith oirnn. Bha an latha làn spòrs – agus ‘s e am pàirt as fheàrr leinn nuair a dh’èist sinn ri speuradair, is e a’ leughadh leabhar bho Stèisean-fànais Eadar-nàiseanta! Fhuair sinn teòclaid teth agus dh’ith sinn briosgaidean fhad ‘s a bha sinn ag èisteachd – ma dh’fhaoidte gun do chuidich sin sinn ann a bhith a’ taghadh cò am pàirt a b’ fheàrr leinn dhen latha!!
Bàtaichean – 11 am Màrt 2019
Thàinig Coinneach Norrie a-steach a bhruidhinn rinn mu dheidhinn bhàtaichean cuideachd. Sheall e dhuinn tòrr dhealbhan dhe bhàtaichean eadar-dhealaichte, agus bhruidhinn sinn man deidhinn. Cuideachd, sheall sinn air òran anns an robh tòrr fhaclan seòlaidh – agus chuir sinn iongnadh air gun robh tòrr fhaclan againn mar-thà airson pàirtean a’ bhàta!
Tha obair gu math inntinneach aige air bàtaichean, agus chòrd e rinn gu mòr faighinn a-mach beagan ma deidhinn. Cuideachd, chòrd e rinn na dealbhan agus bhideothan fhaicinn dhen trèanadh a nì an sgioba ud!
Tha sinn a’ coimhead air adhart chun na h-ath sheachdain, nuair a thig daoine eile a tha ag obair ann am bàtaichean a-steach! …ma tha eòlas sam bith agaibhse air bàtaichean… carson nach tig sibhse a-steach cuideachd?!
Bàta a’ Chlas
Rinn Miss M bàta dhuinn, agus pheant Anna agus Chloe e! Nach math a rinn iad? An uair sin, fhuair Anna, Erin agus Alasdair ann (chan ann còmhla!!) – fuirich ach an tèid sinn ann am bàta ceart!!