Teirm Ùr – trang gu leòr!

Tha sinn air a bhith air ais às dèidh na Nollaige trì seachdainean a-nis – agus cha mhòr nach do ghabh sinn anail!

Film G

Chuala sinn tràth san teirm gun robh sinn air a’ gheàrr liosta airson duais ar catagoraidh – “Fiolm as fheàrr le buidheann òigridh”.   Cha robh sinn soirbheachail san duais “Taghadh nan Daoine”, ach tha sinn gu mòr an dòchas gum buannaich sinn an aghaidh fiolmaichean nam bun-sgoiltean eile.

Tha cuirm gu bhith ann an Glaschu Dihaoine 8 an Gearran, agus tha an triùir shaighearan a’ dol sìos leis an dòchas gum buannaich sinn.  Tha sinn uile air bhioran, is fadach oirnn faighinn a-mach!

 

Pìoban Ùra

Fhuair Seamus agus Fraser pìoban ùra, agus sheall iad dhuinn ciamar a tha iad ag obair anns a’ chlas.  Seo a’ chiad phìob a fhuair Fraser a-riamh, agus bha Seamus ga chuideachadh gus an cur ri chèile.

Is math a rinn sibh!

 

Topaic

‘S e bàtaichean an topaic a th’ againn an teirm seo, agus tha sinn ag ionnsachadh plana a dhealbhadh gus bàta a thogail.  Tha sinn cuideachd a’ sireadh dhaoine aig a bheil eòlas air bàtaichean a thig a-steach a bhruidhinn rinn.  Mar sin… a bheil bàta agad?  Am bi thu ag obair ann an saoghal nam bàtaichean?  Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bhuaibh!!

 

Gàidhlig

Tha targaidean againn an teirm seo gus tuilleadh Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh a’ chlas.  Mar sin – feuch gum bruidhinn sibh rinn ann an Gàidhlig.  Tha sinn mothachail gu bheil e uaireannan doirbh dàimh Bheurla atharrachadh gu dàimh Ghàidhlig – ach rinn Darren fìor mhath, is e a’ cluich ri gille beag à Sgoil Àraich ann an Gàidhlig fad leth uair a thìde!  Tha seo sgoinneil, oir chùm Darren air ann an Gàidhlig ged a bha an gille beag a’ bruidhinn air ais ris ann am Beurla.  Is math a rinn thu, Darren!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.