Saidheans: Ar Corp

Tha Clas 1-2 air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn ar corp ann an saidheans an teirm seo. Chord an topaic gu mor ris a h-uile duine gu h-araidh na “experiments”.  Seall cho trang sa bha sinn!

Dh’ionnsaich sinn mu an obair a bhios ar cridhe a deanamh.  Thuirt a chlann gu robh e coltach ri pump a cuir fuil timcheall ar bodhaig. Dh’eist sinn ri fuaim ar cridhe a cleachdadh stethoscope.

Choimhead sinn cuieachd ri ar craicean a cleachdadh magnifying glass gus faicinn co ris a tha an organ as motha sa chorp again coltach. Chunnaic sinn gu robh falt air ar gairdean agus preasan orra cuideachd,

 

Tha patrain air ar corragan a tha eadar dhealaichte airson gach duine san t-saoghal!

 

 

Chan fhaca sinn  bitheagan sam bith ged-ta!

 

 

Chleachd sinn inc airson larach ar corragan fhagail air paipear. Chunnaic sinn na patrain eadar-dhealaichte a tha aig gach duine!

 

 

Dh’ionnsaich sinn cuideachd mu dheidhinn ar stamag agus ar caolan. Tha obair sonracihte aca. Rinn sinn experiment a sealltainn mar a tha biadh a gluasad tro ar corp a cleachd poca plastaig  airson stamag.

 

Chord ar leasanan saidheans ruin. Tha sinn airson barrachd a dheanamh an ath teirm!

 

 

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.