Category Archives: GM P1-2

Primary 3-5 English

Aithris na Seachdainn

Deitean Sonraichte:

Dihaoine 23.03.18: Tha sinn trang a deanamh deiseil airson madainn fosgailte Dihaoine sa tighinn. Tha sinn an dòchas gun tig na pàrantan uile a cheilidh oirne agus a dh’fhaicinn na tha sinn air a bhith a deanamh san teirm seo. Tha orain again dhuibh agus stòiridhean agus an cothrom beagan ionnsachadh a dheanamh còmhla ruinn!

Ionnsachadh an t-seachdainn

Matamataig:

Tha sinn air a bhith ag obair air bloighean an diugh. Dh’ionnsaich sinn mar a gheàrras sinn rudan an an leth agus cairtealan. Gheàrr sinn ubhlan agus an uairsin dh’ith sinn iad! Bhai ad cho blasda!

Rinn sinn piotsathan cuideachd agus gheàrr sinn iad ann an ciartealan agus lethan.

Ghearr Abigail a piotsa ann an cairtealan.

 

Ghearr Kerry a piotsa ann an da leth.
Ghearr sinn 4 ubhlan ann an cairtealan. Rinn sin 16 piosan. Bha iad cho blasda!

 

Turas Sgoile gu Ofis a Phuist

 

 

 

 

 

An t-seachdainn a chaidh, chaidh Clas 1-2 air turas sgoile gu Ofis a Phuist air an Tairbeart. Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn Ceitidh Morag agus an dachaigh aice air Eilean Struathaidh.

Chunnaic sinn am broinn bhan a phuist, far a bheil na litrichean agus na parsailean a dol airson an sgaoileadh gu ar dachaighean agus fhuair sinn an cothrom  a litrichean a stampadh cuideachd!

Thug iad dhuinn aodach a bhios air fear a phuist agus pocannan airson na litichean agus na parsailean. Bidh sinn dhan cleachdadh anns a chas. Tha torr spors againn!

Chord an turas ruinn gu mor agus tha sinn a toirt taing do mhuinntir ofis a phuist airson a bhith cho coir.