29.03.18

RRSA

Bha Mrs MacLeod a bruidhinn mu dheidhinn RRSA aig cruinneachadh. As deidh sin chaidh sinn air ais dhan chlas airson smaoineachadh mu Class Charter a sgriobahdh airson a chlas againn fhein.

Madainn fosgailte

Bha madainn fosgailte againn agus thainig na parantan a-steach airson coimhead air an obair againn.  Bha sinn trang a sealltainn na leabhraichean dhiabh. Sheall sinn Sumdog agus Educationcity dhiabh air na laptops cuideachd. Sheinn sinn ‘An uinneag a rinn Domhnall’.

Na Hearadh

Tha sinn fhathast ag obair air an topaic againn.  Chaidh sinn ann an dithisean agus rinn sinn rannsachadh air diofar bailtean anns na Hearadh. Chleachd sinn leabhraichean agus an eadar-lion. Rinn sinn postairean agus dh’innis sinn dhan a choir dhan chlas mu dheidhinn na lorg sinn.

Easter Fun Day

Airson a la mu dheireadh dhan teirm bha ‘Easter fun day’ againnn. Rinn sinn cairtean Caisge agus rudan math eile. Bha feadhainn a coimhead Peter Rabbit air DVD.

         

Bha Jono trang a deanamh liomanaid comhla ri Isabella!

 

Rev. Coghill

Thainig Rev. Coghill a-steach airson uighean Caisge a thoirt dhuinn. Tha iad ag innse sgeulachd na Caisge agus tha iad Fairtrade cuideachd.  Bhruidhinn Mrs MacLeod mu dheidhinn Fairtrade agus stoiridh na Caisge.

 

Cumhnant Sgriobhte Clas 3-4

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn A’ dion choraichean cloinne agus dhaoine oga. Tha 54 artaigil eadar-dhealaichte ann agus thagh sinn artaigil 15, 28, 30 agus 31 airson a chlas againne. Rinn sinn postair a sealltainn na rudan a tha againn fhein ri dheanamh agus na rudan a dh’fheumas na tidsearan a dheanamh.

 

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.