18 an Gearran – 1 am Màrt 2019

Chaidh an dà sheachdain sa chaidh seachad gu math luath, agus tha sinn air tòrr ionnsachadh ann an Clas 5-7!

Ann an Leughadh, dh’ionnsaich sinn ciamar a fhreagras sinn “ceistean measaidh”;

ann an Àireamhachd, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh tuilleadh mu dheidhinn bhloighean;

ann an Slàinte is Sunnd,  tha sinn air a bhith ag obair air coibhneas, càirdeas agus a bhith ag aithneachadh ar tàlantan fhèin;

agus ann an Topaic, tha sinn air ionnsachadh ciamar a dhealbhas sinn triantanan – oir tha sinn am beachd seòl a dhèanamh!

 

FilmG… a-rithist?

Tha Clas 7 air pròiseact Eadar-ìrean a thòiseachadh le S1 Gàidhlig… agus fhad ‘s a tha iadsan trang shuas an staidhre, smaoinich Clas 5 is 6 gun tòisicheadh iadsan air pròiseact FilmG a dhèanamh a-rithist – gus am bitheamaid deiseil airson na h-ath bhliadhna!  Tha deagh bheachd againn – so watch this space!!

 

Sgoil Àraich

‘S e a bhith a cruthachadh dhàimhean Gàidhlig le tuilleadh dhaoine aon dhe na targaidean a th’ againn airson an teirm seo… agus tha e air a bhith caran doirbh.  Nar beathannan làitheil, tha sinn cleachdte ri bhith a’ bruidhinn Beurla ri ar caraidean mar as tric, agus ‘s ann glè bheag an àireamh dhe dhaoine ris a bheil dàimh Gàidhlig againn (ris am bruidhinn sinn ann an Gàidhlig a-mhàin agus ris a bheil e a’ faireachdainn neònach Beurla a bhruidhinn).

Mar sin… bha sinn airson rudeigin a dhèanamh ma dheidhinn… ach tha e cho doirbh dàimh stèidhichte atharrachadh, gu h-àraidh nuair a tha caraidean againn cuideachd aig nach eil Gàidhlig!   Feumaidh sinn cuideigin a thaghadh ris nach eil sinn cho eòlach, ma-thà.

Smaoinich sinn cuideachd gum biodh e air a bhith math role models a bhith againne a bha nas aosta na sinne, a bha a’ bruidhinn rinne ann an Gàidhlig.  Agus… leis an dòigh smaoineachaidh tha sin… cò na b’ fheàrr na clann Sgoil Àraich airson ar cuideachadh leis an targaid againn!

Chaidh ar cur ann an dithisean le clann Sgoil Àraich a tha a’ dol dhan chlas Ghàidhlig an ath bhliadhna.  Bha againn ri pàiste a thaghadh ris nach robh sinn eòlach roimhe – bidh e nas fhasa dàimh Ghàidhlig a chruthachadh mura h-eil dàimh Bheurla againn stèidhichte mar-thà.

Tha sinn air seisean no dhà a dhèanamh gu ruige seo, agus tha e a’ còrdadh rinn gu mòr!  Tha e uaireannan doirbh a bhith a’ cumail a’ dol ann an Gàidhlig nuair a tha a’ chlann a’ bruidhinn air ais rinn ann am Beurla – ach tha sinn a’ gabhail spòrs, agus tha sinn an dòchas gun tòisich iadsan ri faclan Gàidhlig a chleachdadh dhuinn a dh’aithghearr!

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.