28.1.2019 – 15.2.2019 ann an GM5-7: Sàbhailteachd air Loidhne, FilmG… is eile!

A-rithist, tha GM5-7 air a bhith gu math trang thairis air an dà sheachdain sa chaidh san sgoil!

Tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le Bloighean ann an Àireamhachd agus Bàtaichean ann an Topaic.  A-nis gu bheil sinn cho math air dealbhan teignigeach a dhèanamh, tha sinn a’ dol a chruthachadh seòl.  Feumaidh sinn tòrr sgilean ùra ionnsachadh mus tòisich sinn, ge-tà; feumaidh sinn ionnsachadh mu dheidhinn cheàrnan agus feumaidh sinn ar sgilean a leudachadh ann a bhith a’ tomhas agus a’ dealbhadh thriantan!

Tha sinn cuideachd air tòiseachadh air sgeulachd fhada, mhac-meanmnail a sgrìobhadh!  Gu ruige seo, tha plana againn agus tha sinn air a’ chiad dhreachd a dhèanamh air an toiseach agus an deireadh.  ‘S e obair mhòr a th’ ann, a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachdan a tha pongail, rianail – agus cha bhi na sgeulachdan deiseil fad seachdain no dhà fhathast!  Fuirich ach am faic sibh iad!

 

Latha Sàbhailteachd air Loidhne

‘S e Latha Sàbhailteachd air Loidhne a bh’ ann Dimàirt 5 an Gearran.  Bha GM5-7 agus EM4-7 an sàs ann an co-labhairt bhideo còmhla ri sgoiltean eile nan Eileanan Siar, is sinn a’ coimhead air Sgoil Bhaile Mhanaich agus Sgoil Lìonacleit agus an sàr obair a tha iadsan a’ dèanamh a thaobh sàbhailteachd air loidhne sna sgoiltean aca fhèin.  Thog sinn beachd no dhà bho na thuirt iad!

 

FilmG

Bha Cuirm nan Duaisean aig FilmG air Dihaoine 8 an Gearran ann an Glaschu!  ‘S e Archie, Luke agus Seamus a chaidh ann bhon chlas againn, còmhla ri Eilidh, Isla agus Dylan bhon àrd-sgoil.  ‘S e cothrom air leth a bh’ ann a bhith an làthair, agus ‘s e deagh oidhche a bh’ ann ann an da-rìribh.

Ach… cha do chaill càch a-mach gu buileach!  Chruinnich iadsan anns an Tairbeart air an oidhche fhèin airson biadh is spòrs, agus gus coimhead air a’ Chuirm air Facebook Live!  Leis an taic sgoinneil a fhuair sinn bho ar caraidean aig an taigh, is truagh nach do bhuannaich sinn!

Às dèidh seo… uill, bhrosnaich seo sinn tòiseachadh ri ullachadh airson na h-ath bhliadhna!  Tha plana againn airson sgriobt, a thogas air sgilean ann an èist is labhairt cuideachd (aon dhe na targaidean a th’ againn airson an teirm a tha seo).  Watch this space!!

Fhad ‘s a tha sinn a’ bruidhinn air èist is labhairt, rinn Clas 5 dealbh-cluiche eile dhuinn fhad ‘s a bha Clas 6 is 7 aig Harris House.  An turas seo, ‘s e teaghlach a bh’ annta a bha a’ dol air cuairt dhan t-sù, agus bha e sgoinneil!

 

A bharrachd air sin uile, bha sinn air Prògram Ailig dà thuras – a’ chiad turas air Dihaoine 1 an Gearran, is sinn a’ bruidhinn air FilmG (https://www.bbc.co.uk/programmes/m00028ly) agus air Dihaoine 8 an Gearran, is sinn a’ toirt seachad Dùrachdan airson Latha Naomh Bhaileintin (https://www.bbc.co.uk/programmes/m0002hv5).  Ma tha sibh luath, glacaidh sibh air iPlayer sinn!

 

One thought on “28.1.2019 – 15.2.2019 ann an GM5-7: Sàbhailteachd air Loidhne, FilmG… is eile!”

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.