Farpais Cheist nan Àrd-sgoiltean 2024

Air Diluain 16 an t-Sultain, ghabh deichnear sgoilear ann an S2 agus S3 à Sgoil Lionacleit pàirt ann am farpais cheist nan àrd-sgoiltean. Thàinig òigridh còmhla à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh airson farpais cheist, geamannan agus tòrr spòrs. Chaidh an fharpais a chumail ann an Taigh-òsta an DI. Feumaidh mi ràdh gun do choimhead luchd-obrach an taigh-òsta às ar dèidh gu math le biadh blasta agus fàilte mhòr. Shoirbhich sgiobaidhean Sgoil Lionacleit an aghaidh sgoilearan à Sgoil MhicNeacail, Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil agus Àrd-sgoil an Tairbeirt.

Fhuair sinn a’ chiad agus an dàrna àite. Nach eil sin dìreach sgoinneil! Tha sinn ag iarraidh taing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt, Comunn na Gàidhlig, Joe MacNèill (fear an taighe) agus Dòmhnall Henderson (MG Alba/Ceòlas). Taing shònraichte do Mary Ann (CnaG) airson an là sgoinneil seo a chuir air dòigh.


On Monday 16 September, 10 of our S2 and S3 pupils took part in a secondary schools Gaelic Quiz. Pupils from Lewis, Harris, Uist and Barra came together to take part in a quiz, play games and have a good time getting to know each other. The competition was held in The Dark Island Hotel and we all agreed that everyone at the hotel was very welcoming and provided a very tasty lunch. Congratulations to our teams from Sgoil Lionacleit who won against The Nicolson Institute, Castlebay Secondary School and Sir E Scott. Sgoil Lionacleit came in first and second place. Isn’t this just a great achievement! We would like to thank all those who took part, Comunn na Gàidhlig, Joe MacNeil (quiz master) and Donald Henderson (MG Alba/Ceòlas). A special thank you to Mary Ann (CnaG) for organising this brilliant event. Shonnie Graham, S2 Gàidhlig

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy