Pòl Moireasdan

Thàinig Pòl Moireasdan a-stigh dhan sgoil an-dè airson bruidhinn mu dheidhinn am pàirt a th’air a bhith aig cànanan na bheatha. Dh’inns e dhuinn mu dheidhinn na diofar àitichean anns a bheil e air a bhith air sàilibh gu bheil tòrr chànanan aige: Gàidhlig, Gearmailtis, Ruisis cànan an Ukraine agus Spàinntis.  Tha e air a bhith anns a’ Ghearmailt, an Ruis agus an Spàinn.  Chaidh e cuideachd dhan Fhraing còmhla ri caraidean airson na h-Olympics ann am Paris.

Tha e air a bhith ann an oilthigh Dhun Eidinn agus Oxford agus a-nis tha e ann an Harvard.

Dh’inns e dhuinn gun chuidich Gàidhlig e ann a bhith ag ionnsachadh cànanan eile gu h-àraid Gearmailtis. Bha e ag ràdh nuair a tha thu ag ionnsachadh cànanan gu bheil e a’ toirt dhut cothrom ionnsachadh mu dheidhinn a’ chultar agus na dòighean aig na daoine a tha dha bhruidhinn cuideachd.

Tha e air a bhith ann am mòran àitichean agus mar sin tha e air tòrr chothroman fhaighinn a bhith a’ ruith (fear de na cur-seachadan a tha gu math cudromach dha) ann an àitichean eadar-dhealaichte.

An uair a bhitheas e deiseil anns an oilthigh tha e ag iarraidh a bhith a’ teagasg Ruisis ann an oilthigh.

Chòrd e rinn gu mòr coinneachadh ri Paul agus bha e uabhasach inntinneach cluinntinn mu dheidhinn na cothroman a tha e air fhaighinn a thaobh gu bheil ùidh aige ann an cànanan.

 

Ava Peers, Iona MacInnes, Màiri MacInnes, Chiara Fisher

Sabhal Mòr Ostaig

Chuir sinn fàilte mhòr air Murchadh MacSuain, a thàinig a Sgoil Lìonacleit Diluain 16 An Dùbhlachd airson bruidhinn ri sgoilearan mun cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.

We were delighted to welcome Murdo MacSween who came to Sgoil Lìonacleit on Monday 16 December to speak to classes about the Gaelic college Sabhal Mòr Ostaig. Murdo delivered an engaging presentation and spoke to pupils about employment opportunities associated with Gaelic.

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy