Pòl Moireasdan

Thàinig Pòl Moireasdan a-stigh dhan sgoil an-dè airson bruidhinn mu dheidhinn am pàirt a th’air a bhith aig cànanan na bheatha. Dh’inns e dhuinn mu dheidhinn na diofar àitichean anns a bheil e air a bhith air sàilibh gu bheil tòrr chànanan aige: Gàidhlig, Gearmailtis, Ruisis cànan an Ukraine agus Spàinntis.  Tha e air a bhith anns a’ Ghearmailt, an Ruis agus an Spàinn.  Chaidh e cuideachd dhan Fhraing còmhla ri caraidean airson na h-Olympics ann am Paris.

Tha e air a bhith ann an oilthigh Dhun Eidinn agus Oxford agus a-nis tha e ann an Harvard.

Dh’inns e dhuinn gun chuidich Gàidhlig e ann a bhith ag ionnsachadh cànanan eile gu h-àraid Gearmailtis. Bha e ag ràdh nuair a tha thu ag ionnsachadh cànanan gu bheil e a’ toirt dhut cothrom ionnsachadh mu dheidhinn a’ chultar agus na dòighean aig na daoine a tha dha bhruidhinn cuideachd.

Tha e air a bhith ann am mòran àitichean agus mar sin tha e air tòrr chothroman fhaighinn a bhith a’ ruith (fear de na cur-seachadan a tha gu math cudromach dha) ann an àitichean eadar-dhealaichte.

An uair a bhitheas e deiseil anns an oilthigh tha e ag iarraidh a bhith a’ teagasg Ruisis ann an oilthigh.

Chòrd e rinn gu mòr coinneachadh ri Paul agus bha e uabhasach inntinneach cluinntinn mu dheidhinn na cothroman a tha e air fhaighinn a thaobh gu bheil ùidh aige ann an cànanan.

 

Ava Peers, Iona MacInnes, Màiri MacInnes, Chiara Fisher

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy