FilmG Awards Ceremony

60.jpg

Tha sinn moiteil à Sarah NicDhòmhnaill agus Isa Bell a riochdaich an sgoil aig Duaisean Film G air 7mh Am Màrt. Tha sinn taingeil do Mhairi Anna Chaimbeul a chaidh a Ghlaschu còmhla ri na sgoilearan agus a chuir an turas air dòigh. Ged nach do bhuannaich am film againn duais, chord e ri na sgoilearan a bhith a’ gabhail pàirt anns an fharpais agus abair gu bheil iad air sgilean ùra ionnsachadh. Taing do Heather NicDhomhnaill agus Dòmhnall MacEanraig a chuidich na sgoilearan leis a’ film.


Sarah MacDonald and Isa Bell are to be commended for representing the S1 Gàidhlig class at this year’s Film G awards which were held in Glasgow on Friday 7th March. We are grateful to Mary Ann Campbell (CnaG) for accompanying the pupils and for organising the trip. Although our film didn’t win an award, the class enjoyed learning new skills as they worked on the film. We are also very grateful for the assistance provided by Heather MacDonald and Donald Henderson.

FilmG bhidio

Tha S1 a’ toirt sùil air buaidh fònaichean-làimhe air am beatha fhèin agus beatha dhaoine mun cuairt orra. Dè bhios sinn a’ dèanamh leotha? An dèan sinn an gnothach as an aonais?


In this film, S1 pupils pose significant questions about mobile phones. What purpose do we use them for? Are we capable of living without our phones? Who tends to be more addicted, young people or adults?

 

For more of our school entries please click here and enjoy.

FilmG 2025

Rinn buidheann sgoilearan ann an S1 ann an Sgoil Lionacleit film airson FilmG 2024, a’ toirt beachd air mar a bhios iad fhèin is deugairean eile a’ cleachdadh fònaichean-làimhe. Rinn iad agallamhan le feadhainn anns a’ bhuidheann, airson rud beag fhaighinn a-mach mu dheidhinn na bhios iad a’ dèanamh leis na fònaichean aca agus chlàr iad tòrr shuidheachaidhean eadardhealaichte as am bi iad gan chleachdadh. Rinn iad cuideachd agallamhan le inbhich airson sealladh fhaighinn air na bhios iadsan a’ dèanamh le fònaichean-làimhe. Bha am beachd a bha aca gu math inntinneach agus a’ sealltainn gu bheil sinn uile fo bhuaidh na fònaicheanlàimhe.Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dhan fheadhainn a rinn agallamhan agus gu Heather Dhòmhnallach agus Dòmhnall MacEanruig (Community Content Creator MG Alba) airson an taic a thug iad dhuinn a’ clàradh. Cumaibh sùil a-mach air a shon air duilleag FilmG.


Some of the pupils in S1 in Sgoil Lionacleit decided to make a film about mobile phones for their FilmG entry this year. They were wanting to find out what relationship young people have with their phones, and they interviewed some of the group to find out what they use their phones for. They also filmed lots of different shots, highlighting different times and scenarios that they use their phones. An important part of the film was getting to interview some adults to find out what they use their phones for and the group found this topic very interesting and topical. We would like to thank all the adults that we interviewed and Heather MacDonald & Donald Henderson for their help with the filming. Keep an eye out on the FilmG page for their film.

 

Scottish Youth Film Festival Award

Tha sinn air ar dòigh innse gu bheil am Film G a rinn sinn an-uiridh air duais eile a bhuannachadh! Fhuair am fiolm Aillse – Sealladh Marsaili duais airson a’ fiolm aithriseach as fheàrr aig Fèis Fiolm na h-Òigridh bho chionn ghoirid. Mealaibh ur naidheachd, a Mharsaili, Clover agus Lewis.


We are delighted to announce that last year’s Film G entry has continued to win awards! Aillse – Sealladh Marsaili, our 2023 entry, recently won Best Documentary in the 13-18 age category at the Scottish Youth Film Festival. Well done to Marsaili, Clover and Lewis.

Report a Glow concern
Cookie policy  Privacy policy