Rinn buidheann sgoilearan ann an S1 ann an Sgoil Lionacleit film airson FilmG 2024, a’ toirt beachd air mar a bhios iad fhèin is deugairean eile a’ cleachdadh fònaichean-làimhe. Rinn iad agallamhan le feadhainn anns a’ bhuidheann, airson rud beag fhaighinn a-mach mu dheidhinn na bhios iad a’ dèanamh leis na fònaichean aca agus chlàr iad tòrr shuidheachaidhean eadardhealaichte as am bi iad gan chleachdadh. Rinn iad cuideachd agallamhan le inbhich airson sealladh fhaighinn air na bhios iadsan a’ dèanamh le fònaichean-làimhe. Bha am beachd a bha aca gu math inntinneach agus a’ sealltainn gu bheil sinn uile fo bhuaidh na fònaicheanlàimhe.Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dhan fheadhainn a rinn agallamhan agus gu Heather Dhòmhnallach agus Dòmhnall MacEanruig (Community Content Creator MG Alba) airson an taic a thug iad dhuinn a’ clàradh. Cumaibh sùil a-mach air a shon air duilleag FilmG.
Some of the pupils in S1 in Sgoil Lionacleit decided to make a film about mobile phones for their FilmG entry this year. They were wanting to find out what relationship young people have with their phones, and they interviewed some of the group to find out what they use their phones for. They also filmed lots of different shots, highlighting different times and scenarios that they use their phones. An important part of the film was getting to interview some adults to find out what they use their phones for and the group found this topic very interesting and topical. We would like to thank all the adults that we interviewed and Heather MacDonald & Donald Henderson for their help with the filming. Keep an eye out on the FilmG page for their film.