Bho chionn fhada bha balach beag ann agus b’ e Bob an t-ainm a bh ‘air. Aon oidhche bha an trom-laighe air Bob agus ruith e dhan chàr. Bha e air chall airson ùine mhòr. Dh’fhòn an leannan, Amy, am fòn-làimhe aig Bob ach cha d’ fhuair i freagairt. Dh’ fhòn Amy am poilis, ach cha do lorg iad Bob idir.
Bha Bob air chall airson naoi bliadhna!
Aon latha bha Bob ann an Tesco. Chunnaic e boireannach ach cha robh fhios aige gur e bana-bhuidseach a bh’innte! Bha a’ bhana-bhuidseach ag radh, “Thig dhachaigh còmhla rium. Chaidh Bob dhan taigh aice an uair sin. “Dè tha thusa a’ deanamh an seo?”dh’fhaighneachd a’ bhana-bhuidseach. “Thuirt thusa thig còmhla rium!”
“Thalla agus faigh fiodh airson an teine”, thuirt a’ bhana-bhuidseach. Chaidh Bob a-mach airson fiodh. Thàinig Bob air ais le tòrr fiodh. Chuir a’ bhana-bhuidseach fiodh air an teine.
Ach cha robh gu leòr fiodh ann agus cha robh a’ bhanabhuidseach idir toilichte. Mar sin chuir i Bob ann an cèidse. Ach bha prìne aig Bob agus dh’fhosgail e doras a’ chèidse leis. Fhuair e a-mach.
Thill Bob air ais gu Amy, an leannan, agus bha iad còmhla gu brath tuilleadh.