A’ choille cheothach.

 

le Lyall Morgan

 

Aon latha bha caraidean, Bob agus Nathan, a’ cluich anns a’ ghàrradh aig Nathan . Nuair a bha iad dìreach a’ dol air ais dhan taigh airson dìnneir chunnaic Bob duine aosta le làmhag thairis an fheansa.

Choisich an duine aosta dhan choille cheòthach. Ruith Bob agus Nathan as a dhèidh ach chaidh iad air chall.

Chunnaic iad bothan beag le teine. Bha Bob agus Nathan cho fuar is gun do ruith iad a-staigh. Bha e cho blàth an sin agus thuit iad nan cadal.

An ath latha dhùisg iad ann an cèidse le stoban biorach. Dh’ èigh iad cho làidir ‘s a b’ urrainn dhaibh ach cha robh duine faisg orra ach an duine aosta eagalach. Thug an duine aosta Bob a-mach as a’ chèidse agus dh’ fheuch e ri chuir san àmhainn ach b’ e black belt ann an karate a bh’ann am Bob. Bhual e an duine aosta agus chur Bob an duine aosta dhan àmhainn. An uair sin dh’ fhosgail Bob an cèidse airson Nathan.

Ruith iad air ais dhan taigh aig Nathan agus ràinig iad an taigh airson an dìnneir.

Chan fhaca iad an duine aosta eagalach a-rithist. Bha iad toilichte gu bràth tuilleadh.

 

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *