An Dèireadh Sheachdain

Air Disathairne dh’èirich mi aig leth uair as deidh sia. Dh’èirich mi trath air sgàths gun robh mi nearbhach mu dheidhinn Feis Ciuil Inbhir Chluaidh. Chluich mi air an DS agam airson leth uair agus an uair sin aig seachd uairean chaidh mi dhan chidsean agus dh’ith mi cereal. Cha robh mi ag ith torr dhe air sgàth bha mi a’ faireachdain bochd.

Nuair a chaidh mi gu Talla a’ Bhaile comhla ri mo Mhamaidh bha mo Sheanamhair an sin cuideachd. Shuidhe mi comhla riutha ach as deidh an sgoil-àraich bha agam ri suidhe aig an aghaidh. Sheinn mise an tòiseach an uair sin Rowan agus Stacie. Bha nighean eile ann bho sgoil eile leis an t-ainm Iris. Bhuanaich Iris angus fhuair mise an darna àite. Fhuair 83 puingean. Airson an còisir ‘s e dìreach sinne a bh’ ann. Ach rinn sinn uabhsach math.

Chaidh sinn gu café as deidh an Fhèis. Fhuair mi ceic agus bha e uabhasach blasta. Bha mo Mhathair agus mo Sheanamhair ag òl tì. An uair sin chaidh sinn dhachaigh agus  agus chaidh mi gu Morrisons comhla ri m’ athair agus Ruairidh. Bha mise agus Ruairidh ag iarraidh Nutella agus bha sinn  dìreach ga chuir anns an trolley agus cha robh fhios aig m’ athair.

Chaidh sinn air ais gu Talla a’ Bhaile air an oidhche airson an Action Song agus òrain a chòisir a’ sheinn. Nuair a bha sinn deiseil bha mi uabhasach sgìth. Leugh mi  Skulduggery Pleasant Resurrection Book 10 mus deach mu gu gu caidil.

Air Didòmhnaich chaidh mi a’ snàmh còmhla ri m’ athair agus mo phuithar Màiri. Bha sinn a’ dèanamh reisean, ach bha Màiri a’ dol slaodach air sgàths nach eil mi uabhasach math air snàmh. Bha e uabhsach spòrsail. As deidh snàmh chidh sinn gu na bùthan. Chaidh sinn gu WH Smith agus bha mi a’ coimhead air na pinn agus rudan. An uair sin chaidh sinn gu chippy agus dh’ithe sinn chips. Bha iad uabhasach blasta.

Nuair a chaidh sinn dhachaigh chluich mi Tomodachi Life air an DS agam. Feumaidh tu coimhead as deidh na daoine air an t-eilean. Faodaidh iad a’ dèanamh caraidean ri chèile agus faodaidh thu biadh, aodach agus rudan diofraichte a’ cheannach. Tha rum agam agus chòsg £20, 000, agus tha dreasa agam a chosg £9, 900.  ‘S toil leum a’ cluich air Tomodachi Life. Tha mi air caractaran a dhèanamh airson Stacie, Rowan agus Lyle bhon chlas againn.

Bha deireadh sheachdain sgoinneil agam.

 

2 thoughts on “An Dèireadh Sheachdain”

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *