Ar blog…… Dè thachair? Our blog…… What happened?

Tha sinn a-nis gu math faisg air deireadh na bliadhna…agus chan eil sinn air tòrr rudan inntinneach a chuir air am blog seo, a bheil? Saoil dè thachair? An robh sinn trang?

Am bliadhna tha sinn air a bhith gu math soirbheachail!

Chaidh sinn gu Mòd Ionadail Ghlaschu air an 13mh latha den t-Ògmhios, agus nach sinn a rinn math! Ghleidh Còisir Chnoc a’ Chonaisg an dàrna duais airson am puirt-à-beul, agus bha na sgoilearan eile againn soirbheachail ann an co-fharpaisean diofraichte. Bha sgoilearan bho na clasaichean Beurla cuideachadh a gabhail pàirt. Ghleidh Alex agus Kirsten bho P6A a’ chiad duais airson beul-aithris (9-10) agus seinn (11-12) airson luchd-ionnsachaidh.