Category Archives: Buddies

Mo charaid sonraichte

Am bliàdhna seo tha clas 7 ag obair comhla-ri GP1. ‘S toil leum a bhith caraid sonraichte airson sgoilear òg. ‘S e David ainm am buddy agam. ’S toil David ri bhith cluich le dèideagean. An toisheach bha mi iomagaineach ach a-nis tha mi faireachdain sgoinneil mu dheidhinn na buddies. Nuair a bha sinn a-mach airson àm cluich bha agam ri cuir na brogan agus an cota air David. Ach a-nis tha e a dèanamh e leis fhein. Nuair a bha sinn a-mach anns an raon-cluich bha tòrr obair againn. Bha cuirm-cnuic againn comhla-ri na caraidean beag. Bha ceapairean, briosgaidean, deoch agus rubarb crumble againn. Tha mi ag obair comhla-ri Blair bho GP4-7 le David.

MO CHARAID SONRAICHTE!

’S e Mikey ainm a charaid beag agam. Tha Mikey coig bliadhna dh’aois. ‘S toil leis a bhith a cluich còmhla-ri David agus Gabriel. Tha iad a cluich tig. Aig an toiseach bha Mikey diùid, ach a-nis tha e gu math toilichte. Rinn sinn dealbhan le cailc air an raon-cluich. Tha sinn air a bhith a cluich leotha tòrr agus tha iad toilichte san sgoil.Tha fios againn gu bheil uallach mòr ann a bhith a coimhead as deidh clann òg .Tha mi air tòrr ionnsachanadh.

Mo charaid sonraichte!

‘S e David ainm a charaid sonraichte agam. Aig an toiseach bha David cho diùid ach a-nis chan eil e. Uaireanan tha David mi-mhodhail, ach uaireanan tha a laghach. ’S e Mikey an caraid as fhearr aig David. ’S e Mikey an caraid sonraichte aig Eoghainn. Tha David a toirt dhomh tòrr hugs. Tha sinn uile a faighinn air adhart cho math. Tha mi fhein agus Mairi a coimhead as deidh David comhla-ri cheile. Tha an geama as fhearr aig David “Hide and Seek”, tha e cho math air. Tha David cho lùth-mhòr agus eibhinn, agus tha e a bruidhinn le blas Aimeireaganach.

Dh’ionnsaich mi ciamar a tha thu a coimhead as deidh gille beag ach uaireanan tha e cho doirbh. Chan eil fhios agam ciamar a tha pàrantan ga dhèanamh.

Mo Charaid Sonraichte!

Tha clas a seachd air a bhith ag obair comhla ris na caraidean sonraichte aca ann an clas a h-aon . Tha sinn air tòrr ionnsachadh mu dheidhinn daoine òg a chuideachadh. Tha e gu math spòrsail a coimhead as deidh na caraidean sonraichte againn, ach tha e gu math doirbh cuideachd. Tha mi a tuigsinn a-nis gu bheil e gu math doirbh airson tidsearean oir tha tòrr clann aca, agus tha dìreach aon gu math doirbh uaireanan. ’S e gabriel ainm a charaid beag agam. Is toil gabriel a cluich le dèideagean, minions agus a cluich tig. Aig an toiseach bha agam ri cluich còmhla-ri le gabriel a h-uile latha, bha sin sgoinneil. Ach a-nis tha e dìreach a cluich leis na caraiden aige fhein. Tha mi rud beag brònach a-nis airson is toil leum a bhith a cluich còmhla ris. Tha mi a smaoineachadh gu bheil sinn air tòrr ionnsachadh bho na caraidean beag againn.