Mo shlighe ionnsachaidh

An t-seachdain seo dh’ionnsaich mi mu dheidhinn balans agus sreap ann an spors,  chòrd e rium oir rinn mi na monkey bars.  Bha iad  furasta dhomh.

A bharrachd air sin dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn  Teàrlach Rennie Mac an Tòisich ann an ealain, rinn sinn rannsachadh air an eadar-lion agus chòrd seo rium.

This week I learned about balance and climbing in P.E, I liked it a lot because I did the Monkey bars. Also I learned about Charles Rennie Mackintosh in art we did research on him as an artist, I loved it.

 

An shlighe ionnsachaidh

An t-seachdain seo dh’ ionnsaich mi mu dheidhinn Teàrlach Rennie Mac an Tòisich. ‘S e neach-ealain agus neach-deilbh a bh’ ann. Bha sinn ag obair ann dithisean airson fiosrachadh a’ lorg mu dheidhinn Teàrlach Rennie Mac an Tòisich. Chleachd sinn na sgìlean ag obair comhla ri daoine eile.

Image result for charles rennie mackintosh designs

A bharrachd air sin tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn tomhais ann matamataigs. Chleachd sinn tèip-tomhais, metre stick agus rùilear airson rudan a tomhais. Bha sinn a tomhais cho àrd sa tha an doras, an leabharlann, am bòrd agus am bòrd geal. Chluich mi geama tomhais air ‘Education City’. ‘S e Measure Island’ an t-ainm air an geama.

Chòrd e ruim ag obair ann dithisean agus a tomhais pàirtean den bhodhaig again. Cuideachd bha sinn a tomhais  cho àrd a tha sinn.

Ann an spòrs tha sinn air a bhith a’ dèanamh lùth-chleasachd. Is toil leum lùth-chleasachd oir tha e spòrsail a’ dèanamh ‘monkey bars’ agus ‘forward roll’. Is toil leum a’ coiseachd air being. Cleachd mi na sgìlean balans.

 

 

 

 

Tha an dealbh bho: https://www.google.co.uk/search?site=&tbm=isch&source=hp&biw=1366&bih=673&q=charles+rennie+mackintosh+designs&oq=charles+re&gs_l=img.1.2.0l10.7229.10798.0.14809.10.10.0.0.0.0.758.1440.5j2j6-1.8.0….0…1ac.1.64.img..2.8.1428.W2z-tdPxvo0#imgrc=SR4GQK_y8XUQ2M:

Bob agus a’ Bhana-bhuidseach Ghruamach

 

Bho chionn fhada bha balach beag ann agus b’ e Bob an t-ainm a bh ‘air. Aon oidhche bha an trom-laighe air Bob agus ruith e dhan chàr. Bha e air chall airson ùine mhòr.  Dh’fhòn an leannan, Amy, am fòn-làimhe aig Bob ach cha d’ fhuair i freagairt.  Dh’ fhòn Amy am poilis, ach cha do lorg iad Bob idir.

Bha Bob air chall airson naoi bliadhna!

Aon latha bha Bob ann an Tesco. Chunnaic e boireannach ach cha robh fhios aige gur e bana-bhuidseach  a bh’innte! Bha a’ bhana-bhuidseach ag radh, “Thig dhachaigh còmhla rium.  Chaidh Bob dhan taigh aice an uair sin. “Dè tha thusa a’ deanamh an seo?”dh’fhaighneachd  a’ bhana-bhuidseach. “Thuirt thusa  thig còmhla rium!”

“Thalla agus faigh fiodh airson an teine”, thuirt a’ bhana-bhuidseach. Chaidh Bob a-mach airson fiodh. Thàinig Bob air ais le tòrr fiodh.  Chuir a’ bhana-bhuidseach  fiodh air an teine.

Ach cha robh gu leòr fiodh ann agus cha robh a’ bhanabhuidseach idir toilichte. Mar sin chuir i Bob ann an cèidse. Ach bha prìne aig Bob agus dh’fhosgail e doras a’ chèidse leis. Fhuair e a-mach.

Thill Bob air ais gu Amy, an leannan, agus bha iad còmhla gu brath tuilleadh.

 

 

 

A’ choille cheothach.

 

le Lyall Morgan

 

Aon latha bha caraidean, Bob agus Nathan, a’ cluich anns a’ ghàrradh aig Nathan . Nuair a bha iad dìreach a’ dol air ais dhan taigh airson dìnneir chunnaic Bob duine aosta le làmhag thairis an fheansa.

Choisich an duine aosta dhan choille cheòthach. Ruith Bob agus Nathan as a dhèidh ach chaidh iad air chall.

Chunnaic iad bothan beag le teine. Bha Bob agus Nathan cho fuar is gun do ruith iad a-staigh. Bha e cho blàth an sin agus thuit iad nan cadal.

An ath latha dhùisg iad ann an cèidse le stoban biorach. Dh’ èigh iad cho làidir ‘s a b’ urrainn dhaibh ach cha robh duine faisg orra ach an duine aosta eagalach. Thug an duine aosta Bob a-mach as a’ chèidse agus dh’ fheuch e ri chuir san àmhainn ach b’ e black belt ann an karate a bh’ann am Bob. Bhual e an duine aosta agus chur Bob an duine aosta dhan àmhainn. An uair sin dh’ fhosgail Bob an cèidse airson Nathan.

Ruith iad air ais dhan taigh aig Nathan agus ràinig iad an taigh airson an dìnneir.

Chan fhaca iad an duine aosta eagalach a-rithist. Bha iad toilichte gu bràth tuilleadh.